Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 08

Faodaidh tu a Bhith nad Charaid do Iehòbha

Faodaidh tu a Bhith nad Charaid do Iehòbha

Tha Iehòbha ag iarraidh gum fàsaidh tu nas eòlaiche air. Carson? Tha e an dòchas nuair a tha sinn ag ionnsachadh tuilleadh mun pearsa aige, na buadhan aige, agus dè tha e ag iarraidh air ar son, gum bi sinn ag iarraidh a bhith nar caraid aige. An urrainn dhut a bhith caraid Dhè gu dearbh? (Leugh Salm 25:14.) Dè as urrainn dhut a dèanamh airson a bhith nad charaid Dia? Tha Am Bìoball a freagairt na ceistean seo agus a sealltain carson a tha càirdeas le Iehòbha cho cudromach.

1. Dè an cuireadh a tha Iehòbha a’ toirt dhut?

“Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh esan ribhse.” (Sheumais 4:8) Dè tha seo a’ ciallachadh? Tha Iehòbha ag iarraidh ort a bhith nad charaid aige. ’S dòcha gun saoilidh tu ge-tà, tha e ro dhoirbh a bhith caraidean le cuideigin nach urrainn dhut a faicinn. Ach, anns Am Facal aige, Am Bìoball, tha Dia a’ sealltainn na buadhan aige; mar sin, faodaidh sinn a teann dlùth ris. Nuair a leughas sinn an teachdaireachd bhon a’ Bhìoball, bidh an càirdeas againn a’ fàs, fiù’s nach eil sinn air fhaicinn e a-riamh.

2. Carson a tha Iehòbha an caraid as fhèarr?

Tha gràdh aig Iehòbha ortsa barrachd na duine sam bith eile. Tha e ag iarraidh gum bi thu toilichte agus gum bi thu a’ bruidhinn ris aig àm sam bith. Faodaidh tu “a’ tilgeil ur cùram uile airsan, oir tha cùram aige dhuibh.” (1 Peadar 5:7)Tha Iehòbha an còmhnaidh ann airson neart, cofhurt, agus ag èisteachd ris na caraidean aige.​—Leugh Salm 94:18, 19.

3. Airson ’s gum bi sinn caraid Iehòbha, dè tha e ag iarraidh bhuainn?

Tha gràdh aig Iehòbha airson a h-uile duine, “tha a rùn aig an ionracan.” (Gnàth-Fhacal 3:32) Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi na càraidean aige a’ dèanamh rudan matha agus a’ diùltadh droch-rudan. Tha feadhainn a’ smaoineachadh nach urrainn iad a dèanamh a h-uile rud a tha Iehòbha ag iarraidh. Ach, tha Iehòbha tròcaireach. Tha esan a’ gabhail ris gach neach aig a tha gràdh air a shon agus a tha dìcheallach an rud ceart a dhèanamh.​—Salm 147:11; Gnìomhan 10:34, 35.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich ciamar as urrainn dhut a bhith nad charaid do Dhia, agus lorg a-mach carson a tha e an caraid as fhèarr as urrainn dhut fhaighinn.

4. Bha Àbraham caraid Iehòbha

Tha an cunntas mu Àbraham anns a’ Bhìoball a’ toirt sùil dhuinn mu dè tha e a’ ciallachadh a bhith caraid Dhè. Leugh mu Àbraham aig Genesis 12:1-4. An uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • Dè dh’iarr Iehòbha Àbraham a dhèanamh?

  • Dè gheall Iehòbha dha?

  • Dè rinn Àbraham?

5. Dè tha Iehòbha ag iarraidh bho na caraidean aige?

Gu tric tha sinn ag iarraidh rudeigin bho ar caraidean.

  • Dè seòrsa rudan am bu toil leat do charaidean a’ dhèanamh dhutsa?

Leugh 1 Eòin 5:3, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè tha Iehòbha ag iarraidh bho na caraidean aige?

Ma tha sinn ag iarraidh a bhith umhail do Iehòbha, ’s dòcha gun feumaidh sinn ag atharrachadh ar dòigh-beatha. Leugh Isaiah 48:17, 18 agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson a tha Iehòbha ag iarraidh na caraidean aige ag atharrachadh?

Bidh caraid math ag innse dhuinn mu rudan a bhith gar cumail sàbhailte. Tha Iehòbha a’ dèanamh an aon rud

6. Dè tha Iehòbha a’ dèanamh airson nan caraidean aige

Bidh Iehòbha a’ cuideachadh nan caraidean aige a’ dèiligeadh leis na trioblaidean aca. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ciamar a tha Iehòbha air chuideachadh an tè sa bhidio a dèiligeadh leis na droch-fhaireachdainnean aice?

Leugh Isaiah 41:10, 13, agus bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè tha Iehòbha a’ gealladh airson nan caraidean aige?

  • Nad bheachd sa, a bheil Iehòbha caraid math? Carson?

Bidh caraid math a’ toirt dhuinn cuideachas nuair a tha feum againn air. San aon dhòigh cuidichidh Iehòbha thusa

7. Airson a bhith caraid Iehòbha feumaidh sinn a bruidhinn agus ag èisteachd ris

Bidh caraidean a’ fàs nas dlùithe nuair a tha iad a’ bruidhinn ri chèile. Leugh Salm 86:6, 11, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • Ciamar as urrainn sinn a bruidhinn ri Iehòbha?

  • Ciamar a tha Iehòbha a’ bruidhinn rinn?

Faodaidh sinn a bruidhinn ri Iehòbha tro ùrnaigh; tha esan a’ bruidhinn rinn tron a’ Bhìoball

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan urrainn sinn a bhith faisg ri Dia”

  • Dè an sgriobtar a chleachdas tu airson sealltainn gun urrainn sinn a bhith caraid do Iehòbha?

GEARR-IOMRADH

Tha Iehòbha ag iarraidh a bhith do charaid, agus cuidichidh e tu a fàs dlùth ris.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar a tha Iehòbha a’ cuideachadh na caraidean aige?

  • Carson a tha Iehòbha a’ teagaisg na caraidean aige atharrachaidhean a dhèanamh?

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil Iehòbha ag iarraidh cus bho na caraidean aige? Carson, no carson nach eil?

Amas

RANNSAICH

Ciamar as urrainn càirdeas le Iehòbha a toirt buaidh air do bheatha?

“Jehovah​—A God Worth Knowing” (The Watchtower, February 15, 2003)

Lorg a-mach carson a bha aon bhoireannach a’ faireachdainn gun robh càirdeas le Iehòbha air a sàbhaladh.

“I Did Not Want to Die!”(The Watchtower No. 1 2017)

Èist mu ciamar a tha deugairean a’ faireachdainn mu Iehòbha.

What Does It Mean to Be God’s Friend? (1:46)