Skip to content

Skip to table of contents

Faodaidh tu ag ullachadh an-dràsta airson saoghal nas fhèarr ri thighinn

Tha Pàrras Na Talmhainn Faisg Oirnn!

Tha Pàrras Na Talmhainn Faisg Oirnn!

Chruthaich Dia An Talamh airson ’s gum bi daoine fìreantach beò air gu sìorraidh. (Salm 37:29) Chur e a’ chiad dithis, Adhamh is Eubha, anns an gàrradh brèagha Eden, agus bha e ag iarraidh gum bi iad agus an sliochd aca a coimhead às dèidh an talamh.—Genesis 1:28; 2:15.

Gu dearbh an-diugh chan eil ar talamh am pàrras a bha Dia ag iarraidh. Ach, chan eil Dia air atharrachadh. Ciamar a nì Dia pàrras air An Talamh? Mar a tha na h-artaigilean roimhe seo air sealltainn, cha toirt Dia na talmhainn gu sgrios. Ach, leig e daoine umhail a fuireach air. Dè bi an suidheachadh coltach air An Talamh nuair a bheir Dia a mhiann aige gu buil?

Aon riaghaltas airson ar saoghal

A dh’aithgheàrr, bidh an Rìoghachd Dhè a riaghladh thairis air mac an duine gu lèir, bidh ar saoghal àite toilichte far a bhith daoine a fuireach ri chèile ann an sìth agus bidh obair math aig a h-uile duine. Stèidhich Dia, Ìosa Crìost mar riaghladair thairis air An Talamh. Neo-coltach ri tòrr riaghladairean an-diugh, bidh Ìosa ag iarraidh an rud as fhèarr airson na mhuinntir aige. Bidh e riaghladh ann an gràdh agus bidh e Rìgh laghach agus tròcaireach.—Isaiah 11:4.

Aonaichte eadar-nàiseanta

Ann an saoghal ùr cha bhi mac an duine sgarta ann an dòigh nàiseantachd no cinnidheachd. Bidh mac an duine aonaichte. (Taisbeanadh 7:9, 10) Bidh daoine beò air talamh làn de gràdh airson Dia agus airson nàbaidhean, agus bidh iad ag obair ri chèile airson dèanamh a mhiann Dhè agus choimhead as dèidh ar dachaigh, An Talamh.—Salm 115:16.

Aig sìth leis an àrainneachd nàdarrail

Nuair a thòisicheas an Rìoghachd Dhè riaghladh thairis air na Talmhainn bidh smachd aig ar Cruithear aig an t-aimsir. (Salm 24:1, 2) Nuair a shocraich Ìosa stoirm uabhasach seall e dè as urrainn e a dhèanamh le neart Dhè. (Marcus 4:39, 41) Fo riaghladh Ìosa, cha bhi eagal aig duine sam bith air sgàth tubaistean mòra nàdarrail. Bidh an Rìoghachd Dhè a cur air ais sìth eadar daoine agus àrainneachd cuideachd.—Hosea 2:18.

Pailteas de biadh agus beatha slàn is foirfe

Bidh a h-uile duine slàn is foirfe. Cha bhi duine sam bith a fàs tinn, a fàs aosta, no a bhàsachadh. (Isaiah 35:5, 6) Bidh daoine a mealadh àrainneachd glan agus brèagha dìreach mar a bha e ann an gàrradh Edein. Anns an saoghal ùr mar a bha e ann an Eden, bidh pailteas de bhiadh ann airson a h-uile duine. (Genesis 2:9) Mar a bha e airson na Eabhraidheach, bidh a h-uile duine ann am pàrras thalmhainn ag ithidh “n-aran gu ur sàth.”—Lebhiticus 26:4, 5.

Tèarainteachd agus fìor shìth

Fo an Rìoghachd Dhè bidh sìth ann agus bidh a h-uile duine laghach agus gasta. Cha bhi cogaidhean ann, no mì-ghnàthachadh de ùghdarras agus bidh aig a h-uile duine de tha feum orra. Tha Am Bìoball a’ gealladh: “Ach suidhidh iad gach duine fo a fhìonain, agus fo a chrann-fige fhèin, agus cha chuir aon neach eagal orra.”—Micah 4:3, 4.

Gu leòr taighean agus obair riaraichte

Bidh dachaigh ann airson gach teaghlach gun eagal gun caill iad e, cuideachd bidh obair taitneach aig gach neach. Tha Am Bìoball ag ràdh anns an saoghal ùr: “Cha saothraich iad gu dìomhain.”—Isaiah 65:21-23.

Am foghlam as fhèarr

Tha Am Bìoball a’ gealladh gum bi An Talamh làn de: “eòlas an Tighearna.” (Isaiah 11:9) Bidh muinntir an saoghal ùr ag ionnsachadh bho an gliocas mìorbhaileachd aig Dhia agus na rudan brèagha tha e air cruthaichte. Cha bhi iad a cleachdadh an eòlas aca airson a togail armachdan no dèanamh cron air daoine eile. (Isaiah 2:4) Na h-àite, ionnsaich iad ciamar as urrainn iad a fuireach aig sìth agus ciamar as urrainn iad a coimhead as dèidh na talmhainn.—Salm 37:11.

Beatha gu sìorraidh

Chruthaich Dia an talamh gu faiceallach gun urrainn sinn còrdadh ar beatha gach latha. Tha e ag iarraidh gum bi mac an duine beò air An Talamh gu sìorraidh. (Salm 37:29; Isaiah 45:18) Airson ’s gum bi am miann aige thoirt gu buil “sluigidh e suas am bàs le buaidh.” (Isaiah 25:8) Cuideachd tha Am Bìoball a’ gealladh: “cha bhi am bàs ann tuilleadh, no bròn, no gal; is cha bhi àmhghar ann nas motha.” (Taisbeanadh 21:4) Bheir Dia cothrom a bhith beò gu sìorraidh gu iad a shàbhalas e aig deireadh an t-saoghail olc seo agus cuideachd gu iad a thig air ais anns an aiseirigh nam marbh.—Eòin 5:28, 29; Gnìomhan 24:15.

An-diugh, tha milleanan de dhaoine air feadh an t-saoghail faighinn deiseil airson an saoghal ùr faisg ri làimh. Ged a tha iad neo-fhoirfe tha iad a dèanamh an dìcheall airson a bhith na seorsa dhaoine a tha Dia ag iarraidh anns an saoghal ùr. Ach ciamar? Le ionnsachadh mu Dia Iehòbha agus a mhic aige Ìosa Crìost.—Eòin 17:3.

Ionnsaich tuilleadh mu ciamar as urrainn dhut a maireadh beò deireadh an t-saoghail agus a bhith beò ann an saoghal fada nas fhèarr ri thighinn. Gabh sgrùdadh a’ Bhìobaill le Fianaisean Iehòbha saor an-asgaidh san leabhar Meal Beatha Gu Bràth! le aon deFhianaisean Iehòbha.