Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 27

Ciamar a tha Bàs Ìosa gar Sàbhaladh?

Ciamar a tha Bàs Ìosa gar Sàbhaladh?

Bidh sinn a’ peacadh, a’ fulang agus a’ bàsachadh air sgàth ’s gun robh a’ chiad dhaoine Àdhamh is Eubha, eas-umhail ri Dia. a Ach chan eil ar suidheachadh gun dòchas. Tha Iehòbha air toirt dhuinn slighe airson ar sàbhaladh bho peacadh agus bàs, troimh a mhac, Ìosa Crìost. Tha Am Bìoball a’ teagasg gun do bhàsaich Ìosa mar èirig; tha èirig an cosg airson cuideigin a shaoradh. Bha an cosg a phàigh Ìosa am beatha foirfe aige fhèin. (Leugh Mata 20:28.) Nuair a thug Ìosa am beatha foirfe aige thairis gu deònach, dh’fhosgail e suas an t-slighe dhuinn a faighinn air ais na chall Àdhamh is Eubha, beatha mhaireannach air an talamh. Cuideachd sheall Ìosa dhuinn gu bheil gràdh mòr aigesan agus aig Iehòbha oirnn. Cuidichidh an leasan seo dhut a sealltainn gu bheil thu taingeil airson a’ bhàis Ìosa.

1. Ciamar a tha bàs Ìosa gar cuideachadh san latha an-diugh?

Air sgàth ’s gu bheil sinn peacach, bidh sinn a’ dèanamh Iehòbha mì-thoilichte nuair a tha sinn a’ dèanamh rudan ceàrr. Ma tha sinn fìor dhuilich airson ar peacadh ge-tà, a’ faighnich airson maitheanas bho Iehòbha tro Ìosa Crìost agus a dèanamh ar dìcheall na bhith a dèanamh na rudan sinn a-rithist, faodaidh tlachd a bhith againn ann an càirdeas le Dia. (1 Eòin 2:1) Tha Am Bìoball ag ràdh: “Oir dh’fhuiling Crìosd cuideachd aon uair airson pheacaidhean, fìrean airson nan neo-fhìrean, airson ’s gun toireadh e sibhse gu Dia.”​—1 Peadar 3:​18.

2. San àm ri teachd, ciamar as urrainn dhuinn a buannachadh bho bàs Ìosa?

Chuir Iehòbha Ìosa sìos dhan talamh airson a’ toirt thairis a’ bheatha fhoirfe aige, airson ’s “ge b’ e chreideas ann [Ìosa], nach tèid a sgrios ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.” (Eòin 3:​16) A rèir na rinn Ìosa, a dh’aithgheàrr cuiridh Iehòbha ceart a h-uile droch rud a tha air a thachairt air sgàth ’s an eas-ùmhlachd Àdhamh is Eubha. Tha seo a’ ciallachadh ma bhios creideamh againn ann an ìobairt Ìosa, bidh cothrom againn beatha gu bràth a’ mealadh air pàrras talmhainn!​—Isaiah 65:​21-​23.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich carson a thug Ìosa seachad am beatha agus smaoinich ciamar as urrainn dhut a buannachadh.

3. Tha bàs Ìosa gar saoradh bho peacadh agus bàs

Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Dè chothrom a chaill Àdhamh nuair a bha e eas-umhail ri Dia?

Leugh Ròmanaich 5:​12, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè seòrsa buaidh a thug peacadh Àdhamh air a’ bheatha agad fhèin?

Leugh Eòin 3:​16, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson an do chuir Iehòbha a mhac dhan talamh?

  1.  

  2.  

4. Faodaidh a h-uile duine a buannachadh bho bàs Ìosa

Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ciamar as urrainn am bàs aig aon fhear a buannachadh a h-uile duine?

Leugh 1 Timòteus 2:​5, 6, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Bha Ìosa duine foirfe dìreach mar a bha Àdhamh. Mar sin, ciamar an do thog e dhuinn “èirig airson nan uile”?

5. An èirig​—tiodhlac bho Iehòbha dhutsa

Bidh caraidean Iehòbha a’ coimhead air an èirig mar tiodhlac pearsanta. Mar eisimpleir, leugh Galàtianaich 2:​20, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar an do sheall an Abstol Pòl gun robh e a’ coimhead air an èirig mar tiodhlac pearsanta?

Nuair a’ pheacaich Àdhamh, fhuair esan agus an sliochd uile bàs. Ach chuir Iehòbha a mhac dhan talamh airson bàsachadh, airson ’s gum bi cothrom agadsa beatha shìorraidh a mealadh.

Nuair a leughas tu na rannan a leantainn, smaoinich mu ciamar an robh Iehòbha a’ faireachdainn nuair a bha a Mhac a’ fulang. Leugh Eòin 19:​1-7, 16-​18, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn mu na rinn Iehòbha agus Ìosa air do shon?

’S DÒCHA GUM FAIGHNICH CUIDEIGIN: “Ciamar as urrainn aon duine a bàsachadh airson a h-uile duine?”

  • Ciamar a fhreagradh thusa?

GEÀRR-IOMRADH

Air sgàth ’s gun do bhàsaich Ìosa, faodaidh Iehòbha a toirt dhuinn maitheanas airson ar peacaidhean agus cothrom a mealadh beatha gu bràth.

Ath-sgrùdadh

  • Carson an do bhàsaich Ìosa?

  • Ann dè dòigh an do chuir Ìosa am beatha aige suas mar èirig airson nan uile?

  • Ciamar as urrainn dhutsa a buannachadh bhon bàs Ìosa?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich carson a tha am beatha fhoirfe aig Ìosa air ainmicheadh mar èirig.

“How Is Jesus’ Sacrifice ‘a Ransom for Many’?” (Artaigil-lìn)

Lorg a-mach dè dh’fheumas sinn a dhèanamh airson a bhith sàbhailte.

“Jesus Saves​—How?” (Artaigil-lìn)

An urrainn Iehòbha a toirt maitheanas airson peacaidhean troma?

“Bible Questions Answered” (The Watchtower, May 1, 2013)

Faic ciamar a bha ionnsachadh mun ìobairt Ìosa a’ cuideachadh aon fhear a bha dèiligeadh le droch-chuimhneachan.

“I Am No Longer a Slave of Violence” (Alt ar líne)

a Chan eil peacadh a’ dèanamh rudan dona a-mhàin. Ach tha e a’ ciallachadh an neo-iomlanachd a fhuair sinn bho Àdhamh is Eubha.