Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 48

Bi Glic Nuair a Tha Thu a’ Taghadh Do Charaidean

Bi Glic Nuair a Tha Thu a’ Taghadh Do Charaidean

Aig amannan matha bidh dlùth-charaidean a’ cur ris ar toileachas agus bidh iad gar neartachadh aig amannan duilich. Ach, tha Am Bìoball a’ rabhadh nach eil a h-uile duine na deagh-charaid. Mar sin, ciamar is urrainn dhut deagh-charaid a thaghadh? Meòraich air na ceistean a’ leantainn.

1. Dè seòrsa buaidh am bi do charaidean a’ cur ort?

Gu tric bidh sinn a’ fàs coltach ri daoine a tha sinn a’ cur seachad ùine ris. Faodaidh seo a bhith airson math no dona​—agus tha seo fìor ge be a tha sinn a’ cur seachad ùine le cuideigin aghaidh ri aghaidh no air meadhanan sòisealta. Mar a chanas Am Bìoball, “an tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach [iad nach eil gràdh airson Iehòbha] nan amadan.” (Gnàth-fhacal 13:20) Is urrainn caraidean a tha ag adhradh Iehòbha agus a tha gràdh air gad chuideachadh a teann dlùth ris agus co-dhùnaidhean matha a dhèanamh. Ach faodaidh dlùth-charaidean gun gràdh do Iehòbha gar tarraing air falbh bhuaithe. Is beag an t-iongnadh gu bheil Am Bìoball gar brosnachadh a bhith glic nuair a tha sinn a’ taghadh ar caraidean! Nuair a tha gràdh Dhè aig ar caraidean, bidh sinn a’ buannachadh a chèile. Faodaidh sinn uile “misnichibh a chèile agus togaibh càch-a-chèile suas.”​—1 Tesalònianaich 5:​11.

2. Ciamar a bhios Iehòbha a’ faireachdainn mu cò tha sinn a’ taghadh mar charaidean?

Bidh Iehòbha a’ taghadh a charaidean gu faiceallach. ‘‘Tha a rùn aig an ionracan.’’ (Gnàth-fhacal 3:​32) Ciamar a bhios Iehòbha a’ faireachdainn nan robh sinn a’ taghadh dlùth-charaidean aig nach robh gràdh dha? Bidh brìseadh dùil aige gun teagamh! (Leugh Sheumais 4:4.) Air an làimh eile, bidh Iehòbha fìor-thoilichte agus bidh e gar taghadh mar charaidean ma sheachnas sinn droch-chuideachd agus teann dlùth ris agus ri daoine aig a bheil gràdh dha.​—Salm 15:​1-4.

IONNSAICH TUILLEADH

Sgrùd carson a tha ar co-dhùnaidhean a rèir càirdeas cho cudromach agus faic ciamar is urrainn dhut a leasachadh càirdeas a bhios math dhut dha-rìribh.

3. Thoir an aire air droch-chuideachd

’S e droch-chuideachd a tha daoine aig nach eil gràdh do Dhia no na h-ìrean aige. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist a leanas.

  • Ciamar is urrainn dhuinn a’ fàs an lùib droch-chuideachd gun fhios a bhith againn?

Leugh 1 Corintianaich 15:​33, agus an uairsin bruidhinn air na ceistean seo:

  • Dè seorsa daoine is urrainn a bhith droch-chuideachd dhut? Carson?

Leugh Salm 119:​63, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Dè am bu chòir dhut coimhead a-mach airson ann an caraid?

Millidh aon ubhal grod na measan mun cuairt. Dè seòrsa buaidh is urrainn aon droch-charaid a dhèanamh ort?

4. Faodaidh daoine a tha eadar-dhealaichte bhuainn a bhith deagh-chairaidean

Tha Am Bìoball ag innse dhuinn mu Dhaibhidh agus Ionatan, dithis fhear ann an Israel aosmhor. Bha iad diofaraichte ann an aois agus suidheachadh; ach, a dh’aindeoin seo, bha càirdeas air leth sònraichte eadarra. Leugh 1 Samuel 18:​1, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Carson nach eil e math daonnan a bhith a’ taghadh caraidean bhon bhuidheann aois no sòisealta againn fhìn?

Leugh Ròmanaich 1:​11, 12, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Ciamar is urrainn caraidean aig a bheil gràdh do Iehòbha a brosnachadh càch-a-chèile?

Sa bhidio seo, faic ciamar an do lorg aon bhràthair òg caraidean ann an àite nach robh dùil aige. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn air na ceistean a leantainn.

  • Sa bhidio, carson a bha dragh air pàrantan Akil mun chàirdeas aige san sgoil?

  • Sa chiad dol a-mach, carson a bha e ag iarraidh caraidean mar sin?

  • Ciamar an do cheannsaich e aonarachd?

5. Ciamar is urrainn dhuinn deagh-chàirdeas a thogail?

Meòraich air ciamar is urrainn dhut fìor-charaidean a lorg​—agus ciamar is urrainn dhutsa a bhith nad dheagh-charaid. Cluich am BHIDIO.

Leugh Gnàth-fhacal 18:24 agus 27:​17, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar a bhios fìor-charaidean a’ cuideachadh a chèile?

  • A bheil deagh-chàirdeas mar seo agad? Mura h-eil, ciamar is urrainn dhut feadhainn a thogail?

Leugh Philipianaich 2:​4, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ma tha thu airson deagh-charaidean a bhith agad, feumaidh tu a bhith nad dheagh-charaid. Ciamar is urrainn dhut seo a dhèanamh?

Airson deagh-charaidean a bhith agad, feumaidh tusa a bhith nad dheagh-charaid

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha caraid sam bith nas fheàrr na bhith às aonais caraid.”

  • Dè chanas tu?

GEÀRR-IOMRADH

Nuair a dèan sinn roghainnean glica a rèir càirdeas, bidh sinn a’ toileachadh Iehòbha agus sinn fhèin a bhuannachadh.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha ar taghaidhean a rèir càirdeas cudromach do Iehòbha?

  • Dè seòrsa càirdeas am bu chòir dhuinn a sheachnadh?

  • Ciamar a thogas tu càirdeas làidir le daoine a tha math air do shon?

Amas

RANNSAICH

Faic ciamar is urrainn caraidean matha gar cuideachadh aig amannan duilich.

“Build Strong Friendships Before the End Comes” (The Watchtower, November 2019)

Smaoinich air na ceuman pragtaigeach is urrainn dhut a ghabhail gus deagh-charaidean fhaighinn.

“How Can I Make Good Friends?” (Questions Young People Ask​—Answers That Work, Volume 1, chapter 8)

Dè fios am bu chòir a bhith agad mu chàirdeas air loidhne?

Bi Glic Le Meadhanan Sòisealta (4:​12)

San sgeulachd “I Yearned for a Father,” carson a thagh aon fhear caraidean diofaraichte?

“The Bible Changes Lives” (The Watchtower, April 1, 2012)