Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 26

Carson a tha Olc Agus Fulangas Ann?

Carson a tha Olc Agus Fulangas Ann?

Nuair a tha droch-rudan a’ tachairt tha e gu math nàdarra a bhith faighneachd “Carson an do thachair seo?” Tha sinn toilichte gu bheil Am Bìoball a’ toirt seachad freagairtean do cheistean mar seo!

1. Dè rinn An Sàtan airson droch-rudan a’ tòiseachadh?

Rinn Sàtan an Diabhail ar-a-mach an aghaidh Dhè. Bha Sàtan ag iarraidh riaghladh tharais feadhainn eile, mar sin thug e buaidh air a’ chiad dhaoine Adhamh is Eubha airson a gabhail pàirt anns an ar-a-mach aige. Rinn e seo le bhith ag innse breug do Eubha. (Genesis 3:​1-5) Thug e oirre a smaoineachadh gun robh Iehòbha a’ cumail rudeigin air falbh bhuaithe. Chiallaich e gum biodh mac an duine nas thoilichte ma bhios iad neo-umhail do Dhia. Dh’innis Sàtan a’ chiad bhreug nuair a thuirt e nach bi Eubha a’ faighinn bàis idir. Mar sin tha Am Bìoball air chuir air Sàtan “oir is e breugaire a th’ ann agus is esan athair na brèige.”​—Eòin 8:​44.

2. Dè thagh Adhamh is Eubha a dhèanamh?

Thug Iehòbha dha Adhamh is Eubha a h-uile càil a bha dhìth orra. Faodaidh iad ag ithe bho gach craobh san gàrradh Eden ach aon. (Genesis 2:​15-​17) Dh’ith iad bhon chraobh sin co-dhiù. “Agus ghabh i de a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna da fear maille rithe, agus dh’ith e.” (Genesis 3:6) Bha an dithis aca eas-umhail do Dhia. Air sgàth ’s gun robh Adhamh is Eubha foirfe, bha e nàdarra dhaibh a’ dèanamh na bha ceart. Leis a bhith eas-umhail do Dhia, pheacaich iad agus dhiùlt iad an ceannardas aige. Bha an toradh seo fulangas mòr.​—Genesis 3:​16-​19.

3. Dè an toradh a tha oirnn air sgàth ’s na rinn Adhamh is Eubha?

Nuair a pheacaich Adhamh is Eubha, thòisich iad a bhith neo-fhoirfe agus thug iad seachad neo-fhoirfeachd dhan sliochd aca. Mu Adhamh, tha Am Bìoball ag ràdh: “Mar sin, dìreach mar a thàinig peacadh a-steach dhan t-saoghal tro aon duine, agus bàs tron pheacadh, agus mar sin a sgaoil bàs chun a h-uile duine.”​—Ròmanaich 5:​12.

Bidh sinn a’ fulang air sgàth ’s iomadh adhbhar. Uaireannan bidh sinn a’ fulang air sgàth ’s droch-taghaidhean againn fhìn. Uaireannan bidh sinn a’ fulang air sgàth ’s droch-taghaidhean aig daoine eile. Uaireannan bidh sinn a’ fulang air sgàth ’s gu bheil sinn anns an àite ceàrr aig an àm ceàrr.​—Leugh Eclesiastes 9:​11.

IONNSAICH TUILLEADH

Saoil carson nach eil Dia as coireach airson an uilc agus fulangas san t-saoghal an-diugh agus ciamar a tha e a’ faireachdainn nuair a tha sinn a’ fulang.

4. Cò tha as coireach airson ar fulangas?

Tha mòran den bheachd gu bheil smachd aig Dia tharais an t-saoghal air fad. A bheil seo fìor? Cluich am BHIDIO.

Leugh Sheumais 1:​13 agus 1 Eòin 5:​19, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • A bheil Dia as coireach airson fulangas agus olc?

5. Dè thachair air sgàth ’s riaghladh An t-Sàtain?

Leugh Genesis 3:​1-6, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè a’ bhreug a dh’innis Sàtan?​—Faic rannan 4 agus 5.

  • Ciamar a dh’implich Sàtan gun robh Iehòbha a’ cumail rudeigin math air falbh bho mac an duine?

  • A rèir Sàtan: a bheil feum aig mac an duine air Iehòbha mar Riaghladair airson a bhith toilichte?

Leugh Eclesiastes 8:​9, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè tha air tachairt às aonais Iehòbha mar Riaghladair an t-saoghail seo?

  1. Bha Àdhamh is Eubha foirfe agus a’ fuireach ann am Pàrras talmhainn. Ach dh’èist iad ris An Sàtan agus rinn iad ar-a-mach an aghaidh Iehòbha

  2. Às dèidh an ar-a-mach seo, chaidh an saoghal air lìonadh le peacadh, fulangas, agus bàs

  3. Cuiridh Iehòbha crìoch air peacadh, fulangas, agus bàs. A-rithist bidh mac an duine foirfe is beò ann am Pàrras talmhainn

6. Tha cùram aig Iehòbha airson ar fulangas

Dè seòrsa chùram a th’ aig Dia airson ar fulangas? Smaoinich air dè sgrìobh an Rìgh Daibhidh agus an Abstol Peadar. Leugh Salm 31:7 agus 1 Peadar 5:​7, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Tha Iehòbha a’ faicinn ar fulangas agus tha cùram aige dhuinn nuair a tha sinn a’ fulang. Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn mu seo?

7. Cuiridh Dia crìoch air fulangas air fad

Leugh Isaiah 65:17 agus Taisbeanadh 21:​3, 4, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson a tha an t-eòlas gun cuiridh Iehòbha ceart trioblaidean mac an duine a’ toirt dhuinn cofhurtachd?

A bheil fhios agad?

Nuair a dh’innis An Sàtan a’ chiad bhreug, rinn e cùl-chàin air Iehòbha. Bha e airson ’s gum bi daoine a’ smaoineachadh nach robh Iehòbha Riaghladair gràdhach agus ceart. A dh’aithgheàrr nuair a chuireas Iehòbha ceart ar fulangas, dearbhaichidh e e fhèin mar an Riaghladair as fheàrr. Tha an dearbhadh den ainm Iehòbha an cùis as cudromaiche san domhan gu lèir.​—Mata 6:​9, 10.

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha fulangas pàirt de mhiann Dhè.”

  • Dè chanas tu?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Sàtan an Diabhail agus a’ chiad dhaoine as coireach airson an uilc san t-saoghal. Tha cùram mòr aig Iehòbha mu ar fulangas, agus a dh’aithgheàrr cuiridh e e gu crìoch.

Ath-sgrùdadh

  • Dè bhreug a dh’innis Sàtan an Diabhail ri Eubha?

  • Dè seòrsa buaidh a tha an ar-a-mach aig Àdhamh is Eubha a chuir oirnn?

  • Ciamar a tha fios againn gu bheil cùram aig Iehòbha airson ar fulangas?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich ciamar a tha Am Bìoball a’ mìneachadh peacadh.

“What Is Sin?” (Artaigil-lìn)

Leugh tuilleadh mun a’ chùis a thog Sàtan an Diabhail anns an gàrradh Eden.

“Why Does God Allow Suffering?” (The Watchtower, January 1, 2014)

Sgrùd freagairtean sòlasach do cheistean duilich.

“Why Did the Holocaust Happen? Why Didn’t God Stop It?” (Artaigil-lìn)

Faic dè dh’ionnsaich aon fhear mun fulangas a chunnaic e mu thimcheall.

I’m Not on My Own Anymore (5:​09)