Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 33

Dè Bheir an Rìoghachd Dhè gu Buil?

Dè Bheir an Rìoghachd Dhè gu Buil?

Tha an Rìoghachd Dhè a’ riaghladh mar-tha. A dh’aithgheàrr nì i atharrachaidhean mòra air an talamh. Chì sinn cuid de na rudan matha a dh’fhaodas tu a coimhead air adhart ris fo riaghladh na Rìoghachd.

1. Ciamar a bheir an Rìoghachd Dhè sìth is ceartas air ais dhan talamh?

Cuiridh Ìosa, Rìgh na Rìoghachd Dhè, gu sgrios daoine agus riaghaltasan aingidh aig an cogadh Armagedòn. (Taisbeanadh 16:​14, 16) Aig an àm sin, bidh an gealladh a’ Bhìobaill a tha leantainn air a choileanadh gu tur: “Oir fhathast tamall beag, agus cha bhi an t-aingidh ann.” (Salm 37:10) Tron Rìoghachd, nì Ìosa cinnteach gum bi sìth is ceartas a’ lìonadh an t-saoghail air fad.​—Leugh Isaiah 11:4.

2. Cò ris a bhios beatha coltach nuair a tha miann Dhè dèanta air an talamh?

Fo riaghladh Rìoghachd Dhè, “mealaidh na fìreanan an tìr, agus gabhaidh iad còmhnaidh innte gu bràth.” (Salm 37:29) Smaoinich sin! Saoghal far a bheil a h-uile duine fìreantach le gràdh airson Iehòbha agus a chèile. Cha bhi duine sam bith a’ fàs tinn agus bidh iad uile beò gu bràth!

3. Dè bheir an Rìoghachd Dhè gu buil às dèidh sgrios daoine aingidh?

Às dèidh sgrios nan daoine aingidh, riaghlaidh Ìosa mar Rìgh airson 1,000 bliadhna. Rè na h-ùine sin, cuidichidh esan agus na 144,000 co-riaghladairean aige daoine air an talamh a bhith foirfe. Aig deireadh na greise ud, bidh an saoghal air tionndadh gu pàrras eireachdail, làn de dhaoine toilichte air sgàth ’s gu bheil iad umhail do laghan Iehòbha. Bheir Ìosa an riaghladh air ais don Athair, Iehòbha; gum bi ainm Iehòbha “air a naomhachadh” mar nach thachair riamh roimhe. (Mata 6:​9, 10) Bidh e dearbhte gur e Riaghladair math a tha Iehòbha aig a bheil cùram airson a mhuinntir. Sgriosaidh Iehòbha Sàtan, na deamhain, agus reubaltach sam bith a tha an aghaidh riaghlaidh aige. (Taisbeanadh 20:​7-​10) Bheir an Rìoghachd Dhè saoghal foirfe, maireannach gu bith.

IONNSAICH TUILLEADH

Meòraich air carson a tha earbsa againn gum bi Dia a’ cleachdadh na Rìoghachd airson geallaidhean a’ Bhìobaill a coileanadh san àm ri teachd.

4. Bheir an Rìoghachd Dhè riaghaltasan mac an duine gu crìoch

“Riaghlaich duine os cionn duine eile, ga aimhleas fhèin.” (Eclesiastes 8:9) Leis an Rìoghachd, bidh Iehòbha am mì-cheartas seo a’ càradh.

Leugh Daniel 2:​44 agus 2 Tesalònianaich 1:​6-8, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar a dèiligeas Iehòbha agus a Mhac, Ìosa, leis na riaghaltasan mac an duine agus an luchd-leantainn aca?

  • Carson a tha thu cinnteach gum bi gnìomhan aig Iehòbha agus Ìosa dìreach is ceart air sgàth ’s na rudan a dh’ionnsaich thu mar-tha?

5. ’S e Ìosa an Rìgh as fheàrr a th’ ann

Mar Rìgh na Rìoghachd Dhè, cuidichidh Ìosa daoine air an talamh ann an iomadh dòigh. Cluich am BHIDIO airson faicinn ciamar a tha Ìosa air sealltainn gu bheil e ag iarraidh daoine a chuideachadh agus gun d’fhuair e a’ chumhachd bho Dhia airson sin a dhèanamh.

Tha na rudan a rinn Ìosa nuair a bha e air an talamh, eisimpleir dè nì an Rìoghachd. Dè na beannachdan a’ leantainn a tha thusa a’ coimhead air adhart ris gu sònraichte? Leugh na sgriobtaran an cois mu dheidhinn na beannachdan sinn.

AIR AN TALAMH. . .

BHO NÈAMH . . .

  • cuiridh Ìosa às acras an t-saoghail.​—Salm 72:16.

  • bheir Ìosa beatha slàn foirfe dhan a h-uile duine. ​—Isaiah 33:24.

6. Bheir an Rìoghachd Dhè àm ri teachd iongantach

Bheir an Rìoghachd a’ bheatha iongantach do mac an duine a bha Iehòbha ag iarraidh dhaibh o thùs. Bidh iad beò gu sìorraidh ann am pàrras talmhainn. Cluich am BHIDIO airson faicinn ciamar a tha Iehòbha a’ cleachdadh a Mhac, Ìosa, airson a’ mhiann Aige a coileanadh.

Leugh Salm 145:​16, 17, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn gum bi Iehòbha “a’ sàsachadh miann gach nì beò”?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Nam biodh sinn ag obair còmhla, bhiodh trioblaidean den t-saoghal air am fuasgladh.”

  • Dè dhuilgheadasan an ceartaich an Rìoghachd Dhè nach urrainn riaghaltasan mac an duine a ceartachadh?

GEÀRR-IOMRADH

Coileanaidh an Rìoghachd Dhè a h-amasan; atharraichidh i an talamh gu pàrras làn de dhaoine matha a tha dèanamh adhradh do Iehòbha gu bràth.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar a bhios an Rìoghachd Dhè an t-ainm Iehòbha a naomhachadh?

  • Carson am faod creidsinn a bhith againn gun urrainn an Rìoghachd Dhè geallaidhean a’ Bhìobaill a coileanadh?

  • Dè tha thusa a’ coimhead air adhart ris gu sonraichte?

Amas

RANNSAICH

Lorg a-mach dè tha Armagedòn a’ ciallachadh.

“What Is the Battle of Armageddon?” (Artaigil-lìn)

Leugh mu dheidhinn dè thachras rè nam mìle bliadhna a tha Ìosa a’ riaghladh agus às dèidh sin.

“What Will Happen on Judgment Day?” (The Watchtower, September 1, 2012)

Faic ciamar as urrainn teaghlaichean a meòrachadh còmhla air beannachdan bhon Rìoghachd ri teachd.

See Yourself in Paradise (1:​50)

Anns an sgeulachd “I Was Troubled by Many Questions,” ionnsaich ciamar a lorg reubaltach poileataigeach nan dòighean-fhuasglaidh a bha e ag iarraidh.

“The Bible Changes Lives” (The Watchtower, January 1, 2012)