Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 04

Dia​—Cò e?

Dia​—Cò e?

Cho fad ’s a tha mac an duine air a bhith air an talamh, tha iad air dèanamh adhradh do iomadh diathan. Tha Am Bìoball a’ bruidhinn ge-tà mu aon Dia a tha “os cionn nan uile dhiathan.” (2 Eachdraidh 2:5) Cò tha sin? Agus Ciamar a tha e os cionn nan uile diathan a tha daoine ag adhradh? San leasan seo, faigh a-mach dè tha an Dia seo ag iarraidh ort ag ionnsachadh ma dheidhinn.

1. Dè an t-ainm a th’aig Dia? Agus ciamar as urrainn sinn a bhith cinnteach gu bheil e ag iarraidh oirnn a faighinn eòlas air?

Anns a’ Bhìoball tha Dia ag ràdh: “Is mise Iehòbhah, is e sin m’ ainm” (Leugh Isaiah 42:5, 8.) Tha ‘Iehòbha’ eadar-theangachadh den ainm Eabhraidheach a tha a’ ciallachadh ‘tha E ag Adhbharachadh a Bhith’ mar gum biodh. Tha Iehòbha ag iarraidh fhios a bhith againn air an ainm aige. (Ecsodus 3:15) Ciamar as urrainn sinn a bhith cinnteach air sin? Anns a’ Bhìoball tha an t-ainm aige ann barrachd na seachd mìle tursan! a Tha Iehòbha ainm “an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a-bhos.”​—Deuteronomi 4:39.

2. Dè tha Am Bìoball a’ soillearachadh mu Iehòbha?

Ged a tha mac an duine a’ dèanamh adhradh gu iomadh diathan, tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil Iehòbha an t-aon Dia fìor. Carson? Tha àrd-uachdaranachd aig Iehòbha agus tha esan a-mhàin “an Tì as àirde os cionn na talmhainn uile.” (Leugh Salm 83:18.) Tha e an “Dia, an t-Uile-Chumhachdach” agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil cumhachd aige airson dèanamh rud sam bith a tha e ag iarraidh. “Chruthaich [e] a-uile sìon”—anns an domhan agus beatha gu lèir air an talamh. (Taisbeanadh 4:8, 11) Neo-choltach ri duine sam bith eile tha Iehòbha an-còmhnaidh air a bhith ann agus bith e ann gu bràth.​—Salm 90:2.

IONNSAICH TUILLEADH

Smaoinich mu dè tha eadar-dhealaichte leis na tiotalan aig Dia agus an t-ainm pearsanta aige. An uairsin ionnsaich ciamar agus carson a dh’innis e an t-ainm sin dhut.

3. Tha dìreach aon ainm aig Dia

A bheil e gu diofar ma chleachdas sinn an tiotal aig cuideigin no an t-ainm pearsanta aca. Airson am freagairt a lorg, Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Dè an diofar eadar tiotal mar “Tighearna” agus ainm pearsanta?

Tha am Bìoball ag ràdh gu bheil daoine a’ dèanamh adhradh gu iomadh diathan agus tighearnan. Leugh Salm 136:1-3, agus bruidhinn mu na cheist seo:

  • Cò tha “Dhia nan diathan” agus “Thighearna nan tighearnan”?

4. Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi fios agad air agus gun cleachdaidh tu an t-ainm aige

Dè tha sealltainn gu bheil Iehòbha ag iarraidh fios a bhith agad air an t-ainm aige? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil Iehòbha ag iarraidh ort an t-ainm aige ag aithneachadh agus ga chleachdadh? Carson?

Cleachd an t-ainm Iehòbha. Leugh Ròmanaich 10:13, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè cho cudromach ’s a tha e a bhith cleachdadh an t-ainm Iehòbha, an t-ainm aig Dia?

  • Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn nuair a tha cuideigin a’ cuimhneachadh d’ ainm agus ga chleachdadh?

  • Nad bheachdsa, ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn nuair a tha thusa a’ cleachdadh an t-ainm aige?

5. Tha Iehòbha ag iarraidh ort a’ fàs nas fhaisge air

Thuirt aon boireannach, Soten bho Cambodia, gun robh i nas toilichte na bha i riamh nuair a dh’ionnsaich i ainm Dhè. Cluich Am BHIDIO, agus an uair sin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Anns a’ bhidio, dè am buaidh a thug ag ionnsachadh an t-ainm Dhè air Soten?

Nuair a tha thu ag iarraidh a bhith nad charaid cuideigin, an toiseach bi thu ag ionnsachadh an t-ainm aca. Leugh Sheumais 4:8a, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • Dè tha Iehòbha ag iarraidh ort a’ dhèanamh?

  • Ciamar a tha eòlas air ainm Dhè gad chuideachadh a bhith nas dlùithe ris?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha dìreach aon Dia ann, mar sin chan eil e gu diofar dè an t-ainm a th’ air.”

  • A bheil thusa a’ creidsinn gu bheil Iehòbha an t-ainm aig Dia?

  • Ciamar a bhiodh thusa a’ mìneachadh gu bheil Dia ag iarraidh oirnn an t-ainm aige a’ cleachdadh?

GEÀRR-IOMRADH

’S e Iehòbha an t-ainm an t-aon Dia fìor. Tha e ag iarraidh gum bi eòlas againn air agus a’ cleachdadh an ainm sin, gum bi sinn a’ teann nas dlùithe ris.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar a tha Iehòbha eadar-dhealaichte bho na diathan eile a tha daoine ag adhradh?

  • Carson am bu chor dhut a’ cleachdadh an t-ainm Dhè?

  • Dè tha sealltainn gu bheil Iehòbha ag iarraidh sinn a fàs nas fhaisge ris?

Amas

RANNSAICH

Smaoinich mu còig adhbharan gu bheil Dia ann, le cinnt.

“A Bheil Dia Ann?” (Artaigil-lìn)

Carson a tha e reusanta a bhith a’ chreidsinn gu bheil Dia an còmhnaidh air a bhith ann?

“Who Made God?” (The Watchtower, August 1, 2014)

Ionnsaich carson a dh’fheumas sinn a cleachdadh an t-ainm aig Dia, ged nach eil sinn buileach cinnteach ciamar a chanas sinn e.

“Who Is Jehovah?” (Artaigil-lìn)

A bheil e gu diofar dè chleachdas sinn airson ainm Dhè? Faic carson an urrainn sinn ag ràdh gu bheil dìreach aon ainm aige.

“How Many Names Does God Have?” (Artaigil-lìn)

a Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dè tha an t-ainm Dhè a’ ciallachadh, agus carson a tha feadhainn den eadar-theangachaidhean air thoirt an t-ainm a-mach, faic Appendix A4 anns an New World Translation of the Holy Scriptures.