Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 30

Faodaidh do Theaghlach agus Caraidean Gràdhach a Bhith Beò a-rithist!

Faodaidh do Theaghlach agus Caraidean Gràdhach a Bhith Beò a-rithist!

Tha bàs is coireach airson mulad agus bròn uabhasach. Tha seo an adhbhar a tha Am Bìoball ag ràdh gur e nàmhaid a th’ ann am bàs. (1 Corintianaich 15:26) Ann an Leasan 27, dh’ionnsaich thu gun ceannsachaidh Iehòbha an nàmhaid sin. Ach dè thachras ri iadsan a tha air bàsachadh mar-tha? San leasan seo, ionnsachaidh tu tuilleadh mu gealladh mìorbhaileach eile bho Iehòbha​—gun togaidh e air ais gu beatha billeanan de dhaoine airson mealadh beatha gu bràth. Bidh aiseirigh nam mairbh ann. A bheil seo comasach ge-tà? Am faigh iad aiseirigh gu beatha ann an neàmh no air an talamh?

1. Dè tha Iehòbha ag iarraidh a dhèanamh airson ar teaghlach agus caraidean gràdhach a tha marbh?

Tha fadachd air Iehòbha airson a toirt nam mairbh air ais gu beatha. Bha an duine dìleas Iob misneachail nach biodh Dia ga dhìochuimhneachadh, nuair a thigeadh bàs ris. Thuirt e ri Dia: “Gairmidh tusa, agus freagraidh mise thu [bho an Uaigh].”​—Leugh Iob 14:​13-​15.

2. Ciamar a tha fios againn gun urrainn na mairbh a bhith beò a-rithist?

Nuair a bha Ìosa air an talamh, thug Dia dha an cumhachd na mairbh a togail gu beatha. Thog Ìosa nighean a bha 12-bhliadhna a dh’aois agus mac baintriche air ais gu beatha. (Marcas 5:​41, 42; Lùcas 7:​12-​15) Às dèidh seo bhàsaich Làsaras, caraid Ìosa. Ged a bha Làsaras marbh fad ceithir làithean, thog Ìosa e air ais gu beatha. Às dèidh ùrnaigh a dhèanamh do Dhia, dh’èigh e le guth mòr, “A Làsarais, thig a-mach!” agus an uairsin “Thàinig esan a bha air bàsachadh a-mach”​—beò! (Eòin 11:​43, 44) Smaoinich dè cho toilichte ’s bha an teaghlach agus caraidean aig Làsaras!

3. Dè dòchas a th’ ann airson do theaghlach agus caraidean gràdhach a tha marbh?

Tha Am Bìoball a’ gealladh: “Gum bi aiseirigh ann.” (Gnìomhan 24:15) Nuair a thog Ìosa daoine air ais gu beatha sna làithean a dh’fhalbh, cha deach iad gu neàmh. (Eòin 3:​13) Thog e iad air ais gu beatha an seo air an talamh agus bha iad toilichte mu sin. San aon dhòigh a dh’aithgheàrr, bheir Ìosa air ais gu beatha billeanan de dhaoine airson a mealadh beatha gu bràth ann am pàrras talmhainn. Tha Dia a’ cuimhneachadh a h-uile duine a bha riamh air an talamh. Thuirt Am Bìoball gun gheibheas na “h-uile a th’ anns na tuaman” aiseirigh​—fiù ’s iad a tha mac an duine air dhìochuimhneachadh!​—Eòin 5:​28, 29.

IONNSAICH TUILLEADH

Sgrùd am fianais bhon a’ Bhìoball a tha sealltainn gu bheil cumhachd aig Ìosa airson nam mairbh a thogail air ais gu beatha. Ionnsaich ciamar a bheireas an aiseirigh cofhurt agus dòchas dhut.

4. Dhearbhaich Ìosa gun urrainn dha aiseirigh nam mairbh a dhèanamh

Ionnsaich tuilleadh mu dè rinn Ìosa airson a charaid Làsaras. Leugh Eòin 11:​14, 38-​44, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar a tha fios againn gun robh Làsaras marbh gu dearbh?​—Faic rann 39.

  • Ma chaidh Làsaras suas gu neàmh, a bheil thu a’ smaoineachadh gum biodh Ìosa ga tharraing air ais gu beatha e air an talamh?

Cluich am BHIDIO.

5. Bidh aiseirigh ann airson mòran!

Leugh Salm 37:​29, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Càite am bi an sluagh mòr a’ fuireach às dèidh aiseirigh fhaighinn?

Bheir Ìosa aiseirigh do bharrachd na dìreach iad a bha ag adhradh Iehòbha. Leugh Gnìomhan 24:​15, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Cò am bu toil leat fhaicinn a tighinn air ais gu beatha?

Smaoinich air seo: Tha e cho furasta airson Ìosa a’ tarraing cuideigin air ais gu beatha ri athair a duisgeadh pàiste na chadal

6. Tha aiseirigh nam mairbh a’ toirt dhuinn cofhurt agus dòchas

Tha cunntas a’ Bhìobaill de nighean Iàirus air toirt cofhurt agus air brosnachadh mòran fo mhulad. Leugh an sgeulachd fìor aig Lùcas 8:​40-​42, 49-​56.

Ro tharraing an nighean Iàirus air ais gu beatha, thuirt Ìosa ris a h-athair: “Na bi fo eagal, dìreach creid.” (Faic rann 50.) Ciamar as urrainn dòchas na h-aiseirigh gad chuideachadh nuair . . .

  • a tha càirdean gràdhach a’ bàsachadh?

  • a tha do bheatha ann an cunnart?

Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ciamar a tha dòchas ann an aiseirigh air brosnachadh agus air toirt cofhurt ri na pàrantan aig Phelicity?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha aiseirigh nam mairbh ro mhath airson a bhith fìor.”

  • Dè do bheachd-sa?

  • Dè sgriobtar as urrainn dhut a cleachdadh airson sealltainn gum bi aiseirigh nam mairbh ann?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Am Bìoball a’ gealladh aiseirigh airson nam mairbh. Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi iad beò a-rithist, agus thug e an cumhachd gu Ìosa airson iad a thogail air ais gu beatha.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar a tha Iehòbha agus Ìosa a’ faireachdainn mu togail nam mairbh air ais gu beatha?

  • Càite am bi an sluagh mòr a’ fuireach às dèidh aiseirigh fhaighinn​—anns na nèamhan no air an talamh? Carson?

  • Carson a tha thusa cinnteach gun urrainn do luchd-gràidh a bhith beò a-rithist?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich dè ceuman pragtaigeach as urrainn dhut a gabhail airson dèiligeadh le bròn.

“Help for Those Who Grieve” (Awake! No. 3 2018)

An urrainn Am Bìoball dha-rìribh a cuideachadh cuideigin fo bhròn?

When a Loved One Dies (5:​06)

Ciamar as urrainn clann a dèiligeadh le bàs anns an teaghlach no aig dlùth-charaid?

The Ransom (2:​07)

Am bi duine sam bith air a thogail gu nèamh? Agus cò nach fhaigh aiseirigh idir?

“What Is the Resurrection?” (Artaigil-lìn)