Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 05

Tha Am Bìoball Teachdaireachd bho Dhia Dhuinn

Tha Am Bìoball Teachdaireachd bho Dhia Dhuinn

Thug Iehòbha dhuinn tìodhlac mìorbhaileach​—cruinneachadh de 66 leabhraichean beaga ann an aon leabhar, Am Bìoball. Is dòcha gun saoilidh tu: ‘Cò às a tha Am Bìoball? is Cò an t-Ùghdar?’ Airson freagairtean a lorg do na ceistean seo, bruidhnidh sinn an-dràsta mu ciamar a thàinig Am Bìoball dhuinn.

1. Ma sgrìobh mac an duine Am Bìoball, ciamar as urrainn sinn ag ràdh gu bheil Dia an t-Ùghdar?

Sgrìobh mu 40 daoine Am Bìoball thairis air 1,600 bliadhna, bho 1513 R.C. suas gu timcheall air 98 A.C. Ged a bha dòigh beatha eadar-dhealaichte aig gach sgrìobhadair, tha gach pìos dem Bìoball ag aontachadh. Ach a bheil seo comasach? Tha, air sgàth ’s gu bheil Dia an t-Ùghdar den Bhìoball. (Leugh 1 Tesalònianaich 2:13.) Cha robh na sgrìobhadairean a’ cur sìos na smuaintean aca fhèin. Ach bha iad “air an giùlain leis an Spiorad Naomh, bhruidhinn. . . o Dhia.” a (2 Peadar 1:21) Chleachd Dia an spiorad naomh airson dheachdadh agus brosnachadh daoine ri chur sìos na smuaintean aige.​—2 Timòteus 3:16.

2. An urrainn a h-uile duine a buannachadh bhon a’ Bhìoball?

Faodaidh “a h-uile nàisean is treubh is teanga is sluagh” a buannachadh bhon deagh sgeul a lorg sinn anns a’ Bhìoball. (Leugh Taisbeanadh 14:6.) Rinn Dia cinnteach gum bi Am Bìoball ri fhaighinn ann am barrachd chànain na leabhar sam bith eile ann an eachdraidh. Chan eil e gu diofar cò às a tha cuideigin no dè an cànan a th’ aige cha mhòr, ’s urrainn dhaibh Am Bìoball fhaighinn.

3. Ciamar a tha Iehòbha Am Bìoball a’ dìonadh?

Bha Am Bìoball air sgrìobhadh air stuth nach eil mhaireannach mar leathar agus paipireas. Ach rinn daoine earbsach copaidhean a’ Bhìobaill a-rithist ’s a-rithist le làimh. A dh’aindeoin gun do dh’fheuch daoine cumhachdach Am Bìoball a cuir às, bha daoine dìleas, fiù ’s gu bàs, airson Am Bìoball a chumail sàbhailte. Cha leig Iehòbha duine no rud sam bith stad a chuir airsan a bhruidhinn dhuinn. Tha Am Bìoball ag radh gun: “seasaidh facal ar Dè-ne gu sìorraidh”​—Isaiah 40:8.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich tuilleadh mu ciamar a bhrosnaich Dia daoine Am Bìoball a sgrìobhadh, ciamar a dhìon e e agus ciamar a thug e cothrom do dhaoine a’ leughadh.

4. Tha Am Bìoball a’ sealltainn cò an t-Ùghdar

Cluich am BHIDIO. An uairsin Leugh 2 Timòteus 3:16, agus bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Ma sgrìobh daoine Am Bìoball carson a tha e air ainmeachadh Am Facal Dhè?

  • A bheil e reusanta a’ chreidsinn gun do chuir Dia na smuaintean aige gu mac an duine? Dè do bheachd?

’S dòcha tha neach-obrach a’ sgrìobhadh sìos an litir ach tha an teachdaireachd a’ tighinn bho am fear a thuirt e. San aon dhòigh, sgrìobh mac an duine Am Bìoball ach tha an teachdaireachd a’ tighinn à Dia

5. Tha Am Bìoball maireann a dh’aindeoin ionnsaighean

Ma tha Am Bìoball bho Dhia, bidh dùil againn gun cùmadh e e sàbhailte. Tro eachdraidh tha daoine cumhachdach air fheuchainn Am Bìoball a toirt gu sgrios agus tha ceannardan creideimh air a chuir e air falach. A dh’aindeoin an cunnairt, tha mòran dhaoine air obair a’ dhèanamh airson Am Bìoball a cumail sàbhailte fiu ’s fo chunnart bàis. Ionnsaich mu aon fhear a rinn seo, Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • A bheil an eòlas mu dè bha iad deònach a’ dhèanamh, airson Am Bìoball a cumail sàbhailte, gad ghluasadh a leughadh tuilleadh. Carson?

Leugh Salm 119:97, agus an uairsin bruidhinn mun cheist seo:

  • Dè tha a’ bhrosnachadh daoine a cur am beatha aca ann an cunnart airson Am Bìoball eadar-theangachadh?

6. Leabhar airson a h-uile duine

Ann an eachdraidh chan eil leabhar sam bith eile air a bhith eadar-theangachadh no sgaoileadh barrachd nam Bìoball. Leugh Gnìomhan 10:34, 35, agus bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • Carson a tha Dia ag iarraidh gum bi Am Facal-sa air eadar-theangachadh is sgaoileadh cho fad is farsaing?

  • Dè bu toil leatsa mun a’ Bhìoball?

Faodaidh faisg air

100%

den muinntir an t-saoghail

Am Bìobaill fhaighinn ann an cànan a tha iad a thuigsinn

Ri fhaighinn ann am barrachd na

3,000

cànain

gu lèir no ann am pàirt

5,000,000,000

An àireamh thuairmsichte de copaidhean,

barrachd na leabhar sam bidh eile

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha Am Bìoball dìreach seann-leabhar sgrìobhte le mac an duine.”

  • Dè do bheachd-sa?

  • Dè am fianais a th’ ann gu bheil Am Bìoball Am Facal Dhè?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Am Bìoball Am Facal Dhè, agus rinn e cinnteach gum bi e ri fhaighinn airson a h-uile duine.

Ath-sgrùdadh

  • Dè tha e a’ ciallachadh nuair a chanas sinn gun do bhrosnaich Dia mac an duine Am Bìoball a sgrìobhadh.

  • Dè tha toirt buaidh ort mun eadar-theangachadh, sgaoileadh agus an dòigh a mhair Am Bìoball beò?

  • Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn mun oidhirp a rinn Dia airson a bhruidhinn riutsa?

Amas

RANNSAICH

Leugh mu eachdraidh a’ Bhìobaill​—bho seann-sgrìobhaidhean gu eadar-theangachaidhean an latha an-diugh.

“How the Bible Came to Us” (Awake!, November 2007)

Ionnsaich ciamar a mhair Am Bìoball beò a’ dh’aindeoin trì cunnartan mòra.

“The Bible​—A Story of Survival” (The Watchtower No. 4 2016)

Faic na cunnartan a bha daoine a’ dèiligeadh ris airson Am Bìoball eadar-theangachadh.

They Valued the Bible (14:26)

Tha Am Bìoball air a bhith copaigeadh iomadh tursan. Ciamar as urrainn thu a bhith cinnteach nach eil an teachdaireachd aig Dia air atharrachadh?

“Has the Bible Been Changed or Tampered With?” (Artaigil-lìn)

a Bidh Leasan 07 a’ mìneachadh gu bheil an spiorad naomh an spiorad Dhè.