Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 16

Nuair a bha Ìosa air an Talamh—Dè Rinn e?

Nuair a bha Ìosa air an Talamh—Dè Rinn e?

Bidh tòrr dhaoine a’ dealbhadh Ìosa mar leanabh neoichiontach, fàidheadair glic, no fear a tha a’ bàsachadh. Ach dè dh’ionnsaicheas sinn bho am beatha aige air an talamh? San leasan seo, ionnsachaidh sinn cuid dè na rudan as cudromaiche a rinn Ìosa agus ciamar as urrainn dhaibh gad chuideachadh.

1. Dè bha an obair as cudromaiche a rinn Ìosa?

Bha a’ phrìomh obair aig Ìosa “soisgeul rìoghachd Dhè a shearmonachadh.” (Leugh Lùcas 4:​43.) Shearmonaich e an deagh-naidheachd gun stèidhich Dia rìoghachd no riaghaltas a bhios a’ cur stad air trioblaidean mac an duine air fad. a Sgaoil Ìosa an deagh-naidheachd seo gun stad airson trì bliadhnaichean gu leth.​—Mata 9:​35.

2. Carson an do rinn Ìosa mìorbhailean?

Tha Am Bìoball a’ dealbhadh na rinn Dia troimh Ìosa “obraichean cumhachdach is iongantasan is comharraidhean.” (Gnìomhan 2:​22) Le neart Dhè bha smachd aig Ìosa tharais air an t-sìde, a’ toirt biadh dha mìltean, a’ slànadh daoine tinn agus fiù ’s thug e beatha air ais dha na mairbh. (Mata 8:​23-​27; 14:​15-​21; Marcas 6:​56; Lùcas 7:​11-​17) Bha na mìorbhailean aig Ìosa a’ sealltainn gu cinnteach gun do thàinig e bho Dhia agus cuideachd gu bheil a’ chumhachd Iehòbha ar trioblaidean a cur ceart.

3. Dè dh’ionnsaicheas sinn bho an dòigh beatha aig Ìosa?

Bha Ìosa umhail do Iehòbha ann gach suidheachadh. (Leugh Eòin 8:​29.) A dh’aindeoin aghaidheachadh, bha Ìosa dìleas dha Athair fiù ’s suas gu bàs. Sheall e gu bheil e comasach mac an duine a frithealadh Dhè, ged a tha e doirbh. Mar sin, dh’fhàg Ìosa “eisimpleir agaibh airson ’s gun leanadh sibh na cheumannan-san.”​—1 Peadar 2:​21.

IONNSAICH TUILLEADH

Smaoinich mu chiamar an do sgaoil Ìosa an deagh-naidheachd agus ciamar a rinn e na mìorbhailean.

4. Shearmonaich Ìosa an deagh-naidheachd

Choisich Ìosa ceudan de mìle air rathaidean dustach, a’ searmonachadh na deagh-naidheachd leis a h-uile duine ’s a ghabhas. Leugh Lùcas 8:​1, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • An do shearmonaich Ìosa gu iadsan a chruinnich mu thimcheall a-mhàin?

  • Dè seòrsa oidhirp a bh’ aig Ìosa airson daoine a lorg?

Ro-dh’innis Dia gun sgaoilidh Am Mesiah an deagh-naidheachd. Leugh Isaiah 61:​1, 2, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar an do thug Ìosa an fhàidheadarachd seo gu bith?

  • A bheil feum air daoine an deagh-naidheachd seo san latha an-diugh? Dè do bheachd-sa?

5. Theagaisg Ìosa leasanan luachmhor

A bharrachd air sgaoileadh na deagh-naidheachd mun Rìoghachd Dhè, theagaisg Ìosa leasanan pragtaigeach. Bheir sùil air eisimpleirean bho an t-Searmon air a’ Bheinn. Leugh Mata 6:​14, 34 agus 7:​12, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè seòrsa chomhairle phragtaigeach a bha aig Ìosa anns na rannan seo?

  • Nad bheachd-sa, a bheil a’ chomhairle seo fhathast cuideachail?

6. Rinn Ìosa mìorbhailean

Thug Iehòbha neart gu Ìosa airson tòrr mìorbhailean a dhèanamh. ​Airson eisimpleir fhaicinn, leugh Marcas 5:​25-​34 no cluich am BHIDIO. An uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Anns a’ bhidio, dè bha am boireannach tinn a’ chreidsinn?

  • Dè an toil leatsa mu am mìorbhailt seo?

Leugh Eòin 5:​36, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè bha na mìorbhailean a rinn Ìosa “a’ toirt fianais” mu dheidhinn?

A bheil fhios agad?

Tha a’ mhòr-chuid den eòlas againn mu Ìosa a’ tighinn bho na Soisgeulan​—Mata, Marcas, Lùcas, agus Eòin. Sgrìobh gach sgrìobhadair fiosrachadh eadar-dhealaichte sìos mu Ìosa. Nuair a leughas sinn na ceithir leabhraichean air fad gheibh sinn dealbh brèagha den bheatha Ìosa.

  • MATA

    Bha an soisgeul seo air sgrìobhadh an toiseach. Tha e ag innse dhuinn mu theagaisgean Ìosa gu h-àraid an Rìoghachd Dhè.

  • MARCAS

    An soisgeul as lugha. Tha e tapaidh agus làn gnìomh.

  • LÙCAS

    Tha e a’ cur cuideam air ùrnaigh agus ciamar a bha Ìosa laghach le boireannaich.

  • EÒIN

    Tha e a’ sealltainn mòran mun pearsantachd Ìosa le ag innse mu iomadh còmhradh eadar Ìosa agus na dlùth-charaidean is cuid eile.

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Cha robh Ìosa ach fear math.”

  • Dè do bheachd-sa?

GEÀRR-IOMRADH

Shearmonaich Ìosa mun Rìoghachd Dhè, rinn e mìorbhailean, agus bha e dìleas do Iehòbha ann gach suidheachadh.

Ath-sgrùdadh

  • Dè bha a’ phrìomh obair aig Ìosa nuair a bha e air an talamh?

  • Dè tha na mìorbhailean aig Ìosa a’ sealltainn gun teagamh?

  • Dè na leasanan pragtaigeach a bha Ìosa a’ teagaisg?

Amas

RANNSAICH

Dè a’ phrìomh chuspair a bha Ìosa a’ bruidhinn air?

“God’s Kingdom—What It Means to Jesus” (The Watchtower, October 1, 2014)

Saoil ciamar an urrainn dhuinn a bhith cinnteach gun do thachair na mìorbhailean aig Ìosa.

“The Miracles of Jesus—What Can You Learn?” (The Watchtower, July 15, 2004)

Leugh mun fèin-ìobairt aig Ìosa agus ciamar a thug seo buaidh air aon fhear.

“My Life Was All About Me” (The Watchtower, October 1, 2014)

Faic na prìomh gnìomhan sa mhinistrealachd Ìosa san òrdugh a thachair iad.

“Main Events of Jesus’ Earthly Life” (New World Translation of the Holy Scriptures, Appendix A7)

a Bruidhnidh sinn barrachd mun Rìoghachd Dhè ann an leasanan 31-​33.