Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 18

Ciamar a Dh’aithnicheas tu Fìor-Chrìostaidhean?

Ciamar a Dh’aithnicheas tu Fìor-Chrìostaidhean?

Bidh billeanan de dhaoine ag ràdh gu bheil iad Crìostaidhean. Ach chan eil an aon chreideamh aig a h-uile duine agus chan eil iad a’ fuireach leis an aon dòigh beatha. Ciamar is urrainn dhuinn ag aithneachadh fìor-Chrìostaidhean ma-thà?

1. Dè th’ ann an Crìostaidh?

Tha Crìostaidhean deisciobail, no luchd-leantainn, aig Ìosa Crìost. (Leugh Gnìomhan 11:26.) Ciamar a tha iad a’ dearbhadh gu bheil iad nan deisciobail aig Ìosa? Thuirt e: “Ma dh’fhanas sibh dìleas dham theagasg-sa, is sibh dha-rìribh mo dheisciobail.” (Eòin 8:​31) Tha seo a’ ciallachadh gu bheil fìor-Chrìostaidhean umhail do theagaisgean Ìosa. Agus dìreach mar a stèidhich Ìosa na teagaisgean aige air na sgriobtaran, tha na creideamhan aig fìor-Chrìostaidhean stèidhichte air a’ Bhìoball.​—Leugh Lùcas 24:27.

2. Ciamar a tha fìor-Chrìostaidhean a’ sealltainn gràdh?

Thuirt Ìosa ris an luchd-leantainn: “Gràdhaich sibhse a chèile, mar a ghràdhaich mise sibhse.” (Eòin 15:12) Ciamar an do sheall Ìosa gun robh gràdh aige airson nan deisciobail? Chuir e seachad ùine còmhla riutha, gan brosnachadh agus cuideachadh, fiù ’s bhàsaich e dhaibh. (1 Eòin 3:​16) San aon dhòigh, cha bhi fìor-Chrìostaidhean a’ bruidhinn mu ghràdh a-mhàin; bidh iad a’ sealltainn gràdh le na faclan agus na gnìomhan aca.

3. Ann an dè seòrsa obair a tha fìor-Chrìostaidhean trang?

Thug Ìosa dhan dheisciobail obair ri dhèanamh. “Chuir e a-mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè.” (Lùcas 9:2) Cha do shearmonaich na Crìostaidhean sa chiad linn anns na h-àiteachan adhraidh a-mhàin, ach ann an àiteachan poblach agus aig dachaighean nan daoine. (Leugh Gnìomhan 5:​42; 17:17.) San latha an-diugh bidh fìor-Chrìostaidhean a’ searmonachadh fìrinn a’ Bhìoball far a bheil na daoine. Tha gràdh aca airson nan nàbaidhean agus tha iad toilichte an ùine agus neart aca a’ cleachdadh airson sgaoileadh na teachdaireachd a’ Bhìobaill de dòchas agus cofhurt.​—Marcas 12:31.

IONNSAICH TUILLEADH

Smaoinich mu chiamar a tha fìor-Chrìostaidhean eadar-dhealaichte bho daoine nach eil a’ leantainn teagaisgean agus eisimpleir Ìosa.

4. Tha iad a’ sireadh fìrinn a’ Bhìobaill

Bha na Crìostaidhean sa chiad linn glè mheasail air am Facal Dhè

Ged a tha mòran den bharail gu bheil iad Crìostail, chan eil iad a’ cur cuideam mòr air a’ Bhìoball. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • A thaobh na h-eaglaisean air ainmeachadh Crìostail, ciamar an do chuir iad stad air daoine a bha ag ionnsachadh nan teagaisgean Ìosa?

Theagaisg Ìosa an fhìrinn bho Am Facal Dhè. Leugh Eòin 18:37 (Am Bìoball Gàidhlig 1992) agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • A rèir Ìosa, ciamar a dh’aithnicheas sinn Crìostaidhean a tha “air taobh na fìrinn”?

5. Bidh iad a’ sgaoileadh fìrinn a’ Bhìobaill

Bha na Crìostaidhean sa chiad linn a’ searmonachadh do chuid eile

Mus do dh’èirich Ìosa gu nèamh, thug e dhan luchd-leantainn obair ri dhèanamh a tha dol air adhart san latha an-diugh. Leugh Mata 28:​19, 20 agus Gnìomhan 1:​8, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè cho fad ’s farsaing am biodh an obair searmonachaidh seo a’ ruigsinn?

6. Tha na gnìomhan aca a rèir am faclan

Ciamar a bha Tom cinnteach gun robh e air lorg fìor-Chrìostachd? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Anns a’ bhidio, dè bha ’s coireach airson Tom creideamh a leigeil dheth?

  • Carson a tha e cinnteach gu bheil e an fhìrinn air lorg?

’S e am beul a labhras ach an gnìomh a dhearbas. Leugh Mata 7:​21, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè as cudromaiche ri Ìosa​—na tha sinn ag ràdh gu bheil sinn a’ creidsinn, no na tha sinn a’ dearbhadh le ar gnìomhan?

7. Tha gràdh aca a chèile

Bha gràdh aig na Crìostaidhean sa chiad linn a chèile

An do chuir Crìostaidhean dha-rìribh beatha ann an cunnart airson cò-Chrìostaidhean? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Anns a’ bhidio, dè thug buaidh air Lloyd am beatha aige a chur ann an cunnart airson Bràthair Johansson?

  • Nad bheachd-sa, an do sheall e gun robh e na fìor-Chrìostaidh?

Leugh Eòin 13:​34, 35, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar a bhios na deisciobail Ìosa (fìor-Chrìostaidhean) a’ dèiligeadh ri daoine bho àite no cinneadh eile?

  • Ciamar a nì iad sin aig àm cogaidh?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha Crìostaidhean air dèanamh droch rudan ​—ciamar is urrainn am fìor-chreideamh a bhith aca?”

  • Dè an sgriobtar is urrainn dhut a leughadh ri cuideigin a tha sealltainn cò tha na fìor-Chrìostaidhean?

GEÀRR-IOMRADH

Tha fìor-Chrìostaidhean a’ leantainn teagaisgean a’ Bhìobaill, a’ sealltainn gràdh neo-fhèineil agus a’ searmonachadh fìrinn a’ Bhìobaill.

Ath-sgrùdadh

  • Air dè tha fìor-Chrìostaidhean a’ stèidheachadh na creideamhan aca?

  • Dè am buadh a tha sealltainn cò tha fìor-Chrìostaidhean?

  • Dè an obair a tha fìor-Chrìostaidhean a’ dèanamh?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich mu buidhean a tha dèanamh an dìcheall airson na teagaisgean agus an eisimpleir aig Ìosa Crìost a leantainn.

Jehovah’s Witnesses—Who Are We? 1:​13

Seall dè dh’adhbharaich boireannach a bha na bean-chràbhach a lorg fìor “theaghlach spioradail.”

“They Used the Bible to Answer Every Question!” (The Watchtower, April 1, 2014)

Ionnsaich ciamar a tha fìor-Chrìostaidhean a’ sealltainn gràidh airson co-adhraidheachd aig a tha feum air cuideachadh.

Helping Our Brothers When Disaster Strikes​—Gearradh (3:​57)

Smaoinich mu chiamar a tha Crìostaidhean san latha an-diugh a’ leantainn Ìosa san aon dhòigh a bha Crìostaidhean sa chiad linn.

“What Are the Marks of True Christianity?” (The Watchtower, March 1, 2012)