Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 40

Ciamar is Urrainn Dhuinn a Bhith Glan ann an Sùilean Dhè?

Ciamar is Urrainn Dhuinn a Bhith Glan ann an Sùilean Dhè?

Saoil air màthair gràdhach a tha dèanamh balach òg deiseil airson sgoil. Tha i a’ dèanamh cinnteach gu bheil e air a nigheadh agus gu bheil an t-aodach sgiobalta is glan. Tha seo ga chumail fallain agus a’ sealltainn feadhainn eile gu bheil na pàrantan a’ coimhead às a dhèidh. San aon dhòigh, tha ar Athair gràdhach, Iehòbha, ag iarraidh gum bi sinn glan​—ann an dòigh fiosaigeach agus moralta. Nuair a tha sinn glan, tha seo gar buannachadh agus bidh sinn a’ toirt onair dha.

1. Ciamar is urrainn dhuinn a bhith glan ann an dòigh fiosaigeach?

Tha Iehòbha ag innse dhuinn: “Bithibh-se naomh.” (1 Peadar 1:​16) Airson a bhith naomh feumaidh sinn a bhith glan ann an dòigh fiosaigeach agus moralta. Faodaidh sinn a bhith glan ann an dòigh fiosaigeach le bhith ionnlaid gu tric agus le bhith cumail ar aodaich, taigh, is carbad sgiobalta is glan. Cuideachd, faodaidh sinn a cuideachadh le bhith cumail ar Talla Coinneimh dòigheil. Le bhith cumail glan ann an dòigh fiosaigeach, bidh sinn a’ toirt onair do Iehòbha.​—2 Corintianaich 6:​3, 4.

2. Airson a bhith glan, dè na cleachdaidhean am bu chòir dhuinn seachnadh?

Tha Am Bìoball gar brosnachadh “glanamaid sinn fhèin o gach uile thruailleadh feòla is spioraid.” (2 Corintianaich 7:1) Mar sin, bidh sinn a’ seachnadh rud sam bith a bhios cron a dhèanamh air ar corp no air ar n-inntinn. Bu chòir ar smuaintean Iehòbhah a thoileachadh, mar sin tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall smuaintean mì-iomchaidh a diùltadh. (Salm 104:34) Cuideachd, tha sinn dìcheallach cainnt glan a’ cleachdadh.​—Leugh Colosianaich 3:8.

Dè eile is urrainn gar dèanamh neòghlan ann an dòigh fiosaigeach no moralta? Faodaidh cuid susbaint ar corp a thruailleadh. Mar sin, bidh sinn a’ diùltadh rudan mar tombaca is cha bhi sinn a’ cleachdadh drogaichean mì-laghail airson cleasachd, no cagnadh cnò-bhetel no duilleagan coca. Le rudan mar seo a’ diùltadh, tha sinn nas fhallaine agus tha sinn a’ sealltainn urram airson a’ thiodhlaic a th’ ann a’ bheatha. Cuideachd, tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall a bhith glan ann an dòigh moralta, le bhith a’ strì an aghaidh cleachdaidhean neòghlan mar fèin-bhrodadh agus a’ coimhead air pòrnografachd. (Salm 119:37; Ephèsianaich 5:5) Ged a tha e doirbh a’ ceannsachadh cleachdaidhean den t-seòrsa, faodaidh Iehòbha gar cuideachadh seo a dhèanamh.​—Leugh Isaiah 41:13.

IONNSAICH TUILLEADH

Meòraich air carson a tha sinn a’ toirt urram do Iehòbha nuair a tha sinn glan, agus ciamar is urrainn dhuinn a ceannsachadh cleachdaidhean neòghlan.

3. Tha glainead fiosaigeach a’ toirt urram do Iehòbha

Nuair a tha sinn a’ leughadh na laghannan Iehòbha airson clann Israel, dh’ionnsaich sinn dè cho cudromach ’s a tha e Dha gu bheil a mhuinntir glan. Leugh Ecsodus 19:10 agus 30:​17-​19, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè tha na rannan seo a’ sealltainn mu bheachd Dhè air glainead fiosaigeach?

  • Dè is urrainn dhuinn a dèanamh gu tric airson a bhith glan ann an dòigh fiosaigeach?

Tha ùine agus oidhirp an sàs le bhith glan gu fiosaigeach. Ach faodaidh sinn seo a dhèanamh ge be sinn a fuireach no ge be sinn beartach no bochd. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Le bhith cumail ar stuthan pearsanta glan is sgiobalta san obair shearmonachaidh, ciamar a bhios sinn a’ sealltainn urram?

4. Ceannsaich droch-chleachdaidhean

Faodaidh Iehòbha gar cuideachadh droch-chleachdadh sam bith a ceannsachadh

Ma tha thu a’ smocadh no mì-cleachdadh drogaichean, ’s dòcha gu bheil fios agad mar-tha dè cho doirbh ’s a tha e an cleachdadh a sgur. Dè is urrainn gad chuideachadh? Smaoinich dè buaidh a tha an cleachdadh a’ dèanamh ort. Leugh Mata 22:​37-​39, agus an uairsin bruidhinn air ciamar a tha tombaca no mì-cleachdadh nan drogaichean a’ dèanamh buaidh air . . .

  • an càirdeas aig cuideigin le Iehòbha.

  • an teaghlach aig cuideigin agus feadhainn eile timcheall air.

Dèan plana air ciamar is urrainn dhut droch-chleachdadh a ceannsachadh. a Cluich am BHIDIO.

Leugh Philipianaich 4:​13, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar is urrainn ag ùrnaigh gu tric, sgrùdadh a’ Bhìoball gu tric, agus a frithealadh na coinneamhan gu tric, a toirt cuideigin a’ chumhachd droch-chleachaidhean a ceannsachadh?

5. Strì an aghaidh smuaintean agus gnìomhan neòghlan

Leugh Colosianaich 3:​5, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar a tha fios againn gu bheil pòrnografachd, sexting, agus fèin-bhrodadh neòghlan ann an sùilean Iehòbha?

  • Nad bheachd-sa, a bheil e reusanta gu bheil Iehòbha ag iarraidh gum bi sinn glan ann an dòigh moralta? Carson?

Faigh a-mach ciamar is urrainn dhuinn strì a dhèanamh an aghaidh smuaintean neòghlan. Cluich am BHIDIO.

Chleachd Ìosa dealbh fhacail airson sealltainn gum bu chòir dhuinn gnìomh gu cinnteach a dèanamh gus a bhith glan gu moralta. Leugh Mata 18:​8, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Cha robh Ìosa ag ràdh gum bu chòir dhuinn cron a dhèanamh oirnn fhèin gu fiosaigeach, ach bha e a’ ciallachadh gum bu chòir dhuinn gnìomh a dhèanamh. Dè seòrsa gnìomh cinnteach an urrainn cuideigin a gabhail gus smuaintean neòghlan a seachnadh? b

Ma tha thu ann an strì a’ ceannsachadh smuaintean neòghlan, tha Iehòbha a cur luach air d’ oidhirp. Leugh Salm 103:​13, 14, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ma tha thu ann an strì le cleachdadh neòghlan, ciamar a tha an sgriobtar seo gad bhrosnachadh a cumail ort nad strì?

Na toir suas!

Faodaidh e a bhith furasta a’ smaointinn, ‘Thuit air ais mi, tha e ceart cho math dhomh a toirt suas.’ Ach smaoinich air seo: Dìreach air sgàth ’s gun do thuit ruithear, chan eil seo a’ ciallachadh gu bheil an rèis air chall, no gu bheil feum aige an rèis a thòiseachadh a-rithist. San aon dhòigh, chan eil tuiteam air ais a’ ciallachadh gu bheil thu air chall an strì an aghaidh do droch-chleachdadh. Agus faodaidh tu fhathast a faireachdainn math mun adhartas a tha thu air dèanamh mar tha. Tha tuiteam air ais àbhaisteach​​—pàirt den rathad gu ath-shlànachadh. Na leig suas! Le cuideachas Iehòbha, faodaidh tu an droch-chleachdadh a ceannsachadh.

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha mi ann an greim den droch-chleachdaidh. Chan urrainn dhomh sgur.”

  • Dè sgriobtar is urrainn dhut a co-roinneadh le cuideigin a tha sealltainn gum faod e droch-chleachdadh a sgur le cuideachas Iehòbha?

GEÀRR-IOMRADH

Bidh sinn a’ toileachadh Iehòbha le bhith cumail ar corp, ar n-inntinn, agus ar gnìomhan glan.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha e cho cudromach a bhith glan?

  • Ciamar is urrainn dhut a bhith glan ann an dòigh fiosaigeach?

  • Ciamar is urrainn dhut a cumail do smaointean agus gnìomhan glan?

Amas

RANNSAICH

Dè na rudan simplidh is urrainn dhut a dèanamh gus a bhith glan ann an dòigh fiosaigeach, fiù ’s ged a tha thu bochd?

Health and Hygiene—Handwashing (3:01)

Lorg ceuman pragtaigeach is urrainn dhut a gabhail gus smocadh a sgur.

“How to Quit Smoking” (Awake!, May 2010)

Faigh a-mach ciamar a sgur aon fhear a coimhead air pòrnografachd.

“I Failed Many Times Before I Succeeded” (The Watchtower No. 4 2016)

a Tha “How to Quit Smoking,” ri lorg san Earrann Rannsaich den leasan seo a’ mìneachadh ceuman pragtaigeach is urrainn dhuinn a gabhail gus droch-chleachaidhean a ceannsachadh.

b Airson cuideachas gus an cleachdadh fèin-bhrodadh ceannsachadh, faic “How Can I Conquer the Habit of Masturbation?” san leabhar Questions Young People Ask​—Answers That Work, Volume 1, caibideil 25.