Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 17

Cò ris a tha Ìosa Coltach?

Cò ris a tha Ìosa Coltach?

Nuair a dh’ionnsaicheas sinn mu na rudan a thuirt agus a rinn Ìosa air an talamh, lorg sinn buadhan a tha gar tarraing nas fhaisge air agus gu Athair, Iehòbha. Dè tha feadhainn de na buadhan àlainn seo? Agus ciamar as urrainn dhuinn a leantainn Ìosa nar beatha fhèin?

1. Ciamar a tha Ìosa coltach ris an t-Athair aige?

Anns na nèamhan, dh’ionnsaich Ìosa bho an Athair gràdhach aige tharais air billeanan de bhliadhnaichean. Air sgàth seo tha e a’ smaoineachadh agus a’ faireachdainn dìreach mar Dia. (Leugh Eòin 5:​19.) Gun teagamh, tha Ìosa a’ sealltainn na buadhan an Athair aige cho math gun thuirt e: “An neach a chunnaic mise, chunnaic e an t-Athair.” (Eòin 14:9) Nuair a dh’ionnsaicheas tu tuilleadh mun pearsantachd Ìosa, bidh thu a’ fàs nas eòlaiche air Iehòbha cuideachd. Mar eisimpleir, tha an co-fhaireachdainn aig Ìosa airson daoine a’ sealltainn ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn mu do dheidhinn-sa.

2. Ciamar a tha e air sealltainn gu bheil gràdh aige airson Iehòbha?

Thuirt Ìosa: “ach tha mi a’ dèanamh mar a dh’àithn an t-Athair dhomh, airson gum bi fios aig an t-saoghal gu bheil gràdh agamsa air an Athair.” (Eòin 14:31) Nuair a bha e air an talamh, sheall Ìosa an gràdh mòr seo airson an Athair aige nuair a bha e umhail ris; fiù ’s nuair a bha e duilich a dhèanamh. Bu toigh le Ìosa bruidhinn mun Athair gu mòr agus a cuideachadh daoine eile a faighinn càirdeas le Dia.​—Eòin 14:23.

3. Ciamar a tha Ìosa air sealltainn gu bheil gràdh aige airson mac an duine?

Tha Am Bìoball ag ràdh gun robh “thlachd maille ri cloinn nan daoine” aig Ìosa. (Gnàth-fhacal 8:​31) Sheall e an gràdh seo nuair a bhrosnaich agus chuidich e daoine ann an dòigh neo-fhèineil. Cuideachd cha do sheall na mìorbhailean aige an cumhachd a-mhàin, ach an co-fhaireachdainn aige. (Marcas 1:​40-​42) Bha e coibhneil ris a h-uile duine agus cha droch-làimhsich e neach sam bith. Bha na faclan aige a’ toirt cofhurt agus dòchas ri daoine aig an robh cridhe-fìrinneach. Bha e deònach a’ fulang agus a’ bàsachadh air sgàth an gràdh aige airson mac an duine. Ach gu sònraichte tha gràdh aige airson iadsan a tha leantainn na teagaisgean aige.​—Leugh Eòin 15:​13, 14.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich mun pearsantachd Ìosa agus smaoinich air ciamar as urrainn dhut a sealltainn an gràdh agus fialaidheachd mar esan.

4. Tha gràdh aig Ìosa airson an Athair aige

Tha an eisimpleir aig Ìosa a’ teagaisg dhuinn ciamar am bu chòir dhuinn sealltainn gràdh airson Dia. Leugh Lùcas 6:​12 agus Eòin 15:10; 17:26. Às dèidh gach sgriobtar a leughadh, bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar as urrainn dhuinn Ìosa a leantainn agus a sealltainn gu bheil gràdh againn airson Iehòbha?

Bha gràdh aig Ìosa airson an Athar nèamhaidh aige agus gu tric bha e bruidhinn ris ann an ùrnaigh

5. Tha cùram aig Iosa airson daoine feumach

Chuir Ìosa feadhainn eile air tòiseach e fhèin. Fiù ’s nuair a bha e sgìth, bha e a’ cleachdadh an tìde agus an neart aige gus daoine eile a cuideachadh. Leugh Marcas 6:​30-44, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas:

  • San cunntas seo, ciamar a sheall Ìosa cùram airson feadhainn eile?​—Faic rannan 3134, 41, agus 42.

  • Dè ghluais Ìosa gus daoine eile a chuideachadh? ​—Faic rann 34.

  • Air sgàth ’s gu bheil Ìosa a’ sealltainn nan buadhan aig Iehòbha, dè tha seo ag innse dhut mu Iehòbha?

  • Mar Ìosa, ciamar as urrainn dhuinn a sealltainn cùram airson feadhainn eile?

6. Tha Ìosa fialaidh

Ged nach robh Ìosa beartach, bha e fhathast fialaidh agus tha e ag iarraidh gum bi sinne mar sin cuideachd. Leugh Gnìomhan 20:​35, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • A rèir Ìosa, ciamar as urrainn dhuinn a bhith toilichte?

Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ciamar as urrainn dhuinn daoine eile a chuideachadh, ged nach eil sinn beartach?

A bheil fhios agad?

Tha Am Bìoball a’ teagaisg gum bu chòir dhuinn ùrnaigh a dhèanamh do Iehòbha tro ainm Ìosa. (Leugh Eòin 16:​23, 24.) Nuair a tha sinn ag ùrnaigh mar seo, tha sinn a’ sealltainn gu bheil sinn taingeil gun do dh’fhosgail Ìosa an t-slighe dhuinn a bhith na charaid aig Iehòbha.

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha Dia coma le ar fulangas.”

  • Air sgàth ’s gu bheil Ìosa a’ sealltainn am pearsantachd an Athair aige, ciamar a tha na gnìomhan aige a’ sealltainn gu bheil cùram aig Iehòbha air ar son?

GEÀRR-IOMRADH

Tha gràdh aig Ìosa airson Iehòbha agus mac an duine. Air sgàth ’s gu bheil Ìosa dìreach mar an t-Athair aige, nuair a dh’fhàsas tu nas eòlaiche air Ìosa, dh’fhàsas tu nas eòlaiche air Iehòbha.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar as urrainn dhuinn a sealltainn gràdh airson Ièhobha, mar a sheall Ìosa?

  • Ciamar as urrainn dhuinn a sealltainn gràdh airson daoine, mar a sheall Ìosa?

  • Dè an toigh leatsa mun pearsantachd Ìosa?

Amas

RANNSAICH

Saoil air cuid de na buadhan Ìosa as urrainn dhuinn a sealltainn nar beatha fhèin.

“To Imitate Jesus, Be . . .” (Jesus​—The Way, the Truth, the Life, duilleag 317)

Ionnsaich carson am bu chòir dhuinn ag ùrnaigh ann an ainm Ìosa.

“Why Pray in Jesus’ Name?” (The Watchtower, February 1, 2008)

A bheil Am Bìoball ag ràdh dad sam bith mun coltas fiosaigeach aig Ìosa?

“What Did Jesus Look Like?” (Artaigil-lìn)

Dè dh’ionnsaicheas sinn bhon dòigh a bha Ìosa a’ dèiligeadh ri boireannaich?

“Respect and Dignity Under God’s Care” (The Watchtower, September 1, 2012)