Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 47

A Bheil Thu Deiseil a Bhith air Do Bhaisteadh?

A Bheil Thu Deiseil a Bhith air Do Bhaisteadh?

Tro sgrùdadh a’ Bhìobaill agad, tha thu air ionnsachadh mòran rudan mu dheidhinn Iehòbha. ’S dòcha gun do rinn thu atharrachaidhean airson a chur air dòigh na rudan a dh’ionnsaich thu. Ach, ’s dòcha gu bheil rudeigin gad bhacadh bho do bheatha a coisrigeadh do Iehòbha agus a bhith air do bhaisteadh. Bidh an leasan seo a’ bruidhinn mu cuid de cnapan-starraidh cumanta ro bhaisteadh agus ciamar a cheannsaicheas tu iad.

1. Dè an t-eòlas a tha feum agad ro bhaisteadh?

Airson a’ faighinn baisteadh, tha feum agad air “eòlas na firinne.” (1 Timòteus 2:4) Chan eil seo a’ ciallachadh gun urrainn dhut a freagairt gach ceist a’ Bhìobaill bho dhaoine ro bhaisteadh. Fiù ’s tha Crìostaidhean baiste airson ùine fhada a’ fàs air ionnsachadh. (Colosianaich 1:9, 10) Tha feum agad air tuigse bunaiteach air teagaisgean a’ Bhìobaill gu dearbh. Bidh na h-èildearan co-thionail gad chuideachadh airson faighinn a-mach ma tha eòlas gu leòr agad.

2. Dè na ceuman deatamach ro bhaisteadh?

Mus faigh thu baisteadh, feumaidh tu “dèanaibh-se aithreachas agus tionndaidhibh a-rithist.” (Leugh Gnìomhan 3:19.) Tha seo a’ ciallachadh gu bheil thu a’ faireachdainn fo mhòran duilichinn airson nan rudan ceàrr a rinn thu san ùine seachad agus iarraidh mathanas air Iehòbha. Bidh thu a’ diùltadh giùlain mì-iomchaidh gu tùr agus bidh thu seasmhach nad inntinn a’ fuireach ann an dòigh a tha Dia a’ thoileachadh. A bharrachd air seo, bidh thu a’ tòiseachadh pàirt a gabhail ann an gnìomhan co-thionail le frithealadh coinneamhan agus searmonachadh mar ball neo-bhaistidh.

3. Carson nach bu chòir eagal gad bhacadh?

Tha eagal aig feadhainn nach urrainn dhaibh a dhèanamh na rudan a gheall iad do Iehòbha. Gu dearbh, aig amannan nì thu mearachdan, fiù ’s mar a rinn fir is boireannaich dìleas anns a’ Bhìoball. Ach cuimhnich, chan eil dùil aig Iehòbha gum bi an luchd-adhraidh aige foirfe. (Leugh Salm 103:13, 14.) Tha e toilichte nuair a tha thu a’ dèanamh do dhìcheall! Bidh e gad chuideachadh. Airson sin dheth, tha Iehòbha a’ dearbhadh nach bi sìon “ar sgaradh o ghaol Dhè.”—Leugh Ròmanaich 8:38, 39.

IONNSAICH TUILLEADH

Faic ciamar is urrainn dhut a ceannsachadh cnapan-starra sam bith ro bhaisteadh le fàs nas eòlaiche air Iehòbha agus a’ gabhail ri cuideachas bhuaithe.

4. Fàs nas eòlaiche air Iehòbha

Dè cho eòlach air Iehòbha a bheil feum agad ro bhaisteadh? Feumaidh eòlas gu leòr a bhith agad airson gràdh a toirt dha agus ag iarraidh ga thoileachadh. Cluich am BHIDIO airson faicinn ciamar an do rinn oileanaich a’ Bhìobaill seo air feadh an t-saoghail. An uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Anns a’ bhidio, dè chuidich feadhainn ag ullachadh airson baistidh?

Leugh Ròmanaich 12:2, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A bheil amharas sam bith agad mun teagasgan a’ Bhìobaill no ma tha Fianaisean Iehòbha a’ teagaisg na fìrinne?

  • Ma-thà, dè dh’fhaodas tu dhèanamh ma dheidhinn?

5. Ceannsaich cnapan-starra a dh’fhaodas a tighinn suas ro bhaisteadh

Nuair a tha sinn a’ co-dhùnadh ar beatha a coisrigeadh do Iehòbha agus a bhith baiste, bidh dùbhlain againn uile. Airson eisimpleir fhaicinn, cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Anns a’ bhidio, dè na cnapan-starra an robh feum aig Narangerel a cheannsachadh gus Iehòbha a frithealadh?

  • Ciamar an do chuidich an gràdh aice airson Iehòbha na cnapan-starra ud a cheannsachadh?

Leugh Gnàth-fhacal 29:25 agus 2 Timòteus 1:7, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè tha a’ toirt dhuinn misneachd cnapan-starra a ceannsachadh?

6. Cuir d’ earbsa ann an cuideachas Iehòbha

Bidh Iehòbha gad chuideachadh a bhith soirbheachail. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Dè adhbhar an robh oileanach a’ Bhìobaill ga bhacadh ro bhaisteadh fhaighinn?

  • Dè cobhair an d’ fhuair e airson earbsa ann an Iehòbha a neartachadh?

Leugh Isaiah 41:10, 13, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson am faod misneachd a bhith agad gun urrainn dhut coileanadh a’ ghealladh a rinn thu aig do choisrigeadh?

7. Thoir fàs do thaing airson gràdh aig Iehòbha nas doimhne

Mar as motha a tha thu a’ smaoineachadh dè cho mòr ’s a tha gràdh aig Iehòbha ort, as motha gum bi thu taingeil dha agus airson ga fhrithealadh gu bràth. Leugh Salm 40:5, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè na beannachdan bho Iehòbha gu bheil thu air leth taingeil?

Bha gràdh air Iehòbha agus Am Facal aig Ieremiah na fhàidheadair, agus bha e glè thaingeil airson onair ainm Iehòbha a giùlain. Thuirt e: “Bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.” (Ieremiah 15:16) Freagair na ceistean seo:

  • Carson a tha e onair air leth sònraichte a bhith aon de na Fianaisean Iehòbha?

  • A bheil thu airson a bhith baiste mar aon de na Fianaisean Iehòbha?

  • A bheil rud sam bith gad bhacadh bho bhaisteadh?

  • Nad bheachd sa, dè tha a dhìth ort gus amas baistidh a ruigsinn?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha an t-eagal orm nach urrainn dhomh a dèanamh a h-uile rud a gheall mi nuair a tha mi air mo bhaisteadh.”

  • A bheil thu a’ faireachdainn mar seo?

GEÀRR-IOMRADH

Le cuideachas Iehòbha, is urrainn dhut cnap-starra sam bith a cheannsachadh ro bhaisteadh.

Ath-sgrùdadh

  • Dè an t-eòlas a’ Bhìobaill a tha feum agad ro bhaisteadh?

  • Dè na h-atharrachaidhean a dh’fhaodas tu dhèanamh ro bhaisteadh?

  • Carson nach bu chòir eagal gad bhacadh?

Amas

RANNSAICH

Meòraich air dè bu chòir an adhbhar a tha thu a’ faighinn baisteadh.

“Are You Ready to Get Baptized?” (The Watchtower, March 2020)

Ionnsaich ciamar a cheannsaicheas tu dùbhlain sònraichte a dh’fhaodas gad bhacadh.

“What Prevents Me From Getting Baptized?” (The Watchtower, March 2019)

Faic ciamar a bha fear soirbheachail ann an ceannsachadh cnapan-starra mòra gus a bhith baiste.

‘Why Are You Delaying Baptism?’ (1:10)

Aig tòiseach, bha fear air ainmeachadh Ataa dàilich a bhith baiste. Faic ciamar a dh’fhàs e cinnteach an ceum cudromach seo a ghabhail.

Do I Really Deserve This? (7:21)