Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 36

Bi Onarach air Gach Nì

Bi Onarach air Gach Nì

Tha a h-uile duine ag iarraidh caraidean a tha onarach. Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi na caraidean aige onarach cuideachd. Ach, chan eil seo furasta ann an saoghal far a bheil mòran dhaoine mì-onarach. Dè na buannachdan ri thighinn le bhith onarach air a h-uile nì?

1. Dè tha an adhbhar as cudromaiche airson a bhith onarach?

Nuair a tha sinn onarach le feadhainn eile, tha sinn a’ sealltainn Iehòbha gu bheil gràdh agus urram againn air. Saoil air seo: tha fios aig Iehòbha air a h-uile rud a tha sinn a’ dèanamh agus a’ smaoineachadh. (Eabhraidhich 4:​13) Chì e nuair a’ taghadh sinn a bhith onarach, agus tha e a’ cur luach air seo. Tha Am Facal-sa ag ràdh: “Oir is gràinealachd don Tighearna an duine ceannairceach; ach tha a rùn aig an ionracan.”​—Gnàth-fhacal 3:​32.

2. Ciamar is urrainn dhuinn a bhith onarach nar beatha làitheil?

Tha Iehòbha ag iarraidh gun “labhraibh, gach neach an fhìrinn ra choimhearsnach.” (Sechariah 8:​16, 17) Dè tha seo a’ ciallachadh? Ma tha sinn a’ bruidhinn ri ar teaghlach, co-luchd-obrach, bràithrean is peathraichean Crìostail, no riochdairean oifigeil an riaghaltais, cha bhi sinn ag innse breugan no fiosrachadh mì-stiùireadh. Cha bhi daoine onarach a’ goid no mealladh feadhainn eile. (Leugh Gnàth-fhacal 24:28 agus Ephèsianaich 4:​28.) Agus tha iad a’ pàigheadh a h-uile cìsean aig a bheil feum aca. (Ròmanaich 13:​5-7) Le seo agus ann an dòighean eile, bidh sinn “a chur seachad gu math sa h-uile sìon.”​—Eabhraidhich 13:18.

3. Ciamar a bhuannaicheas sinn nuair a tha sinn onarach?

Nuair a tha cliù onarach againn, cuiridh cuid eile earbsa annainn. Bidh sinn a’ cuideachadh a h-uile duine gus faireachdainn sàbhailte san co-thional, coltach ri phàirt de teaghlach gràdhach. Agus bidh cogais glan againn. Faodaidh ar fìrinnteachd “dèan . . . teagasg Dhè ar Slànaigheir maiseach,” a’ tarraing iadsan a-muigh a’ co-thional gu eòlas fhaighinn air Iehòbha.​—Tìtus 2:​10.

IONNSAICH TUILLEADH

Faic ciamar a tha fìrinnteachd a’ toirt buaidh air Iehòbha agus thu fhèin, agus ciamar is urrainn dhut a bhith onarach ann an iomadh suidheachadh nad bheatha.

4. Tha Iehòbha toilichte le fìrinnteachd

Leugh Salm 44:21 agus Malachi 3:​16, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Carson a tha thu a’ smaoineachadh gu bheil e neo-ghlic a chreidsinn gun urrainn dhuinn a chumail an fhìrinn falaichte?

  • Nad bheachd-sa, ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn nuair a’ taghadh sinn an fhìrinn ag innse, ged a tha e doirbh dhuinn?

Nuair ag innse clann an fhìrinn, bidh na pàrantan aca toilichte. Nuair ag innse sinne an fhìrinn, bidh Iehòbha toilichte

5. Bi onarach an-còmhnaidh

Tha mòran a’ creidsinn nach eil fìrinnteachd an-còmhnaidh freagarrach. Ach smaoinich air carson am bu chòir dhuinn a bhith onarach an-còmhnaidh. Cluich am BHIDIO.

Leugh Eabhraidhich 13:​18, agus an uairsin bruidhinn air ciamar is urrainn dhuinn a bhith onarach . . .

  • anns an teaghlach.

  • aig obair no sgoil.

  • ann an suidheachaidhean eile.

6. Tha fìrinnteachd gar buannachadh

’S dòcha aig amannan nuair a tha sinn onarach bidh trioblaidean ann. Ach aig an ceann thall, ’s e an rud as fheàrr a dèanamh. Leugh Salm 34:​12-​16, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar is urrainn do bheatha a bhith nas fheàrr nuair a tha thu onarach?

  1. Nuair a tha iad onarach, bidh càraidean phòsta a’ neartachadh an daimh

  2. Nuair a tha iad onarach, bidh luchd-obrach a’ faighinn earbsa bhon luchd-fastaidh aca

  3. Nuair a tha iad onarach, bidh muinntir a’ faighinn deagh-chliù le riochdairean riaghaltais

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil breugan beag-bìodach a’ dèanamh diofar.”

  • Carson a tha thusa a’ creidsinn gu bheil gràin aig Iehòbha air a h-uile breug air fad?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi na caraidean aige onarach ann an gnìomh is facal.

Ath-sgrùdadh

  • Dè na dòighean onarach?

  • Carson a tha e gòrach a smaoineachadh gun urrainn dhuinn a cumail an fhìrinn dìomhair?

  • Carson a tha thusa ag iarraidh a bhith onarach fad na h-ùine?

Amas

RANNSAICH

Ciamar is urrainn pàrantan a teagasg na cloinne aca gu bhith onarach?

Be Truthful (1:​44)

Carson a tha e math ar geallaidhean a chumail?

Keep Promises, Receive Blessings (9:​09)

Saoil air carson am bu chòir dhuinn a pàigheadh ar cìsean ged a tha iad air an cleachdadh ann an dòigh nach eil sinn ag aontachadh leis.

“Taxes​—Must You Pay Them?” (The Watchtower, September 1, 2011)

Dè gluais fear mì-onarach a bheatha ag atharrachadh gus a bhith onarach?

“I Learned That Jehovah Is Merciful and Forgiving” (The Watchtower, May 1, 2015)