Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 09

Dlùthaichibh ri Dia tro Ùrnaigh

Dlùthaichibh ri Dia tro Ùrnaigh

A bheil thu a-riamh a’ faireachdainn gu bheil feum agad air stiùireadh nad bheatha? A bheil thu freagairtean a lorg do ceistean cudromach? A bheil feum agad air cofhurt? A bheil thu ag iarraidh a tarraing faisg ri Iehòbha? Faodaidh ùrnaigh gad chuideachadh leis na rudan seo. Ach dè an dòigh cheart am bu chòir dhut ùrnaigh a dhèanamh? A bheil Dia ag èisteachd ri gach ùrnaigh? Ciamar as urrainn dhut a dhèanamh cinnteach gu bheil Iehòbha a’ chluinntinn na h-ùrnaighean agadsa? Thugainn is chì sinn.

1. Cò ris am bu chòir sinn a dèanamh ùrnaigh, agus dè as urrainn sinn ag ùrnaigh mu dheidhinn?

Theagaisg Ìosa gum bu chòir sinn ùrnaigh a’ dhèanamh do ar n-Athair nèamhaidh a-mhàin. Dh’ùrnaigh Ìosa do Iehòbha e fhèin. Thuirt e: “Dèanaibh-se ùrnaigh san dòigh seo: “‘Ar n-Athair ann an nèamh. . . ’” (Mata 6:9) Nuair a tha sinn ag ùrnaigh do Iehòbha, bidh ar càirdeas a’ fàs nas làidire.

Faodaidh sinn ag ùrnaigh mu rud sam bith. Ach ma tha sinn airson Dia a freagairt ar n-ùrnaighean, feumaidh iad a dol leis a’ mhiann aige. “ma dh’iarras sinn rud sam bith a rèir a thoil, èistidh e rinn.” (1 Eòin 5:14) Thug Ìosa dhuinn eisimpleirean de rudan freagarrach as urrainn sinn ùrnaigh air a shon. (Leugh Mata 6:9-13.) Na bi ag ùrnaigh dìreach mu na trioblaidean againn fhìn, ach feumaidh sinn a toirt taing do Dhia agus iarr air, daoine eile a cuideachadh.

2. Ciamar am bu chòir sinn ag ùrnaigh?

Tha Am Bìoball gar brosnachadh “dòirtibh a-mach ur cridhe na fhianais” do Dhia. (Salm 62:8) Feumaidh ar n-ùrnaighean a bhith cridheil. Faodaidh sinn ag ùrnaigh a-mach no ann an dòigh sàmhach le urram. Is urrainn sinn ùrnaigh a’ dhèanamh aig àm no àite sam bith.

3. Ciamar a tha Dia a’ freagairt ar n-ùrnaighean?

Tha e a’ dèanamh seo ann an iomadh dòigh. Tha Iehòbha air a thoirt dhuinn Am Facal-sa, Am Bìoball, far a bheil sinn a’ lorg na freagairtean do ar ceistean gu tric. Nuair a tha sinn a’ leughadh Am Facal Dhè “a’ dèanamh a’ bhaoghalta glic.” (Salm 19:7; leugh Sheumais 1:5.) Tha e a’ toirt dhuinn sìth na h-inntinn nuair a tha sinn a’ dèiligeadh le trioblaidean. Agus faodaidh e a gluasadh an luchd-adhraidh gar cuideachadh nuair a tha feum againn.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich ciamar as urrainn dhut a dèanamh ùrnaigh chridheil a tha toirt toileachas do Dhia, agus faigh a-mach ciamar as urrainn dhuinn a buannachadh bhuaipe.

4. Dè seòrsa ùrnaigh a tha Iehòbha ag iarraidh

Ciamar as urrainn sinn a bhith cinnteach gu bheil Iehòbha a’ gabhail ar n-ùrnaighean? Cluich am BHIDIO.

Tha Iehòbha ag iarraidh sinn ùrnaigh a dhèanamh ris. Leugh Salm 65:2, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil esan a “dh’èisteas ri ùrnaigh” ag iarraidh gum bi thusa ag ùrnaigh? Carson, no carson nach eil?

Feumaidh ar dòigh beatha a bhith na caitheamh-beatha a tha Iehòbha ag iarraidh ma tha esan a’ dol a chluinntinn ar n-ùrnaighean. Leugh Micah 3:4 agus 1 Peadar 3:​12, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar as urrainn sinn a dèanamh cinnteach gum bi Iehòbha ag èisteachd ri ar n-ùrnaighean?

Aig cogadh, bidh an dà thaobh ag ùrnaigh airson buannachadh. A bheil e reusanta a’ chreidsinn gu bheil Dia a’ dol a fhreagairt na h-ùrnaighean seo?

5. Feumaidh ar n-ùrnaighean a bhith cridheil

Tha feadhainn air ionnsachadh an aon ùrnaigh a dhèanamh facal air fhacal. Ach a bheil Iehòbha ag iarraidh gum bi sinn ùrnaigh a’ dhèanamh san dòigh seo? Leugh Mata 6:​7, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar as urrainn dhut a dèanamh cinnteach nach eil thu ag ràdh an aon rud a-rithist ’s a-rithist nuair a tha thu ag ùrnaigh?

Gach latha, smaoinich mu aon bheannachd sam beatha agad, agus thoir taing do Iehòbha air a shon. Dèanaibh seo gach latha airson seachdain, agus an uairsin bidh thu air a bhruidhinn ri Iehòbha mu seachd cuspairean eadar-dhealaichte gun ath-nochdadh.

Tha deagh-athair ag iarraidh gum bi a’ chlann aige a bruidhinn ris bhon a’ chridhe. ’S e an aon dhòigh, le Iehòbha, ar n-Athair nèamhaidh

6. Tha ùrnaigh tìodhlac bho Dhia

Ciamar as urrainn ùrnaigh a toirt dhuinn neart, fiù’s aig amannan matha agus duilich? Cluich am BHIDIO.

Tha Am Bìoball a’ gealladh gun urrainn e gar cuideachadh a lorg fìor-shìth nar h-inntinn. Leugh Philipianaich 4:6, 7, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ged nach eil ar trioblaidean an còmhnaidh a’ dol air falbh, ciamar a tha ùrnaigh gar cuideachadh?

  • Dè seòrsa rudan a tha thusa ag iarraidh ùrnaigh air a shon?

A bheil fios agad?

Tha am facal “amen” a’ ciallachadh “mar sin bitheadh” no “gu dearbh.” Bho na làithean a’ Bhìoball, tha “amen” air a bhith aig crìoch ùrnaigh.—1 Eachdraidh 16:36

7. Dèan ùine airson ùrnaigh

Uaireannan tha sinn cho trang agus dìochuimhneachadh sinn ùrnaigh a dhèanamh. Ciamar a bha Ìosa a’ faireachdainn mun ùrnaigh? Leugh Mata 14:23 agus Marcus 1:35, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • Dè rinn Ìosa airson ùine a lorg airson ùrnaigh?

  • Cuin a tha thusa a’ lorg ùine airson ùrnaigh?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil ùrnaigh feumail air sgàth’s nach eil duine sam bith ag èisteachd.”

  • Dè chanas tu?

GEÀRR-IOMRADH

Tha ùrnaighean cridheil gar cuideachadh a teann dlùth ri Dia, a toirt dhuinn sìth na h-inntinn agus a toirt dhuinn an neart airson a dèanamh na tha Iehòbha ag iarraidh.

Ath-sgrùdadh

  • Cò ris am bu chòir sinn a dèanamh ùrnaigh?

  • Ciamar as urrainn dhuinn ùrnaigh a dhèanamh?

  • Dè na beannachdan le dèanamh ùrnaigh?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich mu adhbharan cudromach airson ùrnaigh a’ dhèanamh agus ciamar as urrainn ar n-ùrnaighean a fàs nas fheàrr.

“Why Should I Pray?” (Artaigil-lìn)

Saoil dè tha Am Bìoball ag ràdh mu cò ris am bu chòir sinn a’ dèanamh ùrnaigh.

“Should I Pray to Saints?” (Artaigil-lìn)

Anns am bhidio-ciùil seo, seall ma tha e gu diofar cuin no càite a tha sinn a’ dèanamh ùrnaigh.

Pray Anytime (1:22)