Ath-Sgrùdadh De Earrann 3
Bruidhinn ris an tidsear agad mu na ceistean a leanas:
Leugh Gnàth-fhacal 27:11.
Carson a tha thu ag iarraidh a bhith dìleas do Iehòbha?
(Faic Leasan 34.)
Ciamar is urrainn dhut co-dhùnaidhean matha a dhèanamh mura h-eil àithne mhionaideach anns a’ Bhìoball?
(Faic Leasan 35.)
Ciamar is urrainn dhut a bhith onarach anns a h-uile rud?
(Faic Leasan 36.)
Leugh Mata 6:33.
Ciamar is urrainn dhut “siribh an toiseach rìoghachd Dhè” a thaobh obrach is airgid?
(Faic Leasan 37.)
Dè na dòighean is urrainn dhut sealltainn gu bheil thu a’ cur luach air beatha mar a tha Iehòbha a’ dèanamh?
(Faic Leasan 38.)
Leugh Gnìomhan 15:29.
Ciamar is urrainn dhut a bhith umhail dhan àithne Iehòbha a thaobh fala?
A bheil thu den bheachd gu bheil na feumalachdan aige reusanta?
(Faic Leasan 39.)
Leugh 2 Corintianaich 7:1.
Dè tha e a’ ciallachadh a bhith glan gu fiosaigeach agus gu moralta?
(Faic Leasan 40.)
Leugh 1 Corintianaich 6:9, 10.
Dè tha Am Bìoball ag ràdh mu dheidhinn feise? A bheil thu ag aontachadh leis?
Dè an stiùireadh a’ Bhìobaill mu dheidhinn alcoil a ghabhail?
(Faic Leasanan 41 agus 43.)
Leugh Mata 19:4-6, 9.
Dè an ìre aig Dia airson pòsaidh?
Carson a feumar pòsaidhean agus briseadhean-pòsaidh a bhith clàradh gu laghail?
(Faic Leasan 42.)
Dè na fèillean is tachartasan sonraichte a tha Iehòbha mì-thoilichte leis, agus carson?
(Faic Leasan 44.)
Leugh Eòin 17:16 agus Gnìomhan 5:29.
Ciamar is urrainn dhut a bhith neodrail?
Ma tha strì ann eadar lagh daonna agus lagh Dhè, dè nì thu?
(Faic Leasan 45.)
Leugh Marcas 12:30.
Ciamar is urrainn dhut sealltainn gu bheil gràdh agad air Iehòbha?
(Faic Leasanan 46 agus 47.)