Skip to content

Dè Do Bheachd Air a’ Bhìoball?

Dè Do Bheachd Air a’ Bhìoball?

An canadh tu gur e . . .

  • leabhar gliocas dhaoine?

  • leabhar faoin-sgeòil agus ròlaistean?

  • Facal Dhè?

THA AM BÌOBALL AG RÀDH

“Tha an Sgriobtar uile air a dheachdadh le Dia.”—2 Timòteus 3:16, An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr 2017.

THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT

Freagairtean riaraichte do cheistean cudromach.—Gnàth-fhacal 2:1-5.

Stiùireadh earbsach airson ar beatha gach là.—Salm 119:105.

Dòchas fìor airson an t-àm ri teachd.—Ròmanaich 15:4.

AN CREID SINN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?

Creididh, airson cò-dhiù trì adhbharan:

  • Rèite iongantach. Tarsainn àm a thug 1,600 bliadhna, bha Am Bìoball air sgrìobhadh le 40 dhuine diofaraichte. Ged nach do thachair a cuid is motha dhiubh riamh ri chèile ge-tà, bha an leabhar uile rèidh, le aon meadhan-chuspair!

  • Eachdraidh onarach. A rèir coltas bi luchd-eachdraidh a’ cumail falach àmannan nach deach gu math do dhaoine fhèin. Ach, cha do rinn sgrìobhadairean a’ Bhìobaill sin idir, sgrìobh iadsan na fàilligidhean pearsanta aca fhèin agus aig an cuid nàiseanan.—2 Eachdraidh 36:15, 16; Salm 51:1-4.

  • Fàidheadaireachd earbsach. Mu dhà cheud bliadhna mun do sgriosar an t-sean Bhaile Mòr Bhàbilon, bha sin air innse sa Bhìoball. (Isaiah 13:17-22) Chan e a-mhàin dè an dòigh a thuiteadh Bàbilon, ach bha an ceannsaiche air ainmeachadh!—Isaiah 45:1-3.

    Thàinig tòrr eile fàidheadaireachd sa Bhìoball fìor, sìos gun a rud bu lugha. Ach nach e sin a bhiodh dùil againn bho Fhacal Dhè?—2 Peadar 1:21.

SMAOINICH AIR

Ciamar a nì Facal Dhè mo bheatha nas fhèarr?

Tha Am Bìoball a’ freagairt sin aig ISAIAH 48:17, 18 agus 2 TIMÒTEUS 3:16, 17.