Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 45

Dè Th’ ann an Neodrachd?

Dè Th’ ann an Neodrachd?

Theagaisg Ìosa dhan luchd-leantainn aige nach robh iad “dhen t-saoghal.” (Eòin 15:19) Tha seo a’ ciallachadh gu bheil feum oirnn a bhith neodrail—na cumail taobh ris am poileataigs agus cogaidhean dhen t-saoghal seo. Gu dearbh, chan eil seo furasta ri dhèanamh. Fiù ’s aig amannan air sgàth seo, bidh sinn air ar magadh. Ciamar is urrainn dhuinn a cumail neodrail agus dìleas do Dhia Iehòbha?

1. Dè bharail am bu chòir a bhith aig fìor-Chrìostaidhean mun riaghaltasan?

Bidh Crìostaidhean a’ toirt urram do na riaghaltasan. Bidh sinn a’ dèanamh mar a dh’iarr Ìosa “Thugaibh do Chèasar na rudan a tha le Cèasar”—mar sin, bidh sinn a’ leantainn na laghan den dùthaich, a leithid cìsean a phàigheadh. (Marcas 12:17) Tha Am Bìoball a’ teagasg gu bheil riaghaltasan mac an duine stèidhichte oir leig Iehòbha iad a bhith. (Ròmanaich 13:1) Mar sin, aithnicheas sinn gu bheil ùghdarras de sèorsa aig riaghaltasan mac an duine. Ach bidh sinn a’ coimhead do ar Dia-na agus an Rìoghachd nèamhaidh airson a fuasgladh trioblaidean mac an duine.

2. Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn gu bheil sinn neodrail?

Coltach ri Ìosa, cha bhi sinn a’ gabhail pàirt ann am poileataigs. Nuair a chunnaic daoine aon den mìorbhailean aig Ìosa dh’fheuch iad Rìgh air an talamh a dhèanamh dha, ach cha leig e iad. (Eòin 6:15) Ach carson? Fhreagair Ìosa: “Chan ann on t-saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa.” (Eòin 18:36) Mar deisciobail Ìosa, bidh sinn a’ sealltainn ar neodrachd ann an iomadh dòigh. Mar eisimpleir, cha bhi sinn a’ dèanamh cogadh. (Leugh Micah 4:3.) Bidh sinn a’ toirt urram do chomharran nàiseanta—mar brataich—ach cha bhi sinn a’ toirt an t-aon sèorsa onair dhaibh mar a tha sinn a’ toirt do Dhia. (1 Eòin 5:21) Cuideachd, cha bhi sinn a’ cumail taobh ri, no an aghaidh, aon phartaidh politigeach no tagraiche sam bith. Anns na dòighean seo agus eile, tha sinn a’ sealltainn gu bheil sinn dìleas gu tur don riaghaltas Dhè—A Rìoghachd.

IONNSAICH TUILLEADH

Smaoinich air suidheachaidhean nuair a bhios e duilich a cumail ar neodrachd, agus faic ciamar is urrainn dhut co-dhùnaidhean a dhèanamh a bhios Iehòbha a’ toileachadh.

3. Tha fìor-Chrìostaidhean neodrail

Sheall Ìosa agus an luchd-leantainn ciamar am bu chòir dhuinn a bhith. Leugh Ròmanaich 13:1, 5-7 agus 1 Peadar 2:13, 14. An uairsin, cluich am BHIDIO agus bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Carson am bu chòir dhuinn a toirt spèis do na h-ùghdarrasan?

  • Ann an dè dòighean an urrainn dhuinn a bhith umhail dhaibh?

Aig àm cogaidh, bidh cuid dùthchannan ag ràdh gu bheil iad neodrail, ach bidh iad a’ toirt taic ri gach taobh. Dè th’ ann am fìor-neodrachd? Leugh Eòin 17:16. An uairsin, cluich am BHIDIO agus bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Dè th’ ann an neodrachd gu dearbh?

Dè ma bhios na h-ùghdarrasan ag iarraidh oirnn rudan a tha an aghaidh an lagh Dhè? Leugh Gnìomhan 5:28, 29. An uairsin, cluich am BHIDIO agus bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Ma tha strì ann eadar lagh mac an duine agus lagh Dhè, cò am bu chòir dhuinn a bhith umhail ris?

  • An urrainn dhut a smaoineachadh air suidheachadh sam bith far nach bi Crìostaidhean a’ leantainn òrdughan na h-ùghdarrasan?

4. Bi neodrail ann an smuain is gnìomh

Leugh 1 Eòin 5:21. An uairsin, cluich am BHIDIO agus bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Sa bhidio, carson an co-dhùin Ayenge nach gabh e anns a’ phartaidh politigeach no a gabhail phàirt ann an deas-gnàth nàiseantachd, mar cur fàilte air am bratach?

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gun do rinn e an rud glic?

Dè suidheachaidhean eile is urrainn deuchainn a cur air ar neodrachd? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Ciamar is urrainn dhuinn a cumail neodrail aig tachartasan spòrsail eadar-nàiseanta?

  • Ciamar is urrainn dhuinn a cumail neodrail ged a tha co-dhùnaidhean aig luchd-poilitigs a’ toirt buaidh oirnn gu pearsanta?

  • Ciamar is urrainn na meadhanan agus ar càirdean a toirt buaidh air ar neodrachd?

Dè dh’fheumas tu a dhèanamh ma tha thu ag iarraidh a bhith neodrail ann an smuain is gnìomh?

’S DÒCHA GUM FAIGHNICH CUIDEIGIN: “Carson nach bi thu a’ cur fàilte air a’ bhratach no seinn an laoidh nàiseanta?”

  • Ciamar a fhreagaras tu?

GEÀRR-IOMRADH

Bidh Crìostaidhean ag obair gu cruaidh gus a bhith neodrail ann an smuaintean, faclan, is gnìomhan.

Ath-sgrùdadh

  • Dè chomain a th’ againn do riaghaltasan mac an duine?

  • Carson a tha sinn a’ cumail neodrail a rèir phoileataigs?

  • Dè suidheachaidhean is urrainn a chur deuchainn air ar neodrachd?

Amas

RANNSAICH

Dè na h-ìobairtean gum bi feum oirnn a dhèanamh aig amannan airson a chumail neodrail?

Jehovah Has Never Let Us Down (3:14)

Ciamar is urrainn teaghlaichean ag ullachadh ro làimh airson deuchainn air neodrachd?

Maintain Neutrality at Public Events (4:25)

Carson nach eil dìon na dùthcha againn fhèin an t-urram às motha a th’ ann?

“All Things Are Possible With God” (5:19)

Meòraich air ciamar is urrainn dhuinn a bhith neodrail a rèir co-dhùnaidhean fastachd.

“Each One Will Carry His Own Load” (The Watchtower, March 15, 2006)