A Bheil mi Deiseil?
A Bheil mi Deiseil Airson Searmonachadh Còmhla ris an Co-thional?
’S dòcha gu bheil thu deiseil a bhith ball neo-bhaistidh ma tha . . .
thu a’ sgrùdadh a’ Bhìobaill, dèanamh ùrnaigh agus frithealadh nan coinneamhan co-thionail gu tric.
thu a’ cur luach air na rudan a tha thu ag ionnsachadh agus tha thu ag iarraidh ag innse cuid eile mu dheidhinn.
gràdh agad airson Iehòbha agus a’ taghadh caraidean aig a bheil gràdh air a shon cuideachd.
tha thu air a thoirt do bhallrachd air falbh bho comunn poileataigeach no creideamh fallsa sam bith.
thu a’ fuireach a rèir ìrean Iehòbha agus ag iarraidh a bhith na Fianais Iehòbha.
Ma tha thu a’ faireachdainn gu bheil thu deiseil airson searmonachadh còmhla ris an co-thional, faodaidh an tidsear a’ Bhìobaill agad a cur coinneamh leis na h-èildearan air dòigh airson bruidhinn mu chiamar as urrainn dhut teisteanachadh.
A Bheil mi Deiseil Airson Baisteadh?
’S dòcha gu bheil thu deiseil airson baisteadh ma tha . . .
thu ball neo-bhaistidh.
thu a’ gabhail pàirt ann an obair shearmonachaidh cho tric ’s a ghabhas.
thu a’ toirt taic agus a’ leantainn stiùiridh “na sheirbheiseach dìleas agus glic.”—Mata 24:45-47.
thu air a coisrigeadh do bheatha do Iehòbha ann an ùrnaigh agus gu bheil thu fhèin ag iarraidh a bhith dìleas dha gu sìorraidh.
Ma tha thu a’ faireachdainn gu bheil thu deiseil airson baisteadh, faodaidh an tidsear a’ Bhìobaill agad a cur coinneamh leis na h-èildearan air dòigh airson bruidhinn mu chiamar as urrainn dhut teisteanachadh.