Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 42

Dè tha Am Bìoball ag Ràdh mu Phòsadh no Beatha Shingilte?

Dè tha Am Bìoball ag Ràdh mu Phòsadh no Beatha Shingilte?

Ann an feadhainn cultaran, bidh mòran den bheachd nach urrainn cuideigin a bhith toilichte mura h-eil e no i pòsta. Ach, chan eil a h-uile duine pòsta toilichte agus chan eil a h-uile duine singilte mì-thoilichte, ge-tà. Tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil beatha shingilte agus pòsadh tìodhlacan gu fìrinneach.

1. Dè na buannachdan le bhith singilte?

Tha Am Bìoball ag ràdh: “tha esan a phòsas a mhaighdean a’ dèanamh gu math, agus tha esan a tha a’ seachnadh a phòsaidh a’ dèanamh nas fheàrr.” (Leugh 1 Corintianaich 7:32, 33, 38.) Ann an dè dòighean is urrainn neach singilte a “dèanamh nas fheàrr”? Chan eil feum aig Crìostaidhean singilte a’ gabhail cùram air cèile. Mar sin, san fharsaingeachd tha barrachd saorsa aca. Mar eisimpleir, faodaidh iad a’ mhinistrealachd aca a leudachadh ann an dòighean inntinneach, a leithid a’ siubhal gu dùthaich eile gus an deagh-naidheachd a shearmonachadh. As cudromaiche, faodaidh iad a cur seachad barrachd ùine a fàs dlùth ri Iehòbha.

2. Dè na buannachdan le bhith pòsta gu laghail?

Coltach ri beatha shingilte, tha buannachdan sònraichte a’ tighinn bho phòsadh. Tha Am Bìoball ag ràdh: “Is fheàrr dithis na aon duine.” (Eclesiastes 4:9) Tha seo fìor gu h-àraid airson Crìostaidhean a tha leantainn prionnsabalan a’ Bhìobaill ann am pòsadh. Nuair a tha càraidean a’ pòsadh gu laghail, tha iad a’ gealladh gaol, spèis agus caidreadh a sealltainn ri chèile daonnan. Mar sin, gu tric bidh iad a’ faireachdainn nas thèarainte na dithis a tha dìreach a’ fuireach ri chèile. Cuideachd, tha pòsadh bunait mhath airson clann a thogail.

3. Dè am beachd aig Iehòbha air pòsadh?

Nuair a chuir Iehòbha an gnìomh a’ chiad phòsadh, thuirt e: “fàgaidh fear a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi.” (Genesis 2:24) Bidh Iehòbha ag iarraidh airson fear-pòsta agus bean-phòsta a fanadh ri chèile ann an gaol cho fad ’s a tha iad beò. Tha e a’ leigeil briseadh-pòsaidh a-mhàin nuair a tha aon dhiubh ciontach de dh’adhaltranais. Nuair a tha seo a’ tachairt, tha Iehòbha a’ leigeil cèile neo-chiontach a co-dhùnadh ma tha e no i ag iarraidh briseadh-pòsaidh. a (Mata 19:9) Chan eil Iehòbha a’ leigeil ioma-phòsaidh a measg Chrìostaidhean.—1 Timòteus 3:2.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich ciamar a bhios tu toilichte—agus Iehòbha a’ thoileachadh—ge be tu singilte no pòsta.

4. Cleachd beatha shingilte ann an dòigh thapaidh

Bha beachd Ìosa gur e tiodhlac a th’ ann a’ bheatha shingilte. (Mata 19:11, 12) Leugh Mata 4:23, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar an do chleachd Ìosa an tiodhlac seo gus Athair a frithealadh agus feadhainn eile a cuideachadh?

Faodaidh Crìostaidhean neo-phòsta a lorg aoibhneas mar a rinn Ìosa. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ann an dè dòighean riaraichte an urrainn Crìostaidhean a cleachdadh beatha às aonais pòsaidh?

A bheil fhios agad?

Chan eil Am Bìoball a’ toirt aois as lugha airson pòsadh. Ach, tha e a’ brosnachadh cuideigin a feitheamh gus a bhith e, no i, “blàth a h-aimsir thairis.” Aig an àm seo faodaidh e a bhith doirbh airson cuideigin òg co-dhùnaidhean glic a dhèanamh air sgàth ’s gu bheil faireachdainnean feiseil làidir.—1 Corintianaich 7:36 (Am Bìoball Gàidhlig 1992).

5. Tagh do chèile gu faiceallach

Tha do thaghadh de chèile-pòsta aon de na co-dhùnaidhean as cudromaiche a nì thu a-riamh. Leugh Mata 19:4-6, 9, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson nach bu chòir Crìostaidh a pòsadh ro luath?

Tha Am Bìoball a’ sealltainn dhuinn dè na buadhan a dhèanamh cuideigin deagh chèile-pòsta. As cudromaiche, tagh cèile-pòsta aig a tha gràdh airson Iehòbha. b Leugh 1 Corintianaich 7:39 agus 2 Corintianaich 6:14. Agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Carson am bu chòir dhuinn a pòsadh dìreach Crìostaidh eile?

  • Nad bheachd-sa, ciamar a bhios Iehòbha a’ faireachdainn ma phòsas sinn aig cuideigin gun gràdh airson Dhè?

Ma tha dà bheathach gu math diofaraichte air an cuingeachadh ri-chèile, bidh iad a’ strì. San aon dhòigh, bidh trioblaidean aig Crìostaidh a tha pòsadh aig cuideigin gun gràdh airson Iehòbha

6. Smaoinich air pòsadh mar a tha Iehòbha

Ann an Israel aosmhor, bha fir ann a bha briseadh-pòsaidh leis am mnathan airson adhbharan fhèineil. Leugh Malachi 2:13, 14, 16, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson a tha gràin aig Iehòbha airson briseadh-pòsaidh a tha mì-cheart?

Bidh adhaltranas agus briseadh-pòsaidh a’ goirteachadh cèile agus clann neo-chiontach

Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ma tha thu pòsta aig cuideigin gun gràdh airson Iehòbha, dè is urrainn dhut a dhèanamh airson pòsaidh soirbheachail?

7. Cùm ris na h-ìrean aig Iehòbha airson pòsaidh

’S dòcha gum bi oidhirp mòr deatamach ann gus a chumail ris na h-ìrean Iehòbha airson pòsaidh. c Ach, bidh Iehòbha a’ beannachadh iad a tha dèanamh seo. Cluich am BHIDIO.

Leugh Eabhraidhich 13:4, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil ìrean Iehòbha airson pòsaidh reusanta? Carson no carson nach eil?

Tha dùil aig Iehòbha gum bi Crìostaidhean a’ clàradh nan pòsaidhean agus nan briseadhean-pòsaidh aca, a rèir na riaghaltasan. Leugh Tìtus 3:1, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ma thu pòsta, a bheil thu cinnteach gu bheil do phòsadh laghail?

’S DÒCHA GUM FAIGHNICH CUIDEIGIN: “Carson a’ pòsadh? Nach urrainn dithis dìreach a fuireach ri-chèile?”

  • Ciamar a fhreagarras tu?

GEÀRR-IOMRADH

Tha beatha phòsta agus beatha shingilte tiodhlaicean bho Iehòbha. Faodaidh beatha thoilichte agus riaraichte a bhith aig iad a tha pòsta agus iad nach eil nuair a tha iad a’ fuireach a rèir miann Iehòbha.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar is urrainn cuideigin a chleachdadh beatha shingilte airson maith?

  • Carson a tha Am Bìoball ag ràdh gum bu chòir dhuinn pòsadh Crìostaidh eile a-mhàin?

  • Dè tha an t-aon adhbhar sgriobtarail airson briseadh-pòsaidh?

Amas

RANNSAICH

Dè tha pòsadh “a-mhàin san Tighearna” a’ ciallachadh?

“Questions From Readers” (The Watchtower, July 1, 2004)

Coimhead air an dà bhidio goirid is urrainn gad chuideachadh co-dhùnaidhean matha a dhèanamh mu deiteadh agus pòsadh.

Preparing for Marriage (11:53)

Faigh a-mach carson a tha aon bhràthair a’ faireachdainn gun do thug Iehòbha dha rudeigin fada nas fheàrr na leig suas e.

I Was Hoping That She Would Learn the Truth (1:56)

Dè rudan am bu chòir cuideigin a smaoineachadh air ro bhriseadh-pòsaidh no sgaradh-pòsaidh?

“Honor ‘What God Has Yoked Together’” (The Watchtower, December 2018)

a Faic Nòta-deiridh 4 mu dheidhinn sgaradh-pòsaidh mura h-eil adhaltranas ann.

b Ann an cuid de cultaran, bidh pàrantan a’ taghadh cèile-pòsta airson am mac no nighean. Nuair a tha sin an cùis, tha pàrantan gràdhach a’ smaoineachadh air, sa chiad àite, a’ ghràdh aige no aice airson Iehòbha, chan e airgead no suidheachadh sòisealta aca.

c Ma tha thu a’ fuireach ri cuideigin aig nach eil thu pòsta, ’s e co-dhùnadh pearsanta a th’ ann ma bhios tu a’ pòsadh no fàgas tu e no i.