Skip to content

Skip to table of contents

Sunnd Faireachail

Sunnd Faireachail

Tha Am Bìoball a’ rabhadh an aghaidh faireachdainn chronail agus gar brosnachadh a fàs iad a tha math dhuinn.

FEARG

PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “Is fhèarr an tì a tha mall a-chum feirge na gaisgeach.”—Gnàth-Fhacal 16:32.

THA SEO A’ CIALLACHADH: Tha sinn a’ buannachadh nuair a tha sinn a’ cumail smachd air ar faireachdainnean. Uaireannan ged a tha adhbhar ann airson a bhith feargach, ach tha fearg gun smachd cunnartach. Tha luchd-rannsachaidh air a shealltainn gu tric gum bi daoine a’ faireachdainn duilich mu rudeigin a rinn no thuirt iad nuair a bha iad feargach.

DÈ AS URRAINN DHUT A DHEÀNAMH: Ionnsaich ciamar is urrainn dhut smachd a chumail air fearg. Tha feadhainn a’ smaoineachadh gu bheil fearg gun smachd rudeigin làidir, ach tha sinn glic nuair a dh’aithnicheas sinn gur e rud a tha lag. Tha Am Bìoball ag ràdh: “Mar mhòr-bhaile briste sìos gun bhalla, tha am fear aig nach eil ceannsal air a spiorad fhèin.” (Gnàth-fhacal 25:28) Aon dòigh phragtaigeach airson a chumail smachd air fearg mus do frith-ghluais sinn, faigh a-mach fìrinn na cùise. “Nì tuigse duine mall a-chum feirge.” (Gnàth-fhacal 19:11) Bhiodh e math ag èisteachd ri gach thaobh na cùise; is docha bidh seo gar cuideachadh smachd a chumail air ar faireachdainnean.

BI TAINGEIL

PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “agus bithibh taingeil.”—Colosianaich 3:15.

THA SEO A’ CIALLACHADH: Bidh feadhainn ag ràdh gu bheil fìor thoileachas tighinn nuair a tha sinn taingeil. Fiù ’s tha iad a tha air a chall a-mach ann an dòigh uabhasach ag aontachadh le seo. Tha iad ag ràdh gu bheil an dòigh nas fheàrr a chum a’ dol as dèidh trioblaid mhòr, a chumail na smaointinn aca air na rudan a th’ aca agus air a bheil iad taingeil airson.

DÈ AS URRAINN DHUT A DHÈANAMH: Gach latha, dèan liosta de na rudan a tha thu taingeil airson. Chan fheum iad sin a bhith nan rudan mòra. Fiù ’s, meòraich air rudan beaga, mar èirigh na grèine brèagha, còmhradh rèidh ri luchd-gaoil, no dìreach latha eile de bheatha. ’S urrainn rudan aigneach mar seo a bhith math airson do shunnd faireachail—ma gabhas tu ùine airson mothachadh air.

Dh’faodadh e a bhith gu math cuideachail nuair a tha thu a’ smaoineachadh mu carson a tha thu taingeil airson càirdean agus caraidean. Nuair a chì thu rudan math ann an cuid eile, innis dhaibh mu dheidhinn, le litir, post-dealain, teachdaireachd teacsa, no nuair a tha thu ri chèile. Neartaichidh seo do dhàimhealachdan agus bidh thu nas toilichte air sgàth ’s gu bheil thu air a dèanamh rudeigin math airson daoine eile.—Gnìomhan 20:35.

PRIONNSABALAN EILE BHON A’ BHÌOBAILL

Is urrainn dhut luchdadh a-nuas clàraidhean bhon a’ Bhìoball. Tha iad ri fhaighinn ann an còir is 40 cànan air jw.org

COISICH AIR FALBH BHO ARGAMAIDEAN.

“Mar gun leigeadh neach a-mach uisgeachan, tha toiseach aimhreit; uime sin mun sgaoil a’ chòmhstri, leig dhìot i.”—GNÀTH-FHACAL 17:14.

SEACHAIN DRAGH NEO-RIATANACH MUN ÀM RI TEACHD.

“Mar sin na biodh cùram oirbh mun latha màireach, oir bidh cùram air an latha màireach air a shon fhèin. Tha olc gach aon latha gu leòr dha fhèin.”—MATA 6:34.

SMAOINICH MUS DO FRITH-GHLUAIS THU.

“Nì ciall do dhìon, coimheadaidh tuigse thu.”—GNÀTH-FHACAL 2:11.