Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 32

Tha Rìoghachd Dhè a’ Riaghladh a-nis!

Tha Rìoghachd Dhè a’ Riaghladh a-nis!

Anns a’ bhliadhna 1914 thòisich an Rìoghachd Dhè a riaghladh bho nèamh. Cuideachd, bha sin toiseach nan làithean deireannach de riaghladh mac an duine. Ciamar a tha fios againn? Chì sinn dè ro-dh’innis Am Bìoball, dè tha a’ tachairt san t-saoghal agus an sèorsa de ghiùlain aig mac an duine bho 1914.

1. Dè ro-dh’innis Am Bìoball?

Anns a’ Bhìoball tha an leabhar Daniel a’ sealltainn gum biodh an riaghladh Rìoghachd Dhè a’ tòiseachadh aig deireadh ùine air ainmeachadh na “seachd aimsirean.” (Daniel 4:​16, 17) Linntean às dèidh sin, bhruidhinn Ìosa air an àm seo “gus an coileanar aimsirean nan Cinneach,” agus theagaisg e nach robh iad air crìochnachadh fhathast. (Lùcas 21:24 Am Bìoball Gàidhlig 1992) Mar a chì sinn, chrìoch na seachd aimsirean ann an 1914.

2. Dè seòrsa cùisean, buadhan agus beachdan a tha air a bhith follaiseach bho 1914?

Dh’fhaighnich na deisciobail Ìosa: “Cuin a thachras na rudan seo, agus dè an comharra a bhios ann airson do theachd-sa, agus deireadh na linne?” (Mata 24:3) Mar freagairt, ro-dh’innis Ìosa tòrr rudan a bhios a’ tachairt às dèidh a thòisich e mar Rìgh na Rìoghachd Dhè ann an nèamh; a leithid cogadh, acras agus crithean-talmhainn. (Leugh Mata 24:7.) Ro-dh’innis Am Bìoball cuideachd “gun tig amannan duilich sna làithean deireannach” air sgàth ’s na buadhan is beachdan aig daoine. (2 Timòteus 3:​1-5) Tha na suidheachaidhean seo air a bhith faicinn gu soilleir bho 1914.

3. Carson a tha cùisean ann an droch-staid bho thòisich an Rìoghachd Dhè a riaghladh?

Às dèidh a thòisich Ìosa a riaghladh Rìoghachd Dhè, anns na nèamhan chaidh e an aghaidh Sàtain agus na deamhain ann an cogadh. Chaill Sàtan an cogadh seo. Tha Am Bìoball ag ràdh gun robh e air “a thilgeil chun na talmhainn, agus bha na h-ainglean aige air an tilgeil sìos còmhla ris.” (Taisbeanadh 12:9, 10, 12) Tha Sàtan cho feargach air sgàth ’s gu bheil fhios aige gun tèid e gu sgrios. Air sgàth seo tha esan is coireach airson am pian is fulangas air feadh an t-saoghail. Is beag a dh’fhios gu bheil an suidheachadh san t-saoghal cho dona! Cuiridh Rìoghachd Dhè ceart na trioblaidean seo.

IONNSAICH TUILLEADH

Sgrùd ciamar a tha fìos againn gun do thòisich an Rìoghachd Dhè a riaghladh ann an 1914 agus dè bu chòir seo a ciallachadh dhuinn.

4. Tha ruith-eachdraidh a’ Bhìobaill a’ comharrachadh 1914

Bha bruadar ro-fhaicsinneach aig Rìgh Nebuchadnesar o Bàbilon aosmhor bho Dhia. Bha am bruadar sin agus am mìneachadh a dh’innis Daniel a sealltainn gu bheil e mu dheidhinn riaghaltas Nebuchadnesar agus an Rìoghachd Dhè.​—Leugh Daniel 4:​17. a

Leugh Daniel 4:​20-​26, agus an uairsin cleachd an clàr airson na ceistean a leanas a fhreagairt:

  • (A) Dè chunnaic Nebuchadnesar anns a’ bhruadar aige?​—Faic rannan 20 agus 21.

  • (B) Dè bhiodh a’ tachairt dhan chraobh? ​—Faic rann 23.

  • (C) Dè bhiodh a’ tachairt aig deireadh na “seachd aimsirean”?​—Faic rann 26.

Ciamar a tha am Bruadar na Craoibhe Ceangailte ris an Rìoghachd Dhè?

A’ FHÀIDHEADARACHD (Daniel 4:​20-​36)

Riaghladh

(A) Craobh ana-mhòr

Riaghladh eadar-bhriseadh

(B) “Geàrr an crann sìos” agus thèid “seachd aimsirean thairis”

Riaghladh ath-stèidhichte

(C) “Bidh do rìoghachd cinnteach dhut”

Sa chiad coileanadh den fàidheadarachd . . .

  • (D) Cò bha a’ chraobh a’ ciallachadh? ​—Faic rann 22.

  • (E) Cuin an do stad e a riaghladh? ​—Leugh Daniel 4:​29-​33.

  • (F) Dè thachair do Nebuchadnesar aig deireadh na “seachd aimsirean”?​—Leugh Daniel 4:​34-​36.

A’ CHIAD CHOILEANADH

Riaghladh

(D) Nebuchadnesar, Rìgh Bàbiloin

Riaghladh eadar-bhriseadh

(E) Às dèidh 606 RC, Nebuchadnesar a’ call an inntinn agus chan urrainn dha riaghladh thairis seachd bliadhnaichean gu litireil

Riaghladh ath-stèidhichte

(F) Nebuchadnesar a’ faighinn air ais a chiall agus tòiseachadh a riaghladh a-rithist

Sa dàrna coileanadh den fàidheadarachd . . .

  • (G) Cò bha a’ chraobh a’ ciallachadh? ​—Leugh 1 Eachdraidh 29:23.

  • (H) Ciamar a bha an riaghladh aca eadar-bhriseadh? Ciamar a tha fios againn gun robh e fhathast eadar-bhriseadh nuair a bha Ìosa air an talamh? ​—Leugh Lùcas 21:24.

  • (I) Cuin agus càit an robh an riaghladh ath-stèidhichte?

DÀRNA COILEANADH

Riaghladh

(G) Rìghrean Israel a bha riochdachadh riaghladh Dhè

Riaghladh eadar-bhriseadh

(H) Ierusalem air sgriosadh, eadar-bhriseadh an loidhne de rìghrean Israel airson 2,520 bliadhna

Riaghladh ath-stèidhichte

(I) Ìosa a’ tòiseachadh a riaghladh anns na nèamhan mar Rìgh den Rìoghachd Dhè

Dè cho fad ’s a tha na seachd aimsirean?

Bidh pàirtean den Bhìobaill gar cuideachadh a tuigsinn pàirtean eile. Mar eisimpleir, tha an leabhar Taisbeanadh ag ràdh gu bheil trì aimsirean (no amannan) gu leth dìreach mar 1,260 latha. (Taisbeanadh 12:​6, 14) Tha seachd amannan dùbailte an àireamh sin, no 2,520 latha. Uaireannan sa Bhìoball tha latha a’ ciallachadh bliadhna. (Eseciel 4:6) San aon dhòigh tha na seachd aimsirean bho an leabhar Daniel a’ ciallachadh 2,520 bliadhna.

5. Tha an saoghal air atharrachadh bho 1914

Ro-dh’innis Ìosa cò ris a bhios cùisean san t-saoghal coltach às dèidh a thòisich e a riaghladh. Leugh Lùcas 21:​9-​11, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè cùisean mar seo a tha thusa air fhaicinn no chluinntinn mu dheidhinn?

Mhìnich an Abstol Pòl cò ris a bhios daoine coltach anns na làithean deireannach de riaghladh mac an duine. Leugh 2 Timòteus 3:​1-5, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè seòrsa buadhan is beachdan a tha thusa air fhaicinn bho daoine san latha an-diugh?

6. Bu chòir riaghladh na Rìoghachd Dhè gar brosnachadh

Leugh Mata 24:​3, 14, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè an obair chudromach a tha sealltainn gu bheil an Rìoghachd Dhè a’ riaghladh a-nis?

  • Ciamar is urrainn dhutsa a gabhail pàirt san obair seo?

Tha an Rìoghachd Dhè a’ riaghladh a-nis, agus tha an latha nuair a ghabhas i stiùireadh den talamh faisg ri làimh. Leugh Eabhraidhich 10:​24, 25, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè bu chòir dhuinn a dhèanamh “a rèir ’s mar a chì sibh an latha a’ dlùthachadh”?

Ma dh’ionnsaicheas tu rudeigin airson feadhainn eile a cuideachadh agus a sàbhaladh, dè nì thu?

’S DÒCHA GUM FAIGHNICH CUIDEIGIN: “Carson a tha Fianaisean Iehòbha ag ràdh gu bheil am bliadhna 1914 cho cudromach?”

  • Dè chanas tu?

GEÀRR-IOMRADH

Tha fàidheadarachdan, ruith-eachdraidh a’ Bhìobaill, is cùisean an t-saoghal a’ dearbhadh gu bheil an Rìoghachd Dhè a’ riaghladh. Bidh sinn a’ creidsinn seo le searmonachadh agus a dol dhan coinneamhan co-thionail.

Ath-sgrùdadh

  • Dè thachair aig deireadh nan seachd aimsirean a ro-dh’innis an leabhar Daniel?

  • Carson a tha thu cinnteach gun do thòisich an Rìoghachd Dhè a riaghladh ann an 1914?

  • Ciamar is urrainn dhut a sealltainn chreideamh gu bheil an Rìoghachd a’ riaghladh a-nis?

Amas

RANNSAICH

Smaoinich mu dè tha luchd-eachdraidh agus feadhainn eile ag ràdh mu atharrachaidhean san t-saoghal bho 1914.

“When Morals Declined Dramatically” (Awake!, April 2007)

Leugh mu am buaidh a thug an fhàidheadarachd ann am Mata 24:14 air a’ bheatha aon dhuine.

“I Loved Baseball More Than Anything!” (The Watchtower No. 3 2017)

 Ciamar a tha fios againn gu bheil an fhàidheadarachd air clàradh ann an Daniel caibideil 4 a’ ciallachadh an Rìoghachd Dhè?

“When Did God’s Kingdom Begin Ruling? (Part 1)” (The Watchtower, October 1, 2014)

Dè tha a’ sealltainn dhuinn gun do chrìochnaich na “seachd aimsirean” ri lorg ann an Daniel caibideil 4 ann an 1914?

“When Did God’s Kingdom Begin Ruling? (Part 2)” (The Watchtower, November 1, 2014)

a Faic  an dà artaigil mu deireadh anns an earrann Rannsaich den leasan seo.