Skip to content

Rìoghachd Dhè—Dè th’ ann?

Rìoghachd Dhè—Dè th’ ann?

An canadh tu gur i . . .

  • rudeigin nad chridhe?

  • dìreach sgeulachd?

  • riaghaltas anns na nèamhan?

THA AM BÌOBALL AG RÀDH

“Cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios.”—Daniel 2:44, Am Bìoball Gàidhlig 1992.

“Thugadh dhuinne mac; agus bidh uachdaranachd [riaghaltas] air a ghualainn.”—Isaiah 9:6.

THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT

  • Riaghaltas onarach a tha toirt beannachdan dhut-fhèin.—Isaiah 48:17, 18.

  • Anns an t-saoghal ri thighinn, beatha thoilichte gun tinneas.—Taisbeanadh 21:3, 4, An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr 2017.

AN CREID SINN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?

Creididh, airson co-dhiù dà adhbhar:

  • Sheall Ìosa dè nì an Rìoghachd Dhè. Theagaisg Ìosa ciamar a nì sinn ùrnaigh. Thuirt e: “Thigeadh do rìoghachd, gum biodh do thoil air a dèanamh, air an talamh mar a tha i air a dèanamh air nèamh.” (Mata 6:9, 10) Ciamar a thachras seo?

    Nuair a bha Ìosa air an talamh, thug e biadh gu daoine leis an acras, rinn e leigheas agus thug e beatha gu nam mairbh! (Mata 15:29-38; Eòin 11:38-44) Bidh Ìosa Riaghladair den Rìoghachd Dhè anns an t-àm ri teachd. Thug e ro-shealladh mìorbhaileach dè nì an Rìoghachd airson dhaoine.—Taisbeanadh 11:15.

  • Tha cùisean air an t-saoghal a’ sealltainn gun tig Rìoghachd Dhè a dh’aithgheàrr. Mus tigeadh Rìoghachd Dhè, thuirt Ìosa gum biodh ar saoghal làn cogaidhean, gortan agus crithean-talmhainn. An uair sin, biodh sìth air an t-saoghal.—Mata 24:3, 7.

    Chì sinn na cùisean sin an-diugh. Mar sin, ’s urrainn misneachd a bhith againn gun cuir an Rìoghachd Dhè gu crìoch na trioblaidean seo.

SMAOINICH AIR

Ciamar a bhios beatha coltach fo riaghladh Rìoghachd Dhè?

Tha Am Bìoball a’ freagairt sin aig SALM 37:29 agus ISAIAH 65:21-23.