Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 49

Ciamar is Urrainn Do Theaghlach a Bhith Sona?​—Pàirt 1

Ciamar is Urrainn Do Theaghlach a Bhith Sona?​—Pàirt 1

Tha càraid air ùr-phòsadh an dòchas gum faod an sonas a tha iad a’ faireachdainn air latha na bainnse a mairsinn gu bràth. Is faodaidh e. Tha fios aig Crìostaidhean a tha pòsta airson ùine mhòr agus air ag obair gu cruaidh gus comhairle a’ Bhìobaill a leantainn gu bheil seo comasach.

1. Dè an comhairle a tha Am Bìoball a’ toirt seachad do fir-phòsta?

Tha Iehòbha air cur fir-phòsta mar cheann a’ theaghlaich. (Leugh Ephèsianaich 5:​23.) Tha dùil aig Iehòbha gum bi e a’ dèanamh co-dhùnaidhean a bhios a’ buannachadh a theaghlach. Tha Am Bìoball ag innse do fir-phòsta: “Gràdhaichibh ur mnathan-pòsta.” (Ephèsianaich 5:​25) Dè tha seo a’ ciallachadh? Bidh fear-pòsta gràdhach a’ dèiligeadh ris a bhean gu laghach, aig an taigh agus air beulaibh dhaoine eile. Bidh e ga dìon bho cron agus a’ dèanamh a dhìcheall a coimhead às dèidh na feuman fiosaigeach agus faireachail aicese. (1 Timòteus 5:8) As cudromaiche, bidh e ga treòrachadh ann an dòigh spioradail. (Mata 4:4) Mar eisimpleir, faodaidh e ùrnaigh a dhèanamh agus Am Bìoball a leughadh còmhla ris a bhean. Nuair a tha fear-pòsta a’ coimhead às dèidh a bhean ann an dòigh laghach, tha e a’ cumail faisg ri Iehòbha.​—Leugh 1 Peadar 3:7.

2. Dè an comhairle a tha Am Bìoball a’ toirt seachad do mnathan-phòsta?

Tha Am Facal Dhè ag ràdh “gun toir a’ bhean-phòsta urram dha fear.” (Ephèsianaich 5:​33) Ciamar is urrainn dhi sin a dhèanamh? Faodaidh i a smaoineachadh mu na buadhan matha aig an duine aice agus dè cho cruaidh ’s a tha e a’ gabhail cùram oirre agus a’ chlann aca. Faodaidh i cuideachd urram a shealltainn le bhith taic a thoirt do na co-dhùnaidhean aige agus a bruidhinn ris, agus ma dheidhinn, ann an dòigh laghach, fiù ’s nach eil e ag adhradh Iehòbha.

3. Ciamar is urrainn càraid phòsta am pòsadh aca a neartachadh?

Tha Am Bìoball ag ràdh mu dheidhinn dithis aig a tha pòsta: “Bidh an dithis nan aon fheòil.” (Mata 19:5) Tha seo a’ ciallachadh gum bu chòir dhaibh a sabaid an aghaidh dad sam bith is urrainn an gaol aca a lagachadh. Bidh iad a’ dèanamh seo le bhith a’ cur seachad ùine ri chèile gu tric agus le bhith a’ bruidhinn ann an dòigh fosgailte agus gràdhach mu na smuaintean agus faireachdainnean aca. Cha bhi iad a’ leigeil dad no neach sam bith​—seach Iehòbha​—a bhith nas cudromaiche na a chèile. Tha iad cuideachd gu sònraichte faiceallach nach bi iad a’ fàs ann an dàimh mì-iomchaidh air neach sam bith eile.

IONNSAICH TUILLEADH

Faic dè na prionnsabalan a’ Bhìobaill is urrainn do phòsadh a neartachadh.

4. Fir-phòsta​—seall gràdh agus coimhead às dèidh do bhean-phòsta

Tha Am Bìoball ag ràdh gum “bu chòir dha na fir-phòsta am mnathan-pòsta fhèin a ghràdhachadh mar an cuirp fhèin.” (Ephèsianaich 5:​28, 29) Dè tha seo a’ ciallachadh? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ann an dè dòighean is urrainn fear-pòsta a sealltainn gràdh agus cùram airson a bhean?

Leugh Colosianaich 3:​12, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar is urrainn fear-pòsta a sealltainn nan buadhan seo sa phòsadh aige fhèin?

5. Mnathan-pòsta​—seall gràdh agus urram dhan duine agad

Tha Am Bìoball a’ brosnachadh bean-phòsta urram a sealltainn dhan fear a dh’aindeoin ma tha e a’ frithealadh Iehòbha no nach eil. Leugh 1 Peadar 3:​1, 2, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ma tha duine agad agus chan eil e a’ dèanamh adhradh do Iehòbha, gun teagamh tha thu ag iarraidh gum bi e a’ dèanamh adhradh do Iehòbha. Dè tha nas fheàrr, nad bheachd-sa​—a bhith an còmhnaidh a’ searmonachadh dha no a’ sealltainn deagh-bhuadhan agus gnìomhan le urram? Carson?

Tha e math nuair a bhios fir is mnathan-pòsta co-dhùnaidhean matha a dhèanamh còmhla. Aig amannan, ge-tà, cha bhi bean ag aontachadh leis an duine aice. Faodaidh i ag innse dha ciamar a tha i a’ faireachdainn ann an dòigh ciùin agus spèiseil, ach bu chòir dhi ag aithneachadh gun do thug Iehòbha dleastanas dha airson co-dhùnadh dè as fheàrr airson a’ theaghlaich. Bu chòir dhi a dèanamh a dìcheall airson taic a thoirt don co-dhùnadh aige. Leis a-sin, tha i a’ cuideachadh an teaghlach air fad a bhith toilichte. Leugh 1 Peadar 3:​3-5, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn nuair a tha bean a’ sealltainn spèis don duine aice?

6. Faodaidh tu a ceannsachadh trioblaidean nad phòsadh

Chan eil pòsadh sam bith foirfe. Mar sin, feumaidh dithis a tha pòsta ag obair ri chèile gus trioblaidean a cheannsachadh. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Sa bhidio, dè bha cuid de comharran nach robh an cupal cho dlùth na bha iad?

  • Dè na ceuman a ghabh iad gus am pòsadh aca a neartachadh?

Leugh 1 Corintianaich 10:24 agus Colosianaich 3:​13. Às dèidh gach sgriobtar a leughadh, bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Ma chuireas tu an comhairle seo ann an gnìomh, ciamar is urrainn do phòsadh a bhith air a neartachadh?

Tha Am Bìoball ag ràdh gum bu chòir dhuinn onair a sealltainn do a chèile. An sàs seo tha dèiligeadh le duine eile ann an dòigh laghach agus spèiseil. Leugh Ròmanaich 12:​10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Am bu chòir fir no mnathan a feitheamh airson a chèile gus onair a sealltainn anns a’ chiad àite? Carson, no carson nach eil?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil mi fhìn is mo chèile cho teann ’s a bha sinn.”

  • Ciamar a nì thu mìneachadh gun urrainn Am Bìoball a bhith cuideachail dhaibh?

GEÀRR-IOMRADH

Faodaidh fear agus bean a bhith sona nuair a tha gaol agus spèis ann eatarra agus iad a’ cur an gnìomh prionnsabalan a’ Bhìobaill.

Ath-sgrùdadh

  • Dè is urrainn fear a dèanamh gus pòsadh sona a bhith aige?

  • Dè is urrainn bean a dèanamh gus pòsadh sona a bhith aice?

  • Ma tha thu pòsta, dè prionnsabal a’ Bhìobaill is urrainn do phòsadh a neartachadh?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich molaidhean pragtaigeach is urrainn gad chuideachadh beatha teaghlaich sona fhaighinn.

Your Family Can Be Happy (leabhran)

Coimhead air a’ bhidio ciùil a tha cur cudrom air na beannachdan a tha tighinn le bhith cur an gnìomh comhairle Dhè nad phòsadh.

Truly in Love (4:​26)

Sgrùd air dè tha e a’ ciallachadh spèis a’ sealltainn don chùram a th’ aig fear airson a theaghlach a treòrachadh.

“Women, Why Submit to Headship?” (The Watchtower, May 15, 2010)

Ciamar an tug càraid phòsta buaidh air trioblaidean mòra​—briseadh-pòsaidh nam measg?

We Rebuilt Our Marriage With God’s Help (5:​14)