Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 19

A Bheil Fianaisean Iehòbha Fìor-Chrìostaidhean?

A Bheil Fianaisean Iehòbha Fìor-Chrìostaidhean?

Mar Fianaisean Iehòbha, tha sinn a’ creidsinn gu bheil sinn fìor-Chrìostaidhean. Carson? Smaoinich air na tha ar creideamhan stèidhichte, ar ainm sonraichte, agus an gràdh a th’ againn a chèile.

1. Air dè tha na creideamhan aig Fianaisean Iehòbha stèidhichte?

Thuirt Ìosa ri Dia: “is e d’ fhacal-sa an fhìrinn.” (Eòin 17:17) Mar Ìosa, tha na creideamhan aig Fianaisean Iehòbha a’ tighinn bho Am Facal Dhè. Smaoinich mun eachdraidh againn san latha an-diugh. Aig deireadh an 19mh linn, thòisich buidhean de dhaoine Am Bìoball a’ sgrùdadh gu dìcheallach. Stèidhich iad na creideamhan aca air na bha Am Bìoball ag ràdh, fiù ’s nuair a bha na creideamhan aca eadar-dhealaichte bho na bha eaglaisean a’ teagaisg. An uairsin thòisich iad fìrinn a’ Bhìoball a sgaoileadh le feadhainn eile. a

2. Carson a tha an t-ainm Fianaisean Iehòbha oirnn?

Tha Iehòbha ag ràdh gu bheil an luchd-adhraidh aige mar fianaisean, oir tha iad ag innse an fhìrinn ma dheidhinn. (Eabhraidhich 11:4–​12:1) Mar eisimpleir, anns na làithean aosmhor, thuirt Dia ris a’ mhuinntir aige: “Is sibhse m’fhianaisean-sa.” (Leugh Isaiah 43:10.) Tha Ìosa air ainmeachadh “an fhianais dìleas.” (Taisbeanadh 1:5) Mar sin, ann an 1931 thòisich sinn an t-ainm Fianaisean Iehòbha a chleachdadh. Tha sinn glè mhoiteil gu bheil an t-ainm sin oirnn.

3. Ciamar a bhios Fianaisean Iehòbha a’ sealltainn gràdh mar Ìosa?

Bha an gràdh aig Ìosa airson nan deisciobail cho làidir ’s gun robh iad mar teaghlach dha. (Leugh Marcas 3:35.) San aon dhòigh, tha Fianaisean Iehòbha aon teaghlach aonaichte air feadh an t-saoghail. Sin an adhbhar a tha sinn ag ràdh gu bheil sinn bràithrean agus peathraichean. (Philemon 1, 2) Bidh sinn a’ leantainn an òrdugh: “gràdhaichibh am bràithreachas.” (1 Peadar 2:17) Bidh Fianaisean Iehòbha a’ sealltainn gràdh ann an iomadh dòigh, mar eisimpleir le cuideachadh ar bràithrean is peathraichean nuair a tha feum orra.

IONNSAICH TUILLEADH

Seall air an eachdraidh aig Fianaisean Iehòbha, agus faic barrachd fianais gu bheil sinn fìor-Chrìostaidhean.

Bidh fìor-Chrìostaidhean a’ stèidheachadh nan creideamhan aca air a’ Bhìoball agus gan sgaoileadh le feadhainn eile

4. Tha ar creideamhan stèidhichte air a’ Bhìoball

Ro-dh’innis Iehòbha gum bi ar eòlas a’ Bhìobaill a’ fàs nas soilleire. Leugh Daniel 12:​4, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè bhiodh “air a mheudachadh” am measg muinntir Dhè nuair a sgrùd iad a’ Bhìoball?

Smaoinich mu chiamar an robh buidhean de luchd-sgrùdaidh, le Teàrlach Ruiseal nam measg, a’ sgrùdadh Am Facal Dhè. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Sa bhidio, ciamar an do sgrùd Teàrlach Ruiseal agus an luchd-rannsachaidh eile Am Bìoball?

A bheil fhios agad?

Uaireannan tha ar creideamhan air atharrachadh. Carson? Dìreach mar a chì sinn barrachd beag air bheag nuair a bhios a’ ghrian ag èirigh; bidh Dia gar cuideachadh an fhìrinn a’ Bhìoball a thuigsinn nas motha agus nas motha. (Leugh Gnàth-fhacal 4:18.) Ged nach eil Am Bìoball ag atharrachadh, bidh sinne ag atharrachadh ar creideamhan nuair a dh’fhàsas ar tuigse nas fheàrr.

5. Tha sinn a’ dèanamh a rèir ar ainm

Carson an do thòisich sinn an t-ainm Fianaisean Iehòbha a chleachdadh? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Carson a tha an t-ainm Fianaisean Iehòbha freagarrach?

Carson an do thagh Iehòbha daoine airson ’s gum bi iad na fianaisean aige? A dh’aindeoin na breugan ma dheidhinn, bidh iadsan a’ sealltainn cò an t-Aon Dia Fìor. Smaoinich air dà de na breugan seo.

Tha cuid de chreideamhan a’ teagaisg gu bheil Dia ag iarraidh iad iodhalan a chleachdadh anns an adhradh aca. Leugh Lebhiticus 26:1 ge-tà, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A bheil seo an fhìrinn? Ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn mu iodhalan?

Bidh feadhainn de ceannardan creideimh a’ teagaisg gu bheil Ìosa Dia fhèin. Leugh Eòin 20:17 ge-tà, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè tha an fhìrinn? A bheil Dia agus Ìosa an aon phearsa?

  • Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn mu Iehòbha, air sgàth ’s gun do chuir e na Fianaisean aige a-mach a searmonachadh an fhìrinn ma dheidhinn-sa agus a mhac?

6. Tha gràdh againn a chèile

Tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil Crìostaidhean ceangailte dìreach mar pàirtean de chorp fiosaigeach. Leugh 1 Corintianaich 12:​25, 26, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè am bu chòir fìor-Chrìostaidhean a dhèanamh nuair a tha Crìostaidhean eile a’ fulang?

  • Dè tha thusa air fhaicinn mun gràdh eadar Fianaisean Iehòbha?

Nuair a bhios Fianaisean Iehòbha a’ fulang ann an aon phàirt den cruinne, bidh Fianaisean eile air feadh an t-saoghail a’ cuideachadh sa bhad. Airson aon eisimpleir fhaicinn, cluich am BHIDIO. An uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ciamar a tha an cobhair aig Fianaisean Iehòbha a’ sealltainn gràdh?

Bidh fìor-Chrìostaidhean a’ sealltainn gràdh ri daoine feumach

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil Fianaisean Iehòbha ach creideamh ùr.”

  • Dè cho fad ’s a tha an luchd-adhraidh aig Iehòbha air a bhith ainmichte fianaisean?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Fianaisean Iehòbha fìor-Chrìostaidhean. Tha sinn luchd-adhraidh agus pàirt de teaghlach thairis air a’ chruinne-cè. Tha ar creideamhan stèidhichte air a’ Bhìoball agus bidh sinn a’ cur an cèill an fhìrinn mu Iehòbha.

Ath-sgrùdadh

  • Carson an do thòisich sinn an t-ainm Fianaisean Iehòbha a chleachdadh?

  • Ciamar a bhios sinn a’ làimhseachadh a chèile?

  • Nad bheachd-sa, a bheil Fianaisean Iehòbha fìor-Chrìostaidhean?

Amas

RANNSAICH

Faic eisimpleir mu chiamar a tha Fianaisean Iehòbha air nochdadh creideamhan fallsa.

God’s People Glorify His Name (7:​08)

Lorg freagairtean ri ceistean a tha agad mu Fianaisean Iehòbha.

“Frequently Asked Questions About Jehovah’s Witnesses” (Duilleag-lìn)

Ghabh Steafan pàirt ann an eucoir gràin-cinnidh. Faigh a-mach de chunnaic e am measg Fianaisean Iehòbha agus carson a dh’atharraich seo e.

“My Life Was Going From Bad to Worse” (The Watchtower, July 1, 2015)

a Bho 1879, tha Fianaisean Iehòbha air foillseachadh An Tùr na Faire, airson mìneachadh an fhìrinn mun a’ Bhìoball.