Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 43

Dè bu Chòir do Crìostaidhean Smaoineachadh air Alcol?

Dè bu Chòir do Crìostaidhean Smaoineachadh air Alcol?

Air feadh an t-saoghail, tha iomadh beachd eadar-dhealaichte mu deoch-làidir. Bidh feadhainn ag òl deoch bho àm gu àm le caraidean. Ach, cha bhi feadhainn eile ag òl idir. Air an làimh eile, bidh cuid ag òl gus a bhith iad air a’ mhisg. Dè tha Am Bìoball ag ràdh mu deoch-làidir?

1. A bheil e ceàrr deoch-làidir ag òl?

Chan eil Am Bìoball ag ràdh gu bheil deoch-làidir ceàrr. Am measg iomadh tiodhlac bho Iehòbha, tha “fìon a nì cridhe an duine subhach.” (Salm 104:14, 15) Bha fiù ’s na fir agus boireannaich dìleas sa Bhìoball ag òl deoch-làidir.—1 Timòteus 5:23.

2. Dè a’ chomhairle a tha Am Bìoball a’ toirt seachad gu iad a tha airson ag òl?

Tha Iehòbha a’ dìteadh ag òl cus agus a bhith air a’ mhisg. (Galàtianaich 5:21) Tha Am Facal-sa ag ràdh: “Na bi am measg phòitearan fìona. (Gnàth-fhacal 23:20) Mar sin, ma tha sinn ag òl—fiù ’s nar aonar—cha bu chòir dhuinn ag òl gu ìre far nach urrainn dhuinn a smaoineachadh gu soilleir no smachd a chumail air ar cainnt no gnìomhan, no dèan cron air ar slàinte fiosaigeach. Mura h-eil sinn soirbheachail smachd a chumail air dè tha sinn ag òl, feumaidh sinn a bhith deònach deoch-làidir a’ sgur gu tur.

3. Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn spèis a rèir na co-dhùnaidhean aig feadhainn eile a thaobh deoch-làidir?

Feumaidh gach neach a co-dhùnadh ma ghabhas iad deoch-làidir. Cha bu chòir dhuinn a bhith a’ dìteadh cuideigin a tha ag òl gu stuama. Mura h-eil cuideigin ag iarraidh ag òl, cha bu chòir dhuinn ga chur fo chuideam ag òl. (Ròmanaich 14:10) Ma tha sinn ag òl agus ’s e adhbhar airson trioblaidean do feadhainn eile a th’ ann, cha bu chòir dhuinn ag òl. (Leugh Ròmanaich 14:21.) Cha bhi sinn a’ sireadh “a mhaith fhèin ach maith a choimhearsnaich.”—Leugh 1 Corintianaich 10:23, 24.

IONNSAICH TUILLEADH

Smaoinich air prionnsabalan a’ Bhìobaill is urrainn gad chuideachadh co-dhùnadh a dhèanamh ma ghabhas tu deoch agus dè cho mòr. Cuideachd, faigh a-mach dè is urrainn dhut a dhèanamh ma tha thu ann an strì leis an deoch.

4. Tagh ma ghabhas tu deoch

Dè bha beachd Ìosa a thaobh alcoil? Airson na freagairt a’ lorg, smaoinich air a’ chiad mìorbhailt a rinn e. Leugh Eòin 2:1-11, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Bhon mìorbhailt seo, dè tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn beachd Ìosa air deoch-làidir agus iadsan a tha ag òl?

  • Cha robh Ìosa a’ dìteadh deoch-làidir a ghabhail, mar sin dè beachd am bu chòir a bhith aig Crìostaidhean air cuideigin a tha ag òl deoch-làidir?

Dìreach air sgàth ’s gun urrainn Crìostaidhean ag òl deoch-làidir ge-tà, chan eil seo a’ ciallachadh gu bheil e an-còmhnaidh an rud glic. Leugh Gnàth-fhacal 22:3, agus meòraich air ma ghabhas tu deoch anns na suidheachaidhean a leanas:

  • Ma tha thu a’ dol a draibheadh no obrachadh innealan.

  • Ma tha thu trom.

  • Ma tha an dotair a’ toirt seachad comhairle gus deoch a sgur.

  • Ma tha trioblaid agad smachd a chumail air a’ mheud a tha thu ag òl.

  • Ma tha e mi-laghail dhut alcol ag òl.

  • Ma tha thu còmhla ri cuideigin a tha seachnadh deoch-làidir air sgàth ’s gun robh trioblaid aige le deoch anns an ùine a dh’fhalbh.

Am bu chòir dhut alcol a frithealadh aig bainnsean no tachartasan sòisealta eile? Airson faicinn dè is urrainn gad chuideachadh co-dhùnadh a dhèanamh, cluich am BHIDEO.

Leugh Ròmanaich 13:13 agus 1 Corintianaich 10:31, 32. Às dèidh gach sgriobtar a leughadh, bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar is urrainn a chur an gnìomh am prionnsabal seo gad chuideachadh gus Iehòbha a thoileachadh?

Feumaidh gach Crìostaidh co-dhùnadh a dhèanamh ma ghabhas e deoch-làidir. Fiù ’s ma tha e ag òl dighe-làidir aig amannan, ’s dòcha aig amannan eile, cha bhi

5. Tagh dè cho mòr a ghabhas tu

Ma thu airson deoch-làidir ag òl, cùm seo nad chuimhne: Ged nach eil Iehòbha ag ràdh gu bheil deoch-làidir ceàrr, tha e ag ràdh gu bheil e ceàrr cus ag òl. Carson? Leugh Hosèa 4:11, 18, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ma ghabhas cuideigin cus, dè is urrainn a tachairt?

Ciamar is urrainn dhuinn a seachnadh cus ag òl? Feumaidh sinn a bhith stuama agus mothachail air ar crìochan. Leugh Gnàth-fhacal 11:2, agus bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson a tha e deagh bheachd a cur crìoch soilleir air dè ghabhas tu?

6. Ceannsaich mì-fheum de deoch-làidir

Faic dè chuidich aon fhear a sgur mì-ghnàthachadh alcoil. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Sa bhidio, dè buaidh a thug deoch-làidir air na gnìomhan Dmitry?

  • Am b’ urrainn dha sgur ag òl sa bhad?

  • Mu dheireadh thall, ciamar an do bhris e bho ghreim dighe-làidir?

Leugh 1 Corintianaich 6:10, 11, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè cho trom ’s a th’ ann a’ mhisgeachd?

  • Dè tha sealltainn gun urrainn cuideigin a tha ag òl cus ag atharrachadh?

Leugh Mata 5:30, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Nuair a chleachd Ìosa an dealbh de ghearradh dheth làmh, bha e a’ ciallachadh aig àmannan gum bi feum oirnn a toirt suas rudeigin airson Dia a thoileachadh. Dè is urrainn dhut a dhèanamh ma tha thu ann an strì gus deoch-làidir a cheannsachadh? a

Leugh 1 Corintianaich 15:33, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè buaidh is urrainn caraidean a thoirt air an ìre a tha thu ag òl?

’S DÒCHA GUM FAIGHNICH CUIDEIGIN: “A bheil deoch-làidir ceàrr?”

  • Ciamar a freagradh tu?

GEÀRR-IOMRADH

Thug Iehòbha dhuinn alcol airson ar tlachdas, ach tha e a’ dìteadh a bhith trom air an deoch agus misgeachd.

Ath-sgrùdadh

  • Dè tha Am Bìoball ag ràdh mu dheidhinn alcoil?

  • Dè tha na cunnartan le bhith ag òl cus?

  • Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn spèis do na co-dhùnaidhean aig feadhainn eile a thaobh dighe?

Amas

RANNSAICH

Ciamar is urrainn deugairean co-dhùnaidhean matha a dhèanamh a rèir deoch-làidir?

Think Past the Drink (2:31)

Lorg na ceuman is urrainn dhut a ghabhail gus trioblaidean deoch-làidir a cheannsachadh.

“Keeping Alcohol in Its Place” (The Watchtower, January 1, 2010)

Am bu chòir Crìostaidhean a gabhail pàirt ann an deoch-slàinte?

“Questions From Readers” (The Watchtower, February 15, 2007)

San sgeul “I Was a Bottomless Barrel,” faic ciamar a leig suas aon fhear ‘binge drinking’.

“The Bible Changes Lives” (The Watchtower, May 1, 2012)

a Is dòcha gum bi feum aig iad a tha trom air an deoch cuideachas proifeiseanta fhaighinn gus greim dighe a briseadh. Tha mòran dotair a’ moladh nach bu chòir iad a tha trom air an deoch ag òl idir.