Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 28

Seall gu Bheil thu Taingeil Airson na Rinn Iehòbha agus Ìosa air do Shon

Seall gu Bheil thu Taingeil Airson na Rinn Iehòbha agus Ìosa air do Shon

Ciamar a tha thu a’ faireachdainn nuair a gheibh thu tiodhlac brèagha bho caraid? Gu cinnteach, tha thu a’ faireachdainn toilichte agus tha thu ag iarraidh sealltainn gu bheil thu taingeil. Thug Iehòbha agus Ìosa an tiodhlac as motha a bha riamh. Dè th’ ann, agus ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn gu bheil sinn taingeil air a shon?

1. Dè tha aon dhòigh is urrainn dhuinn a sealltainn gu bheil sinn taingeil airson na rinn Dia agus Crìost air ar son?

Tha Am Bìoball a’ gealltainn gum bi beatha shìorraidh airson a h-uile duine aig a bheil “chreideas ann [an Ìosa].” (Eòin 3:​16) Ciamar a nì sinn seo? Tha e a’ ciallachadh barrachd na dìreach creideas a-mhàin. Feumaidh sinn a sealltainn ar creideamh tro ar taghaidhean agus dòigh-beatha. (Sheumais 2:​17) Nuair a bhios sinn a’ sealltainn ar creideamh tro ar gnìomhan agus dè tha sinn ag ràdh, bidh sinn a’ neartachadh ar càirdeas le Ìosa agus an t-Athair aige, Iehòbha.​—Leugh Eòin 14:21.

2. Dè an tachartas sònraichte a tha gar cuideachadh a sealltainn gu bheil sinn taingeil airson na rinn Iehòbha agus Ìosa air ar son?

An oidhche mus do bhàsaich e, dh’innis Ìosa gu an luchd-leantainn dòigh eile is urrainn dhaibh sealltainn gun robh iad taingeil airson na h-ìobairt. Faodaidh iad seo a dèanamh tro “Suipeir an Tighearna,” a tha cuideachd air ainmeachadh an Cuimhneachan Bàs Ìosa. (1 Corintianaich 11:20) Chuir Ìosa an tachartas seo air dhòigh gun urrainn na h-abstolan​—agus fìor-Chrìostaidhean às an dèidh​—a cuimhneachadh gun thug Ìosa tharais a’ bheatha aige air ar son. A rèir an tachartas seo, dh’ordaich Ìosa: “dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.” (Lùcas 22:19) Nuair a frithealaidh tu an Cuimhneachan, tha thu a’ sealltainn gu bheil thu taingeil airson a’ ghràidh mòr a th’ aig Iehòbha agus Ìosa air ar son.

IONNSAICH TUILLEADH

Smaoinich mu dhòighean eile is urrainn dhut a sealltainn gu bheil thu taingeil airson a’ ghràidh mòr a sheall Iehòbha agus Ìosa. Meòraich air dè cho cudromach ’s a tha an Cuimhneachan Bàs Ìosa.

3. Dè is urrainn dhuinn a dèanamh airson sealltainn gu bheil sinn taingeil?

Saoil nan robh thu a dol fodha an uisge agus shàbhalaich cuideigin thu. An dhìochuimhneachadh thu mu na rinn an duine sin air do shon? No am bi thu a’ coimhead airson dòighean a sealltainn gu bheil thu taingeil airson na rinn e?

Tha Iehòbha ar beatha air sàbhaladh. Leugh 1 Eòin 4:​8-​10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Carson a tha an ìobairt Ìosa tìodhlac sònraichte?

  • Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn mu na rinn Iehòbha agus Ìosa air do shon?

Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn gu bheil sinn taingeil air na rinn Iehòbha agus Ìosa air ar son? Leugh 2 Corintianaich 5:​15 agus 1 Eòin 4:​11; 5:3. Às dèidh leughadh gach sgriobtar, bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • A rèir an sgriobtar, ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn gu bheil sinn taingeil?

4. Lean an eisimpleir aig Ìosa

Dòigh eile is urrainn dhuinn a sealltainn gu bheil sinn taingeil nuair a leanas sinn an eisimpleir Ìosa. Leugh 1 Peadar 2:​21, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar is urrainn dhut a leantainn na ceuman aig Ìosa?

5. Fritheil an Cuimhneachan Bàs Ìosa

Airson faicinn dè thachair aig a’ chiad Suipeir an Tighearna, leugh Lùcas 22:​14, 19, 20. An uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè thachair aig Suipeir an Tighearna?

  • Dè tha an t-aran agus am fìon a’ ciallachadh? ​—Faic rannan 19 agus 20.

Bha Ìosa ag iarraidh gum bi na deisciobail a’ frithealadh Suipeir an Tighearna aon turas gach bliadhna air an cuimhneachan bliadhnail den bhàs aige. Mar sin, bidh Fianaisean Iehòbha a’ tighinn ri chèile gach bliadhna airson cuimhneachadh bàs Ìosa mar a dh’ordaich e. Airson tuilleadh ag ionnsachadh mun coinneamh cudromach seo, cluich am BHIDIO. Agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Dè thachras aig a’ Chuimhneachan?

Tha an t-aran a’ ciallachadh an corp foirfe aig Ìosa a leig e suas air ar son. Tha am fìon a’ ciallachadh a’ fhuil aige

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil feum ort a dèanamh dad sam bith ach a chreidsinn ann an Ìosa airson sàbhaladh fhaighinn.”

GEÀRR-IOMRADH

Tha sinn a’ sealltainn gu bheil sinn taingeil airson na rinn Ìosa air ar son le cur creideamh ann agus a frithealadh an Cuimhneachan bàis aige.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar as urrainn dhuinn ar creideamh a chur ann an Ìosa?

  • Ciamar am bu toil leatsa a sealltainn gu bheil thu taingeil air na rinn Iehòbha agus Ìosa air do shon?

  • Carson a tha e cho cudromach a frithealadh an Cuimhneachan den bhàs Crìost?

Amas

RANNSAICH

Dè tha am bàs Ìosa gar gluasad a dhèanamh?

He Used His Body to Honor Jehovah (9:28)

Ionnsaich tuilleadh mu chreideamh agus ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn.

“Exercise Your Faith in Jehovah’s Promises” (The Watchtower, October 2016)

San cunntas “I Feel Clean, Alive, and Whole,” faic ciamar a dh’fhàs am beatha aig aon bhoireannach nas fhèarr nuair a thuig i na bha ìobairt Ìosa a’ ciallachadh.

“The Bible Changes Lives” (The Watchtower, August 1, 2011)

Ionnsaich carson nach eil a h-uile duine a’ gabhail an t-aran agus am fìon aig a’ Chuimhneachan.

“Why Do Jehovah’s Witnesses Observe the Lord’s Supper Differently From the Way Other Religions Do?” (Artaigil-lìn)