Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 46

Carson an Dèan Thu Coisrigeadh is Gheibh Thu Baisteadh?

Carson an Dèan Thu Coisrigeadh is Gheibh Thu Baisteadh?

Bidh thu a’ coisrigeadh dhut fhèin do Iehòbha le bhith a’ gealltainn ann an ùrnaigh gum bi thu ag adhradh dha a-mhàin agus a’ cur a’ mhiann aige sa phrìomh àite nad bheatha. (Salm 40:8) Às dèidh seo, gheibh thu baisteadh. Le seo a dhèanamh, bidh thu a’ sealltainn gu feadhainn eile gu bheil thu air dèanamh coisrig. ’S e co-dhùnadh gus a coisrigeadh sinn fhèin do Iehòbha aon de na co-dhùnaidhean as cudromaiche gun dèan sinn a-riamh. Dè is urrainn gad ghluasad gus co-dhùnadh cho cudromach a dhèanamh?

1. Dè tha a’ brosnachadh cuideigin gus coisrig a dhèanamh?

Bidh sinn a’ coisrigeadh sinn fhèin do Iehòbha a-mach à gràdh. (1 Eòin 4:10, 19) Tha Am Bìoball gar brosnachadh: “Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam agus led uile inntinn, agus led uile neart.” (Marcas 12:30) Cha bhi sinn a’ sealltainn gràdh do Dhia le faclan a-mhàin, ach cuideachd tro gnìomhan. Dìreach mar a tha dithis ann an gràdh a’ pòsadh, bidh ar gràdh airson Iehòbha gar gluasad gus coisrigeadh sinn fhèin dha agus baisteadh fhaighinn.

2. Dè na beannachdan a bhios Iehòbha a’ toirt don Fianaisean baiste aige?

Ma gheibh thu baisteadh, bidh thu nad phàirt den teaghlach toilichte Iehòbha. An uairsin bidh thu a’ faireachdainn an gràdh aige ann an iomadh dòigh, agus bidh thu a’ teann nas dlùithe ris na tha thu an-diugh. (Leugh Malachi 3:16-18.) A bharrachd na Iehòbha a bhith agad mar Athair, gheibh thu teaghlach spioradail làn bràithrean is peathraichean air feadh an t-saoghail aig a tha gràdh dha is gràdh dhut. (Leugh Marcas 10:29, 30.) Gu nàdarra, feumaidh tu a gabhail ceuman cinnteach mus gheibh thu baisteadh. Feumaidh tu ionnsachadh mu Iehòbha, fàs ann an gràdh dha, agus cur do chreideamh anns a Mhac. Aig a’ cheann thall feumaidh tu a coisrigeadh do bheatha do Iehòbha. Ma ghabhas tu na ceuman sin agus gheibh thu baisteadh, bidh thu air an t-slighe gu beatha gu bràth. Tha Am Facal Dhè ag ràdh: “Tha am baisteadh . . . a-nis a’ sàbhaladh.”1 Peadar 3:21.

IONNSAICH TUILLEADH

Dèan sgrùdadh air carson a tha e cudromach dhut coisrigeadh do Iehòbha a dhèanamh agus baisteadh fhaighinn.

3. Feumaidh sinn uile taghadh cò bhios sinn a’ frithealadh

Ann an Israeil aosmhor, bha feadhainn a’ smaoineachadh gun urrainn dhaibh adhradh a dhèanamh do Iehòbha agus an dia fallsa Bàal. Ach chuir Iehòbha am fàidheadair Eliah airson am beachd ceàrr seo a cheartachadh. Leugh 1 Rìgh 18:21, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè co-dhùnadh a bh’ aig na h-Eabhraidhich?

Mar na h-Eabhraidhich, feumaidh sinn cuideachd a taghadh cò bhios sinn a’ frithealadh. Leugh Lùcas 16:13, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Carson nach urrainn dhuinn adhradh do Iehòbha a dhèanamh agus do chuideigin no rudeigin eile?

  • Ciamar a tha sinn a’ sealltainn do Iehòbha gu bheil sinn a’ dèanamh adhradh dha a-mhàin?

4. Meòraich air gràdh Iehòbha ort

Tha Iehòbha air toirt dhuinn mòran tiodhlaicean luachmhor. Dè is urrainn dhuinn a toirt dha? Cluich am BHIDIO.

Dè na dòighean a tha Iehòbha air sealltainn gràdh ort? Leugh Salm 104:14, 15 agus 1 Eòin 4:9, 10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè na tiodhlaicean bho Iehòbha gu bheil thusa taingeil airson gu sònraichte?

  • Ciamar a tha thu a’ faireachdainn dhasan air sgàth nan tiodhlaicean seo?

Nuair a gheibheas sinn tiodhlac a tha sinn fìor-mheasail air, tha sinn ag iarraidh a sealltainn taing don neach a thug e dhuinn. Leugh Deuteronomi 16:17, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Nuair a tha thu a’ smaoineachadh air a h-uile rud a rinn Iehòbha air do shon, dè tha thu ag iarraidh a toirt dha?

5. Tha mòran beannachdan a’ tighinn bho choisrigeadh

Tha mòran den bheachd gum bi iad toilichte ma tha cliùmhor, deagh-dreuchd, no airgead aca. Ach a bheil seo fìor? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Ged a bha an neach-spòrs sa bhidio fìor-mheasail air ball-coise, carson an do dh’fhàg e an dreuchd sin?

  • Cha do choisrig e fhèin do bhall-coise, ach do Iehòbha. Nad bheachd-sa an do rinn e ceart? Carson?

Mus robh an t-Abstol Pòl na Chrìostaidh, bha e a’ leantainn dreuchd cliùmhor. Bha e a’ sgrùdadh lagh na h-Iùdhaich le tidsear ainmeil. Ach leig e an dreuchd seo gus a bhith na Chrìostaidh. An robh Pòl duilich idir? Leugh Philipianaich 3:8, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Carson an d’ thuirt Pòl gun robh na rudan a rinn e ro bhith na Chrìostaidh dìreach “sgudal?”

  • Dè bhuainnich e an àite?

  • A bheil coimeas ann eadar Iehòbha a’ frithealadh agus ri dòigh beatha sam bith eile?

Nuair a dh’fhas Pòl na Chrìostaidh, fhuair e fada as motha na leig e suas

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil e reusanta a’ coisrigeadh do bheatha do Dhia.”

  • Carson a tha thusa a’ smaoineachadh gu bheil e a’ dèanamh ciall do bheatha a coisrigeadh do Iehòbha?

GEÀRR-IOMRADH

Tha gràdh gar gluasad gus coisrigeadh ar fhèin do Iehòbha agus baisteadh fhaighinn.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha Iehòbha dleasach air ar gràdh is adhradh le uile cridhe?

  • Ciamar a bhios Iehòbha a’ beannachadh nan Fianaisean coisrigte aige?

  • A bheil thusa airson a bhith coisrigte do Iehòbha?

Amas

RANNSAICH

Faic carson a rinn neach-ciùil is neach-spòrs an co-dhùnadh gus coisrigeadh iad fhèin do Iehòbha.

Young People Ask—What Will I Do With My Life?—Looking Back (6:54)

Smaoinich air adhbharan a bharrachd airson coisrigeadh a dhèanamh.

“Why Dedicate Yourself to Jehovah?” (The Watchtower, January 15, 2010)

Sa bhidio chiùil seo, faic an aoibhneas aig iad a tha coisrigeadh iad fhèin do Iehòbha.

I Give My Life to You (4:30)

San sgeulachd “For Years I Wondered, ‘Why Are We Here?’” faic dè bhrosnaich aon bhoireannach a sgrùdadh na prìomh rudan aice.

“The Bible Changes Lives” (The Watchtower, November 1, 2012)