Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 24

Dè an Fhìrinn mu na h-Ainglean?

Dè an Fhìrinn mu na h-Ainglean?

Tha Iehòbha ag iarraidh gun ionnsaich sinn mun teaghlach aige anns na nèamhan. Anns an teaghlach sin tha ainglean a tha air ainmeachadh na “mhic Dhè.” (Iob 38:7) Dè tha Am Bìoball ag innis dhuinn mu na h-ainglean? Dè seòrsa buaidh a tha aca air mac an duine? Agus a bheil a h-uile aingeal pàirt den teaghlach Dhè?

1. Cò th’ ann na h-ainglean?

Chruthaich Dia na h-ainglean ron a chruthaich e an talamh. Mar esan, tha iad spioradan neo-fhaicsinneach, beò ann an nèamh. (Eabhraidhich 1:​14) Tha milleanan de ainglean ann agus tha pearsantachd shònraichte aig gach fhir. (Taisbeanadh 5:​11) Bidh iad “a’ dèanamh a iarrtais [Iehòbha], ag èisdeachd ri fuaim a fhacail.” (Salm 103:20) Bho thùs, aig amannan bha Iehòbha a’ cur na h-ainglean a-mach airson teachdaireachd a toirt seachad agus airson cuideachadh is sàbhaladh a mhuinntir. An-diugh, bidh ainglean a’ stiùireadh Chrìostaidhean gu daoine a tha ag iarraidh ionnsachadh mu Dhia.

2. Cò th’ ann An Sàtan agus na deamhain?

Cha robh a h-uile aingeal umhail do Ièhobha. Rinn a’ chiad droch-aingeal ar-a-mach; bha “esan ris an canar an Diabhal, agus Sàtan, esan a tha a’ mealladh an saoghal gu lèir.” (Taisbeanadh 12:9) Bha Sàtan ag iarraidh a riaghladh thairis air feadhainn eile, mar sinn bha droch-bhuaidh aige air Àdhamh is Eubha agus airson ainglean eile a gabhail pàirt ann an ar-a-mach aige. Tha na h-ainglean reubaltach sin ris an canar deamhain. Thilg Ièhobha iad a-mach às na nèamhan, sìos dhan talamh agus thig iad gu sgrios.​—Leugh Taisbeanadh 12:​9, 12.

3. Ciamar a bhios An Sàtan agus na deamhain a feuchainn gar mì-stiùireadh?

Bidh Sàtan agus na deamhain mi-stiùireadh tòrr dhaoine tro diabhlaidheachd; tha seo an droch-chleachdadh a bhith feuchainn a bruidhinn ri spioradan. Mar eisimpleir, bidh feadhainn ag iarraidh comhairle bho reul-dhraoidhean, iad le an dara sealladh, luchd-fiosachd, agus “witch doctors”. Bidh cuid eile a’ lorg cuideachadh meadaigeach an sàs le diabhlaidheachd. Cuideachd tha daoine air am mealladh a chreidsinn gun urrainn iad a bhith bruidhinn ri na mairbh. Ach tha Iehòbha a’ rabhadh “Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd.” (Lebhiticus 19:31) Tha e a’ toirt dhuinn an rabhadh seo airson ar dìonadh bho Sàtan agus na deamhain. Tha iadsan na nàimhdean Dhè agus tha iad ag iarraidh a dèanamh cron oirnn.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich mu na rudan matha a tha na h-ainglean a’ dèanamh, na cunnartan diabhlaidheachd agus ciamar as urrainn sinn a dìonadh sinn fhìn bho Sàtan agus na deamhain.

4. Bidh na h-ainglean a’ cuideachadh dhaoine gus ionnsachadh mu Iehòbha

Cha bhi na h-ainglean aig Dia a’ dèanamh obair searmonachaidh; an àite, faodaidh iad a stiùireadh an luchd-adhraidh aig Dia ri daoine a tha ag iarraidh ionnsachadh mu dheidhinn. Leugh Taisbeanadh 14:​6, 7, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Carson a tha feum oirnn air cuideachas bho na h-ainglean airson searmonachadh?

  • A bheil e gad bhrosnachadh gun urrainn na h-ainglean gad stiùireadh gu daoine aig a bheil feum air cluinntinn mun a’ Bhìoball? Carson?

5. Diùlt diabhlaidheachd

Tha Sàtan agus na deamhain nàimhdean Iehòbha agus tha iad ar nàimhdean cuideachd. Leugh Lùcas 9:​38-​42, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a dèiligeas na deamhain ri daoine?

Chan eil sinn ag iarraidh a leigeil na deamhain a-steach dhan bheatha againn. Leugh Deuteronomi 18:​10-​12, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ann dè seòrsa dòighean am feuch na deamhain buaidh a toirt oirnn agus conaltradh a dhèanamh leinn? Dè seorsa cleachdaidhean a tha cumanta far a bheil thusa a’ fuireach?

  • A bheil e reusanta dhutsa gu bheil Iehòbha air thoirmisg cleachdaidhean diabhlaidheachd? Carson?

Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun na ceistean a leanas.

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gun robh an orra a bh’ air nighean Palesa cronail? Carson?

  • Dè bha feum air Palesa a dhèanamh airson a bhith air a dìonadh bho na deamhain?

Bidh fìor Chrìostaidhean an-còmhnaidh a’ seasamh an aghaidh nan deamhain. Leugh Gnìomhan 19:19 agus 1 Corintianaich 10:​21, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson a tha e cudromach a’ sgriosadh dad sam bith agad a tha ceangailte le diabhlaidheachd?

6. Ceannsaich an strì an aghaidh An t-Sàtain agus nan deamhain

Tha Sàtan a’ riaghladh tharais air na deamhain. Ach tha na h-ainglean dìleas air an stiùireadh leis an arc-aingeal Mìcheal; tha sin ainm eile airson Ìosa. Dè cho chumhachdach ’s a tha Mìcheal? Leugh Taisbeanadh 12:7-9, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Cò aig a tha barrachd cumhachd? Mìcheal agus na h-ainglean aige no Sàtan agus na deamhain?

  • A bheil thusa a’ smaoineachadh gun fheum an luchd-leantainn Ìosa a bhith fo eagal Sàtan agus na deamhain?

Faodaidh thusa ceannsachadh an strì an aghaidh Sàtain agus na deamhain. Leugh Sheumais 4:​7, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar as urrainn dhut a dìonadh thu fhèin bho Sàtan agus na deamhain?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil dad ceàrr le bhith cluich geamaichean no coimhead air filmichean mu diabhlaidheachd. Tha e dìreach beagan fealla-dha.”

  • Carson a tha am beachd seo cunnartach?

GEÀRR-IOMRADH

Bidh na h-ainglean dìleas gar cuideachadh. Tha An Sàtan agus na deamhain na nàimhdean Iehòbha, agus tha iad a’ cleachdadh diabhlaidheachd airson daoine mì-stiùireadh.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar a tha na h-ainglean aig Iehòbha a’ cuideachadh daoine ag ionnsachadh mu dheidhinn?

  • Cò th’ ann An Sàtan agus na deamhain?

  • Carson a tha thusa ag iarraidh a cumail air falbh bho diabhlaidheachd?

Amas

RANNSAICH

Lorg fianais gur e Ìosa a tha an arc-aingeal, Mìcheal.

“Who Is the Archangel Michael?” (Artaigil-lìn)

Smaoinich air am fianais gu bheil an Diabhal fìor-phearsa.

“Is the Devil Real?” (Artaigil-lìn)

Faic ciamar a chaidh aon bhoireannach a saoradh bho droch-bhuaidh nan deamhain.

“She Found a Purpose in Life” (The Watchtower, July 1, 1993)

Ionnsaich ciamar a tha An Sàtan a’ cleachdadh diabhlaidheachd airson daoine mì-stiùireadh.

“The Truth About Magic, Sorcery, and Witchcraft” (The Road to Everlasting Life, part 5)