Thoir Taic Dhan Rìoghachd Dhè a-Nis!
Smaoinich mu làn-ghèile mhòr a tha tighinn thugad agus tha na buidhein riaghaltais anns an sgìre agad a’ sgaoileadh rabhaidhean gu eiginneach: “THALLA A-MACH A SEO AGUS LORG ÀITE SÀBHAILTE!” Dè bhiodh an rud ceart ri dhèanamh? Lorg àite sàbhailte gu dearbh.
Ann an dòigh, tha sinn uile a’ fuireach san slighe an “stoirm” uabhasach, a thuirt Ìosa gur e an “àmhghar mòr” a th’ oirre. (Mata 24:21) Chan urrain dhuinn faighinn a-mach às a rathad den àmhghar seo. Ach tha rudeigin ann a dh’fhaodadh sinn a dhèanamh gum bi sinn sàbhailte. Dè tha sin?
Anns an t-Searmon air a Bheinn thug Ìosa Crìost an stiùireadh seo dhan luchd-leantainn: “Ach siribh an toiseach rìoghachd Dhè agus fhìreantachd-san.” (Mata 6:33) Ciamar a nì sinn sin?
Siribh an toiseach an Rìoghachd Dhè. Tha seo a’ ciallachadh gum bu chòir an Rìoghachd Dhè a bhith as cudromaiche dhuinne na dad sam bith eile. (Mata 6:25, 32, 33) Carson am bu chòir dhuinn faireachdainn mar sin? Air sgàth ’s nach urrainn daoine cur ceart duilgheadasan mac an duine. ’S e dìreach an Rìoghachd Dhè is urrainn an obair chruaidh sin a dhèanamh.
Siribh fhìreantachd-san. Bu chòir dhuinn ar dìcheall a dhèanamh ri fuireach le laghan is prionnsabalan a’ Bhìobaill. Carson? Oir ma tha sinn fhèin a’ taghadh dè tha ceart is ceàrr, cha bhi an toradh math idir. (Gnàth-fhacail 16:25) Air an làimh eile, math bhios sinn umhail do laghan is prionnsabalan aig Dia, bidh ar beatha nas fheàrr.—Isaiah 48:17, 18.
Cùm ort a’ sireadh an toiseach rìoghachd Dhè agus an fhìreantachd-san. Rabh Ìosa gum bi feadhainn air a bhuaireadh, a’ smaoineachadh gum bi iad tèarainte le tòrr airgid Mata 6:19-21, 25-32.
fhaighinn. Bidh feadhainn eile a’ faireachdainn fo chùram mun bheatha agus cha bhi ùine aca air fhàgail airson sireadh na Rìoghachd Dhè.—Gheall Ìosa ge-tà, gum faigh na daoine a tha toirt taic don Rìoghachd Dhè, na tha feum aca an-dràsta agus beannachdan gun deireadh, san àm ri teachd.—Mata 6:33.
Fiù ’s gun robh na deisciobail sa chiad linn a’ sireadh an toiseach na Rìoghachd Dhè agus an fhìreantachd-san, chan fhac’ iadsan deireadh de pian agus fulangas san beatha aca. Ach fhuair iad tèaraintachd. Ciamar?
Bha iad a’ fuireach le tomhasan Dhè agus air an dìonadh bho na duilgheadasan a bha aig an fheadhainn nach robh ag èisteachd ri Dia. Bha an creideas làidir aca gun tigeadh an Rìoghachd a’ toirt chuideachadh dhaibh. Fhuair iad “barrachdas a’ chumhachd o Dhia”; chumhachd a bha nas làidire na bha àbhaisteach agus air sgath sin sheas iad an aghaidh fiù’s na duilgheadasan as miosa.—2 Corintianaich 4:7-9.
AN SIREADH TU AN TOISEACH AN RÌOGHACHD?
Bha Crìostaidhean sa chiad linn umhail don òrdugh Ìosa airson sireadh an toiseach na Rìoghachd. Bha iad a’ searmonachadh na deagh-naidheachd mun a’ Rìoghachd tharais an t-saoghal a bha aca an uair sin. (Colosianaich 1:23) A bheil duine sam bidh a’ dèanamh sin an latha an-diugh?
Tha gu dearbh! Tha Fianaisean Iehòbha a’ faicinn gu bheil an ùine a’ fàs goirid mus do bheir an Rìoghachd Dhè crìoch dhan linn seo. Tha iad ag obair gu cruaidh agus a’ cur an gnìomh am facal Ìosa: “Bidh an soisgeul seo aig an rìoghachd air a shearmonachadh air feadh an t-saoghail gu lèir, mar fhianais dha na nàiseanan uile, agus an uair sin thig an deireadh.”—Mata 24:14.
Dè nì thusa a-nis mun Rìoghachd Dhè? Seall air eisimpleir muinntir a’ bhaile Berèa ann an Masadonia. Nuair a chuala iad an deagh-naidheachd mun a’ Rìoghachd bhon Abstol Pòl, “ghabh iad am facal thuca fhèin leis a h-uile h-eud,” agus an uair sin “a’ rannsachadh nan Sgriobtar” airson dearbhadh gun robh na rudan seo mar sin, agus chuir iad an gnìomh na rudan a dh’ionnsaich iad.—Gnìomharan 17:11, 12.
Faodaidh tu an aon rud a dhèanamh. Le sireadh an toiseach na Rìoghachd Dhè agus an fhìreantachd-san, ’s urrainn dhut a lorg àite sàbhailte an-dràsta, sìth maireannach agus tèarainteachd san àm ri teachd.