Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 39

Dè am Beachd Dhè air Fuil

Dè am Beachd Dhè air Fuil

Tha fuil mòr-chudromach. Às a h-aonais chan urrainn dhuinn a bhith beò. Mar an Chruithear, tha an còrr aig Dia ag innse dhuinn ciamar am bu chòir dhuinn fuil a chleachdadh. Dè thuirt e mu fhuil? Am bu chòir dhuinn ga h-ithe no fhaighinn na h-iomlaid fala? Agus ciamar an dèan sinn deagh co-dhùnaidhean air a’ ghnothach seo?

1. Dè tha am beachd Iehòbha air fuil?

Dh’innis Iehòbha don luchd-adhraidh aige sna làithean a’ Bhìobaill: “Oir is i beatha gach uile fheòla a fuil.” (Lebhiticus 17:14) Tha fuil a’ ciallachadh beatha do Iehòbha. Air sgàth ’s gu bheil beatha naomh, tiodhlac bho Dhia, tha fuil naomh cuideachd.

2. Dè cleachdaidhean fala a tha toirmisgte le Dia?

Dh’òrdaich Iehòbha don luchd-leantainn ro Chrìostail nach bu chòir dhaibh ag ithe fala. (Leugh Genesis 9:4 agus Lebhiticus 17:10.) Dhearbhaich e an òrdugh seo a-rithist nuair a theagasg bòrd-stiùiridh do Chrìostaidhean “gun seachain . . . fuil.”​—Leugh Gnìomhan 15:​28, 29.

Ach, dè tha e a’ ciallachadh fuil a seachnadh, ge-tà? Ma dh’innis dotair dhut deoch-làidir a seachnadh, chan òladh tu e. Ach an itheadh tu biadh le deoch-làidir ann no an cuir thu i nad fhèith-fhala? Cha bhi, gun teagamh. San aon dhòigh, tha an aithne Dhè gus fuil a seachnadh a’ ciallachadh nach bu chòir dhuinn fuil ag òl no feòil ag ithe gun fhuil a leigeil às. Agus cha bu chòir dhuinn ag ithe biadh le fuil cuir ris nas motha.

Ach dè mu dheidhinn fuil a cleachdadh ann an suidheachadh meidigeach? Tha cuid modhan-obrach a’ briseadh an lagh Dhè gu follaiseach. An lùib seo tha iomlaid-fala slàn no den phrìomh phàirtean​—ceallan dearga, ceallan geala, cùinntean, agus plasma. a Airson modhan-obrach meidigeach eile is dòcha aig amannan cha bhi e cho soilleir gu bheil iad a’ briseadh laghan Dhè. Mar eisimpleir, bidh cuid modhan-obrach a’ cleachdadh bloighean (no “fractions”) de aon de na ceithir prìomh phàirtean de fala. Ann an modhan-obrach eile tha am fuil aig cuideigin fhèin air a cleachdadh. Nuair a tha sinn a’ dèanamh taghaidhean, feumaidh sinn uile co-dhùnadh pearsanta a dhèanamh. b​—Galàtianaich 6:5.

IONNSAICH TUILLEADH

Sgrùd ciamar an dèan sinn co-dhùnaidhean meidigeach air fuil.

3. Dèan co-dhùnaidhean meidigeach a tha Iehòbha a’ toileachadh

Ciamar is urrainn dhut a dèanamh co-dhùnaidhean meidigeach a tha ag aontachadh leis am beachd Dhè air fuil? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu dè cho cudromach ’s a tha na ceuman a’ leantainn.

  • Ùrnaigh airson gliocais.​—Sheumais 1:5.

  • Rannsaich prionnsabalan a’ Bhìobaill agus ciamar a tha iad dèanamh ciall.​—Gnàth-fhacal 13:16.

  • Faigh a-mach dè taghaidhean a tha ri fhaighinn faisg ort.

  • Aithnich dè taghaidhean nach gabh thu ris.

  • Dèan cinnteach gum bi do cho-dhunaidhean gad fhagail le cogais glan.​—Gnìomhan 24:16. c

  • Aithnich nach bu chòir cuideigin sam bith eile​—fiù ’s do chèile, èildear, no do thidsear a’ Bhìobaill​—​ag innse dhut dè bu chòir dhut a dèanamh le cùis cogais.​—Ròmanaich 14:12.

  • Cuir do cho-dhùnadh sìos ann an sgrìobhan.

4. Bidh Fianaisean Iehòbha a’ sireadh cùram meidigeach as fheàrr

Tha e comasach a’ cumail ris laghan Dhè a rèir fuil agus cùram-meidigeach as fheàrr fhaighinn às aonais fala. Cluich am BHIDIO.

Leugh Tìtus 3:​2, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson am bu chòir dhuinn a bhith spèiseil agus macanta nuair a tha sinn a’ dèiligeadh le luchd-proifeiseanta meidigeach?

Cha Ghabhar Ris

Co-dhùnadh Crìostaidhean

A. Plasma fala

Bloighean bho plasma

B. Ceallan geala

Bloighean bho ceallan geala

C. Cùinntean

Bloighean bho cùinntean

D. Ceallan dearga

Bloighean bho ceallan dearga

 5. Nuair a tha bloighean fala an sàs

Tha ceithir prìomh phàirtean de fuil​—ceallan dearga, ceallan geala, cùinntean, agus plasma. Anns na prìomh phàirtean seo tha iomadh pàirt nas lugha, air ainmeachadh bloighean fala. d Tha cuid dhiubh a’ cleachdadh ann an leighis airson galaran a ceannsachadh agus airson càisg a chur air sileadh fala.

A thaobh bloighean fala, feumaidh gach Crìostaidh co-dhùnadh pearsanta a dhèanamh a rèir a’ chogais a tha air a trèanadh leis a’ Bhìoball. Is dòcha gum bidh feadhainn a’ diùltadh modhan-obrach no leighis meidigeach far a bheil bloighean fala an sàs. Ach, bidh a’ chogais aig feadhainn eile gan leigeil bloighean fala a ghabhail.

Nuair a tha thu a’ dèanamh do cho-dhùnaidhean, smaoinich air a’ cheist seo:

  • Ciamar a mhìneachas mi do dotair carson a tha mi a’ diùltadh no gabhail ri bloighean fala?

’S DÒCHA GUM FAIGHNICH CUIDEIGIN: “Dè tha ceàrr le iomlaid fala?”

  • Dè tha thusa a’ smaoineachadh?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Iehòbha ag iarraidh oirnn gum bi sinn a’ seachnadh mì-chleachdadh fala.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha Iehòbha a’ faireachdainn gu bheil fuil naomh?

  • Carson a tha fios againn gu bheil an aithne Dhè airson fuil a seachnadh a’ ciallachadh iomlaidean fala cuideachd?

  • Ciamar an dèan thu co-dhùnaidhean matha a rèir cleachdadh meidigeach fala?

Amas

RANNSAICH

Dè rudan am bu chòir dhut a’ smaoineachadh air mu taghadh a dhèanamh a rèir modh-obrach leis an fhuil agad fhèin?

“Questions From Readers” (The Watchtower, October 15, 2000)

Dè am bu chòir dhut a smaoineachadh air mus taghadh a dhèanamh a rèir ma ghabhas tu bloighean fala beaga?

“Questions From Readers” (The Watchtower, June 15, 2004)

Carson a tha aon dotair cinnteach gu bheil beachd fala aig Iehòbha reusanta?

“I Accepted God’s View of Blood” (Awake!, December 8, 2003)

Ionnsaich ciamar a tha na h-èildearan a tha frithealadh air na Hospital Liaison Committees a’ cuideachadh nan bràithrean agus peathraichean aca.

Jehovah Supports the Sick (10:23)

a Ann am Beurla tha seo air ainmeachadh mar: “red cells”, “white cells”, “platelets”, agus “plasma”.

b Faic Leasan 35, “Ciamar an Dèan Sinn Co-Dhùnaidhean a tha Matha.”

c Faic  puing 5, “Nuair a tha Bloighean Fala an Sàs,” agus Nòta-Deiridh 3, “Modhan-obrach Meidigeach an Sàs ann am Fuil.”

d Tha cuid de dotairean den bheachd gu bheil na ceithir prìomh phàirtean fala bloighean fhèin. Mar sin, is dòcha gum bi feum ort a’ mìneachadh nach bi thu a’ gabhail ri iomlaidean fala slàn no ceallan dearga, ceallan geala, cùinntean no plasma.