Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 07

Cò ris a tha Dia Coltach?

Cò ris a tha Dia Coltach?

Nuair a’ smaoineachadh tu air Dia Iehòbha, dè tha tighinn nad inntinn? A bheil e neartmhor, ach fada air falbh bhuad mar ruinneagan ann an reul-chrios anns na speuran? No a bheil e cumhachdach ach gun pearsantachd mar stoirm tàirneanaich? Cò ris a tha Iehòbha fìor choltach? Tro am Facal-sa, Am Bìoball, tha Dia ag innse dhuinn na buadhan aige agus gu bheil cùram aige dhuinn.

1. Carson nach urrainn sinn a faicinn Dia?

“Is e spiorad a th’ ann an Dia” (Eòin 4:24) Chan eil corp fiosaigeach aig Iehòbha. ’S e Spiorad a tha e, beò ann an nèamh, àite nach eil ri fhaicinn.

2. Dè tha feadhainn de na buadhan aig Iehòbha?

Ged nach eil Iehòbha ri fhaicinn, ’s e fìor Phearsa a th’ ann le buadhan sònraichte agus faodaidh sinn a teann dlùth ris. Tha Am Bìoball ag ràdh “Oir is toigh Leis an Tighearna breitheanas” agus cha trèig e iad a tha dìleas. (Salm 37:28) Cuideachd tha e “iochdmhor is tròcaireach” gu h-àraid le iad a tha fulang. (Sheumais 5:11) “Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.” (Salm 34:18) An robh fios agad, le ar gnìomhan faodaidh sinn a dhèanamh Dia Iehòbha toilichte no mì-thoilichte? Nuair a tha cuideigin a’ dèanamh rudeigin ceàrr bidh Iehòbha brònach. (Salm 78:40,41) Ach, nuair a tha cuideigin a’ dèanamh rudeigin ceart bidh Dia toilichte.​—Leugh Gnàth-fhacal 27:11.

3. Ciamar a tha Dia a’ sealltainn gràdh dhuinn?

’S e gràdh a tha am buaidh as barraichte aig Dia. Gu dearbh, “Oir is gràdh Dia” (1 Eòin 4:8) Chan eil e tron a’ Bhìoball a-mhàin a tha Dia a’ sealltainn gràdh ge-tà, ach tro na rudan a chruthaich e cuideachd. (Leugh Gnìomhan 14:17.) Mar eisimpleir, smaoinich mu chiamar an do chruthaich Dia sinne; an dòigh am faod sinn a faicinn dathan brèagha, a cluinntinn ceòl bòidheach, agus ag ithe biadh blasta. Tha e ag iarraidh gum bi sinn toilichte nar beatha.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich ciamar a tha Dia a’ dèanamh rudan iongantach. An uair sin faic ciamar a tha Dia a’ sealltainn gu bheil buadhan mìorbhaileach math aige.

4. An spiorad naomh​—An spiorad Dhè

Dìreach mar a bhios sinn a’ cleachdadh ar làmhan airson ag obair, tha Iehòbha a’ cleachdadh an spiorad naomh. Tha Am Bìoball ag innse dhuinn nach eil an spiorad naomh pearsa ach an neart a tha Dia a’ cleachdadh airson rudan a dhèanamh. Leugh Lùcas 11:13 agus Gnìomhan 2:17, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • “Gun dòirt [Dia] a-mach. . . Spiorad” air iad a tha a’ faighneachd air a shon. Mar sin, a bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil an spiorad naomh pearsa no am forsa aig Dia? Carson a tha thu ag ràdh sin?

Tha Iehòbha a’ cleachdadh an spiorad naomh airson rudan mìorbhaileach a dhèanamh. Leugh Salm 33:6 agus 2 Peadar 1:​20,21, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a tha Iehòbha a’ cleachdadh an spiorad naomh aige?

5. Tha buadhan brèagha aig Iehòbha

Bha Maois neach-adhraidh dìleas, ach, bha e airson faighinn a-mach barrachd mun a Chruithear. Thuirt Maois ris: “nochd dhomh do shlighe, a-chum is gum bi aithne agam ort.” (Ecsodus 33:13) Nuair a fhreagairt Iehòbha, sheall e dhasan dè seòrsa pearsa a tha e. Leugh Ecsodus 34:​4-6, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè na pàirtean den buadhan aige a sheall e gu Maois ma-thà?

  • Dè na buadhan aig Iehòbha is toil leat gu sonraichte?

6. Tha cùram aig Iehòbha airson daoine

Bha na Eabhraidhich, am muinntir aig Dia, tràillean ann an Èipheit. Ciamar a bha Iehòbha a’ faireachdainn nuair a bha iad a fulang? Cluich am FUAIM agus lean an leabhar-èisteachd, no leugh Ecsodus 3:1-10. An uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Dè tha an cunntas seo ag innse dhut mu chiamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn mu fulang mac an duine?​—Faic rannan 7 agus 8.

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil Iehòbha ag iarraidh daoine a cuideachadh agus gun urrainn e? Carson, no carson nach eil?

7. Tha nàdar a’ sealltainn na buadhan aig Iehòbha

Tha Iehòbha a’ sealltainn na buadhan aige tron cruthachadh. Cluich am BHIDIO. An uairsin leugh Ròmanaich 1:​20, agus bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Dè na buadhan aig Iehòbha a chì thu anns na rudan a chruthaich e?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha Dia dìreach fòrsa sa h-uile àite, chan e pearsa a th’ann.”

  • Dè do bheachd-sa?

  • Carson a tha thu a’ faireachdainn mar sin?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Iehòbha spiorad neo-fhaicsinneach, le iomadh buadhan sonraichte, gu h-àraid gràdh.

Ath-sgrùdadh

  • Carson nach urrainn sinn a faicinn Iehòbha?

  • Dè th’ann an spiorad naomh?

  • Dè tha feadhainn de na buadhan aig Iehòbha?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich tuilleadh mu Iehòbha agus na ceithir prìomh buadhan aige.

“What Is God Like?” (The Watchtower No. 1 2019)

Meòraich air am fianais nach eil Iehòbha anns a h-uile àite.

“Is God Everywhere, Omnipresent?” (Artaigil-lìn)

Faic carson a tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil an spiorad naomh na làmhan Dhè.

“What Is the Holy Spirit?” (Artaigil-lìn)

Bha e doirbh airson fear dall a chreidsinn gun robh gràdh aig Dia air a shon. Faigh a-mach dè dh’atharraich na h-inntinn aige.

“I Now Feel That I Can Help Others” (The Watchtower, October 1, 2015)