Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 37

Dè tha Am Bìoball ag Ràdh mu Obair is Airgead

Dè tha Am Bìoball ag Ràdh mu Obair is Airgead

An robh thu riamh a’ faireachdainn cuideam air sgàth obair no airgead? Faodaidh e a bhith doirbh bith-beò a dhèanamh agus a frithealadh Iehòbha le uile-chridhe aig an aon àm. Ach, tha Am Bìoball a’ toirt dhuinn comhairle phragtaigeach is urrainn gar cuideachdadh.

1. Dè tha Am Bìoball ag ràdh mun obair?

Tha Dia ag iarraidh gun còrdaidh ar obair rinn. Tha Am Bìoball ag ràdh “Chan eil nì ann as fheàrr do dhuine . . . gun tugadh e air a anam math a mhealtainn na shaothair.” (Eclesiastes 2:​24) Bidh Iehòbha ag obair gu cruaidh. Nuair a tha sinn ag obair gu dìcheallach mar esan, bidh Iehòbha toilichte agus bidh sinn sàsaichte.

Tha obair glè chudromach. Ach cha bu chòir dhi a bhith nas cudromaiche na ar adhradh do Iehòbha. (Eòin 6:​27) Tha e a’ gealltainn nuair a chuireas sinn esan sa phrìomh àite, bidh e a’ coimhead às dèidh ar feumalachdan fiosaigeach.

2. Dè tha Am Bìoball ag ràdh mun airgead?

Tha Am Bìoball ag ràdh gun “dìdean airgead,” ach cuideachd tha e a’ rabhadh nach urrainn airgead a-mhàin gar dèanamh toilichte. (Eclesiastes 7:​12) Mar sin, tha e gar brosnachadh a seachnadh gaol an airgid ach gu bhith “toilichte leis na th’ agaibh.” (Leugh Eabhraidhich 13:5.) Nuair a tha sinn sona leis na th’ againn ge-tà, bidh sinn a’ saoradh ar fhèin bhon milleadh dùil a tha tighinn bho an-còmhnaidh ag iarraidh barrachd is barrachd. Cuideachd bidh sinn a’ seachnadh fiach neo-riatanach. (Gnàth-fhacal 22:7) Agus bidh sinn saor bho na cunnartan a tha tighinn bho cearrachas agus sgeamaichean fàs beartach gu sgiobalta.

3. Ciamar is urrainn dhuinn airgead a’ cleachdadh ann an dòigh neo-fhèineil?

’S e Dia fialaidh a tha Iehòbha agus faodaidh sinne a bhith coltach ris nuair a tha sinn “fialaidh, deiseil gu bhith a’ compàirteachadh.” (1 Timòteus 6:​18) Faodaidh sinn ar airgead a cleachdadh ann an dòigh neo-fhèineil nuair a tha sinn a’ toirt taic dhan co-thional agus le bhith cuideachadh feadhainn eile ann an dìth, gu h-àraid ar co-luchd-adhraidh. Tha làn-ùidh aig Iehòbha, chan e ann an dè bheir sinn seachad, ach carson a bheir sinn seachad. Nuair a bheir sinn seachad le cridhe làn, bidh sinn toilichte agus bidh Iehòbha toilichte cuideachd.​—Leugh Gnìomhan 20:35.

IONNSAICH TUILLEADH

Faic de na buannachdan a tha tighinn le bhith cumail obair san àite ceart agus le bhith sona leis na th’ againn.

4. Seall Iehòbha urram tron dòigh a bhios tu ag obair

Bu chòir ar càirdeas le Iehòbha buaidh a dhèanamh air beachd mun ar obair. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Sa bhidio, dè chòrd riut mun dòigh smaoineachaidh agus a giùlain aig Jason nuair a bha e ag obair?

  • Dè rinn e gus obair a chumail san àite ceart?

Leugh Colosianaich 3:​23, 24, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson a tha ar beachd-smaoineachaidh mun obair cudromach?

Ged a tha obair cudromach, cha bu chòir dhuinn ga leigeil a’ fàs nas cudromaiche na adhradh do Iehòbha

5. Tha sonas gar buannachadh

Tha mòran dhaoine airson a bhith cho beartach sa dh’fhàs. Ach tha Am Bìoball a’ toirt seachad comhairle eadar-dhealaichte. Leugh 1 Timòteus 6:​6-8, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè misneachd a tha Am Bìoball a’ toirt dhuinn?

Fiù ’s ged a tha beagan againn, faodaidh sinn a bhith toilichte. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • A dh’aindeoin gann de dh’airgead, carson a tha na teaghlaichean seo toilichte?

Ach dè ma tha pailteas againn ach tha sinn fhathast ag iarraidh barrachd? Rabh Ìosa air a cunnart seo. Leugh Lùcas 12:​15-​21, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè tha thu air ionnsachadh bhon sgeul seo aig Ìosa?​—Faic rann 15.

Leugh agus dèan coimeas eadar Gnàth-fhacal 10:22 agus 1 Timòteus 6:​10. Agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Nad bheachd-sa dè tha nas cudromaiche? Càirdeas le Iehòbha no tòrr airgead? Carson?

  • Dè trioblaidean a tha tighinn le bhith an-còmhnaidh a’ ruith às dèidh airgid?

6. Tha cùram aig Iehòbha airson ar feumalachdan

Faodaidh trioblaidean le obair no airgead a cur deuchainn air ar creideamh ann an Iehòbha. Cluich am BHIDIO airson faicinn ciamar is urrainn dhuinn a dèiligeadh nuair a tha trioblaidean mar seo againn, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Sa bhidio, dè trioblaidean an robh am bràthair a’ dèiligeadh ris?

  • Dè rinn e airson dèiligeadh ris na trioblaidean gu soirbheachail?

Leugh Mata 6:​25-​34, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè tha Iehòbha a’ gealltainn airson iadsan a tha ga chur sa phrìomh àite?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha feum agam ag obair gu cruaidh airson mo theaghlach. Chan urrainn dhomh a dol gu na coinneamhan co-thionail gach seachdain.”

  • Dè sgriobtar a tha dèanamh thusa uile-cinnteach gu bheil an co-dhùnadh as fheàrr, a bhith a’ cur do adhradh do Iehòbha sa phrìomh àite?

GEÀRR-IOMRADH

Tha obair agus airgead riatanach, ach cha bu chòir dhaibh gar tarraing bho Iehòbha a frithealadh.

Ath-sgrùdadh

  • Dè is urrainn gad chuideachadh a chumail obair san àite ceart?

  • Ciamar is urrainn sonas gad bhuannachadh?

  • Tha Iehòbha a’ gealltainn gum bi e a’ coimhead às dèidh a mhuinntir. Ciamar is urrainn dhut earbsa a sealltainn san gealladh?

Amas

RANNSAICH

Rannsaich ma tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil airgead olc.

“Is Money the Root of All Evil?” (Artaigil-lìn)

Ionnsaich ciamar is urrainn dhuinn ar airgead a chleachdadh airson Dia a thoileachadh.

“What Does the Bible Say About Giving?” (Artaigil-lìn)

A bheil cearrachas dìreach beagan spòrs?

“The Bible’s Viewpoint​—Gambling” (Awake!, March 2015)

Faic dè ghluais aon chearraiche agus mèirleach ag atharrachadh an dòigh-beatha aige.

“I Was Passionate About Racehorses” (The Watchtower, November 1, 2011)