Skip to content

Skip to table of contents

EARRAN 2

Cò an t-aon Dia Fìor?

Cò an t-aon Dia Fìor?

Chan eil ann ach aon Dia a tha fìor, agus ’s e Iehòbha an t-ainm th’air. (Salm 83:18) ’S e Spiorad a th’ann; tha e a’ fuireach anns na nèamhan, agus chan fhaic sinn idir e. Tha gràdh aige oirnn agus tha e ag iarraidh ar gràdh air ais, cuideachd tha e ag iarraidh sinn gràdh a shealltainn do dhaoine eile. (Mata 22:35-40) Is e esan an Tì as Àirde, Cruithear a h-uile nì.

B’e a’ chiad chruthachadh aig Dia, creutair neartmhor spioradail, ris an canar Iòsa Crìosd troimh a thìde air an talamh. Chruthaich Iehòbha na h-ainglean cuideachd.

Chruthaich Iehòbha a h-uile sìon anns na nèamhan . . . agus air an talamh. Taisbeanadh 4:11

Chruthaich Dia Iehòbha na rionnagan còmhla ris an talamh agus a h-uile sìon a tha air.—Genesis 1:1.

Dhealbh e Adhamh, a’ chiad duine bho dhuslach na talmhainn.—Genesis 2:7.