Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 35

Ciamar an Dèan Sinn Co-dhùnaidhean a tha Matha

Ciamar an Dèan Sinn Co-dhùnaidhean a tha Matha

Tha co-dhùnaidhean againn uile ri dhèanamh. Tha iomadh dhiubh a’ toirt buaidh mòr oirnn agus air ar càirdeas le Iehòbha. Mar eisimpleir, is dòcha gum bi feum oirnn a taghadh càit am bi sinn a’ fuireach, dè an seòrsa obair a nì sinn, no ma phòsas sinn. Nuair a nì sinn deagh co-dhùnaidhean, bidh beatha toilichte againn agus bidh Iehòbha toilichte cuideachd.

1. Ciamar is urrainn dhut Am Bìoball a cleachdadh airson deagh co-dhùnaidhean a dhèanamh?

Ro co-dhùnadh a dhèanamh, ùrnaigh airson cuideachas Iehòbha agus sgrùd a’ Bhìoball airson faighinn a-mach ciamar a tha e a’ faireachdainn mun cùis. (Leugh Gnàth-fhacal 2:​3-6.) Uaireannan, bidh òrdugh soilleir ann bho Iehòbha. Ma tha, nuair a tha sinn umhail dha bidh an co-dhùnadh as fheàrr.

Dè nì thu, ge-tà, mura h-eil òrdugh soilleir ann bhon a’ Bhìoball? Bidh Iehòbha fhathast gad stiùireadh “anns an t-slighe air imich thu.” (Isaiah 48:17) Ciamar? Tha prionnsabalan ann is urrainn gad stiùireadh. Tha prionnsabalan a’ Bhìobaill fìrinnean bunaiteach a tha sealltainn nan smuaintean agus faireachdainnean Dhè. Gu tric bidh sinn ag ionnsachadh ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn mu chùis nuair a leughas sinn cunntas sa Bhìoball. Nuair a dh’aithnicheas sinn ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn, is urrainn dhuinn a dèanamh co-dhùnaidhean a tha toirt toileachas dha.

2. Dè bu chòir dhut smaoineachadh air mus co-dhùnadh a dhèanamh?

Tha Am Bìoball ag ràdh: “Bheir an duine ciallach an aire da cheum.” (Gnàth-fhacal 14:15) Tha seo a’ ciallachadh ro co-dhùnadh a dhèanamh, bu chòir dhuinn ùine a ghabhail airson smaoineachadh mu ar taghaidhean. Ro gach taghadh, faighnich dhut fhèin: ‘An urrainn prionnsabal a’ Bhìobaill gam chuideachadh? Dè taghadh a tha toirt dhomh fois-chridhe? Dè seòrsa buadh a bheir mo co-dhùnadh air feadhainn eile? Agus as cudromaiche, am bi Iehòbha toilichte leis?’​—Deuteronomi 32:29.

Tha cead aig Iehòbha airson ag innse dhuinn na tha math agus na tha dona. Nuair a dh’fhàsas sinn eòlach air na laghan agus prionnsabalan aige agus tha sinn den mhiann sin a leantainn, tha sinn a’ trèanadh ar cogais. Tha an cogais rudeigin a tha againn uile, ag innse dhuinn na tha ceart agus na tha ceàrr. (Ròmanaich 2:​14, 15) Bidh cogais a tha air a trèanadh gar cuideachadh deagh co-dhùnaidhean a dhèanamh.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich gu mionaideach ciamar a tha prionnsabalan a’ Bhìobaill agus ar cogais fìor-chudromach nuair a tha sinn a dèanamh co-dhùnaidhean.

3. Leig Am Bìoball gad stiùireadh

Ciamar is urrainn prionnsabalan a’ Bhìobaill gar stiùireadh nuair a tha co-dhùnaidhean againn ri dhèanamh? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Dè th’ ann an saor-thoil?

  • Carson an do thug Iehòbha saor-thoil dhuinn?

  • Dè thug e dhuinn a tha gar cuideachadh airson cleachdadh ar saor-thoil ann an dòigh as fheàrr?

Airson faicinn eisimpleir de prionnsabal a’ Bhìobaill, leugh Ephèsianaich 5:​15, 16. Agus an uairsin bruidhinn air ciamar is urrainn dhut “ath-cheannach an ama” airson . . .

  • leughadh a’ Bhìobaill gu tric.

  • a bhith caraid pòsta, pàrant, mac, no nighean nas fheàrr.

  • frithealadh coinneamhan co-thionail.

4. Trèan do chogais gus deagh co-dhùnaidhean a dhèanamh

Nuair a tha òrdugh soilleir sgriobtarail ann mu chùis, ’s dòcha tha an taghadh ceart furasta. Ach dè nì thu mura h-eil òrdugh soilleir a leithid? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Sa bhidio, dè ceuman an do ghabh a’ phiuthar gus trèanadh a cogais agus co-dhùnaidhean a dhèanamh a bhios Iehòbha toileachadh?

Carson nach bu chòir dhuinn faighnich feadhainn eile co-dhùnaidhean a dhèanamh air ar son? Leugh Eabhraidhich 5:​14, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ged a tha e nas fhasa aig amannan a faighnich feadhainn eile dè bu chòir dhuinn a dèanamh, carson am bu chòir dhuinn eadar-dhealachadh a dhèanamh dhuinn fhèin?

  • Dè th’ agad is urrainn gad chuideachadh do chogais a trèanadh gus deagh co-dhùnaidhean a dhèanamh?

Coltach ri mapa, bidh ar cogais gar stiùireadh nar beatha

5. Thoir urram air na cogaisean de feadhainn eile

Bidh daoine eadar-dhealaichte a’ dèanamh co-dhùnaidhean eadar-dhealaichte. Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn urram airson nan cogaisean de feadhainn eile? Meòraich air dà shuidheachadh:

Suidheachadh 1: Còrdaidh aon phiuthar maise-gnùis a cleachdadh. Tha i a’ gluasad gu co-thionail eile far a bheil mòran peathraichean mì-thoilichte le seo.

Leugh Ròmanaich 15:1 agus 1 Corintianaich 10:​23, 24, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A rèir na rannan seo, dè seòrsa co-dhùnadh an dèan a’ phiuthar? Dè nì thu ma tha thu le cuideigin aig a bheil cogais an aghaidh rudeigin a tha thusa cofhurtail leis nad chogais?

Suidheachadh 2: Tha fios aig bràthair nach eil Am Bìoball ag ràdh gu bheil deoch-làidir ceàrr, ach tha esan a’ taghadh nach bi e ag òl deoch-làidir sam bith. Tha e a’ dol gu cèilidh far a bheil bràithrean eile ag òl deoch-làidir.

Leugh Eclesiastes 7:​16 agus Ròmanaich 14:​1, 10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A rèir na rannan seo, dè seòrsa co-dhùnadh an dèan am bràthair? Dè nì thu ma tha thu a’ faicinn cuideigin a tha dèanamh rudeigin nach eil thu cofhurtail leis nad chogais?

 Ceuman gu co-dhùnaidhean matha

1. Faighnich Iehòbha gad chuideachadh le co-dhùnaidhean.​—Sheumais 1:5.

2. Sgrùd Am Bìoball agus foillseachain stèidhte air a’ Bhìoball airson lorg prionnsabalan freagarrach. Cuideachd bruidhinn ri Crìostaidhean fiosrachail.

3. Smaoinich air a’ bhuaidh air do chogais agus cogaisean dhaoine eile.

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Is urrainn dhomh a dhèanamh na tha mi ag iarraidh. Chan eil mi bodraigeadh le na tha daoine eile a’ smaoineachadh.”

  • Carson am bu chòir dhuinn cùram a ghabhail air na faireachdainnean Dhè, agus aig feadhainn eile?

GEÀRR-IOMRADH

Nì sinn deagh co-dhùnaidhean nuair a gheibh sinn a-mach ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn mun chùis is nuair a meoraicheas sinn ma bhios ar gnìomhan a dèanamh math no dona air feadhainn eile.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar is urrainn dhut a dhèanamh co-dhùnaidhean a bheireas toilicheas do Iehòbha?

  • Ciamar is urrainn dhut a trèanadh do chogais?

  • Ciamar is urrainn dhut a sealltainn spèis airson cogaisean de feadhainn eile?

Amas

RANNSAICH

Ciamar is urrainn dhut co-dhùnaidhean a dhèanamh a bhios neartachadh do chàirdeas le Dhia?

“Make Decisions That Honor God” (The Watchtower, April 15, 2011)

Ionnsaich tuilleadh mu ciamar a tha Iehòbha a’ toirt seachad comhairle.

Jehovah Guides His People (9:​50)

Ionnsaich dè chuidich aon fhear co-dhùnadh doirbh a dèanamh.

Jehovah Guarantees All That Is Good (5:​46)

Ionnsaich ciamar is urrainn dhuinn a toileachadh Iehòbha mura h-eil òrdugh soilleir ann.

“Do You Always Need a Bible Command?” (The Watchtower, December 1, 2003)