Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 44

A Bheil Dia Toilichte le Gach Subhachas?

A Bheil Dia Toilichte le Gach Subhachas?

Tha Iehòbha ag iarraidh gun còrdadh ar beatha rinn agus gun comharraich sinn amannan sònraichte. Ach a bheil e toilichte leis a h-uile fèill is tachartas sònraichte? Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn gràdh do Iehòbha sa chùis seo?

1. Carson a tha Iehòbha mì-thoilichte le mòran subhachais?

’S dòcha gu bheil e iongnadh dhut ag ionnsachadh gu bheil iomadh subhachas bunaichte air theagaisgean neo-sgriobtarail no pàganta aig amannan. Tha subhachasan a leithid ceangailte ri creideamh fallsa, fiù ’s diabhlaidheachd, no gu bheil an t-anam sìor-mhaireannach. Tha cuid subhachas freumhaichte air seannsa. (Isaiah 65:11) Tha Iehòbha a’ rabhadh an luchd-adhraidh aige: “Thigibh a’mach om measg . . . is na buinibh dhan rud neòghlan.”2 Corintianaich 6:17. a

2. Ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn le fèillean a tha toirt onair thar cuimse gu daoine?

Tha Iehòbha a’ rabhadh an aghaidh a cur ar dòchas “ann an duine.” (Leugh Ieremiah 17:5.) Bidh feadhainn de fèillean a’ toirt onair mòr do riaghladairean no saighdearan. Bidh cuid eile a’ moladh comharran nàiseanta no neo-eisimeileachd. (1 Eòin 5:21) A thuilleadh air seo, bidh fèillean eile ag àrdachadh iomairtean sòisealta no poileataigeach. Ciamar a bhios Iehòbha a’ faireachdainn ma toireadh sinn onair thar cuimse do neach no buidhean, gu h-àraid aon a tha ag àrdachadh beachdan a tha a’ dol an aghaidh a’ mhiann Aige?

3. Dè giùlan ris nach gabhar aig tachartasan?

Tha Am Bìoball a’ dìteadh “drungaireachd, ruidhtearachd, [agus] cuirmean misgeil.” (1 Peadar 4:3) Mar pàirt de cuid tachartasan tha giùlan mì-mhoralta gun bhacadh. Ma tha sinn airson a bhith caraidean le Iehòbha, feumaidh sinn a cumail fada air falbh bho neoghlanaid mhoralta.

IONNSAICH TUILLEADH

Faigh a-mach ciamar is urrainn dhut Iehòbha a toileachadh le co-dhùnaidhean glic a dhèanamh a thaobh fèillean is tachartasan sònraichte.

4. Diùlt fèillean a tha toirt mì-onair air Iehòbha

Leugh Ephèsianaich 5:10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè dh’fheumas dhuinn a dèanamh airson co-dhùnaidhean cinnteach a dhèanamh mu chomharrachadh tachartasan?

  • Dè tha na tachartasan sònraichte a tha cumanta far a bheil thusa a’ fuireach?

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil na tachartasan seo a’ toileachadh Iehòbha?

Mar eisimpleir, an robh thu a-riamh a’ smaoineachadh na tha Dia a’ smaoineachadh air comharrachadh co-làithean breith? Chan eil Am Bìoball ag innse dhuinn mu aon neach-adhraidh Iehòbha a bha a’ cumail co-là breith, ach tha e a’ clàradh mu dithis dhaoine a bha a’ cumail co-là breith, ach cha robh iad a’ frithealadh Iehòbha. Leugh Genesis 40:20-22 agus Mata 14:6-10. An uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè tha aig an dà chunntas co-là breith ann an cumantas?

  • Bunaichte air an dà chunntas a’ Bhìobaill seo, nad bheachd-sa, ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn mu co-làithean breith?

Ach ’s dòcha gun saoilidh tu, ‘A bheil e gu diofar do Iehòbha ma tha mi a’ cumail co-làithean breith no tachartasan neo-sgriobtarail eile? Leugh Ecsodus 32:1-8. An uairsin, cluich am BHIDIO agus bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Carson am bu chòir dhuinn a dèanamh cinnteach air na tha Iehòbha a’ gabhail ris?

  • Ciamar is urrainn dhuinn seo a dèanamh?

Ciamar a tha fios againn nuair a tha Dia toilichte le fèill?

  • A bheil e bunaichte air theagaisgean neo-sgriobtarail? Airson faighinn a-mach, rannsaich cò às a thàinig e o thùs?

  • A bheil e a’ toirt onair thar cuimse do dhaoine, buidhnean no comharran nàiseanta? Bidh sinn a’ toirt onair do Iehòbha tharais a h-uile càil eile agus earbsa a chur ann gun cuireadh e ceart trioblaidean an t-saoghail.

  • A bheil na cleachdaidhean a’ dol an aghaidh ìrean a’ Bhìobaill? Feumaidh sinn a cumail glan gu moralta.

5. Cuidich feadhainn eile a bhith spèiseil air do chreideamhan

Faodaidh e a bhith doirbh a’ seasamh an aghaidh cuideam gus a gabhail phàirt ann an tachartasan sònraichte a tha Iehòbha mì-thoilichte leis. Mìnich do co-dhùnaidhean ann an dòigh foighidneach agus modhail. Airson faicinn eisimpleir mu ciamar is urrainn dhut seo a dèanamh, cluich am BHIDIO.

Leugh Mata 7:12, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A rèir an rann seo, am bu chòir dhut ag innse do theaghlach neo-chràbhach dè nach urrainn dhaibh a comharrachadh?

  • Dè is urrainn dhut a dèanamh airson a cur inntinn do theaghlach aig fois gu bheil gràdh is cùram agad dhaibh, ged nach gabh thu pàirt anns a h-uile tachartas sònraichte?

6. Tha Iehòbha ag iarraidh oirnn a bhith toilichte

Tha Iehòbha ag iarraidh oirnn a chòrdadh amannan matha le ar teaghlach is caraidean. Leugh Eclesiastes 8:15, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a tha an rann seo a’ sealltainn gu bheil Iehòbha ag iarraidh oirnn a bhith subhach?

Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi fealla-dhà agus amannan matha aig a’ mhuinntir aige. Cluich am BHIDIO airson faicinn ciamar a tha seo follaiseach aig ar co-chruinneachaidhean eadar-nàiseanta.

Leugh Galàtianaich 6:10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A bheil feum oirnn air fèillean sònraichte airson a “deanamaid math?”

  • Nad bheachd-sa dè tha nas fheàrr—a’ toirt seachad oir tha feum ort no a’ toirt seachad oir gu bheil thu ag iarraidh?

  • Bidh mòran Fianaisean Iehòbha a’ cur air dòigh latha sònraichte airson na clann aca fiù ’s a’ toirt seachad prèasantan aig nach robh dùil aca. Ma tha clann agad-sa, dè tha feadhainn de na rudan sònraichte is urrainn dhut a dèanamh dhaibh?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil e gu diofar cò às a thàinig fèill o thùs. ’S e an rud as cudromaiche gu bheil thu còmhla ri teaghlach is caraidean.”

  • Dè chanas tu?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Iehòbha ag iarraidh oirnn a còrdadh amannan matha le teaghlach is caraidean. Ach tha e ag iarraidh oirnn a seachnadh tachartasan nach eil e toilichte leis.

Ath-sgrùdadh

  • Dè na ceistean is urrainn dhut a faighneachd gus faighinn a-mach dè na tachartasan a tha Iehòbha mì-thoilichte leis?

  • Ciamar is urrainn dhuinn a cuideachadh ar teaghlach is caraidean a tuigsinn ar co-dhùnaidhean a rèir làithean sònraichte?

  • Ciamar a tha fios againn gu bheil Iehòbha ag iarraidh gum bi deagh-chraic againn agus gum bi sinn toilichte?

Amas

RANNSAICH

Meòraich air eisimpleirean de fèillean nach bi Crìostaidhean a’ comharrachadh.

“Why Don’t Jehovah’s Witnesses Celebrate Certain Holidays?” (Artaigil-lìn)

Faic ceithir adhbharan carson a tha sinn a’ creidsinn nach eil Dia toilichte co-làithean breith a chomharrachadh.

“Why Don’t Jehovah’s Witnesses Celebrate Birthdays?” (Artaigil-lìn)

Faic ciamar a dh’fhaodas clann òga aig a bheil gràdh air Iehòbha ga thoileachadh tron làithean-saora.

You Are Precious to Jehovah (11:35)

Tha milleanan de Chrìostaidhean air taghadh nach bi iad a’ comharrachadh na Nollaige. Ciamar a tha iad a’ faireachdainn mun co-dhùnadh seo?

“They Found Something Better” (The Watchtower, December 1, 2012)

a Faic Nòta-deiridh 5 airson ionnsachadh ciamar is urrainn dhut a dèiligeadh le suidheachaidhean a tha tighinn suas aig amannan fèille.