Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 50

Ciamar is Urrainn Do Theaghlach a Bhith Sona?​—Pàirt 2

Ciamar is Urrainn Do Theaghlach a Bhith Sona?​—Pàirt 2

’S e tiodhlac a th’ ann a’ chlann bho Iehòbha. Tha dùil aige gum bi pàrantan coimhead às dèidh an tiodhlac sin le cùram. Tha Iehòbha a’ toirt comhairle glic is urrainn pàrantan a chuideachadh seo a dhèanamh. A bharrachd air seo tha an comhairle aige a sealltainn clann dè is urrainn iad a dhèanamh gus teaghlach sona a bhith aca.

1. Dè comhairle a bhios Iehòbha a’ toirt do phàrantan?

Tha dùil aig Iehòbha gum bi pàrantan a sealltainn gaol don clann aca agus a cuir seachad ùine as motha is urrainn dhaibh còmhla riutha. Cuideachd, tha e ag iarraidh gum bi pàrantan a’ dìon na cloinne bho cron agus a’ cleachdadh prionnsabalan a’ Bhìobaill airson a bhith gan trèanadh. (Gnàth-fhacal 1:8) Tha Am Bìoball ag innse athraichean: “Togaibh [iad] ann an . . . teagasg an Tighearna.” (Leugh Ephèsianaich 6:4.) Tha Iehòbha toilichte nuair a tha pàrantan a’ leantainn an stiùireadh aige a rèir clann a thogail agus cha bhi iad a’ toirt an dleastanas seo gu cuideigin eile.

2. Dè comhairle a tha Iehòbha a’ toirt do chlann?

Tha Iehòbha a’ teagaisg chlann: “Bithibh umhail dur pàrantan.” (Leugh Colosianaich 3:​20.) Nuair a tha clann a sealltainn spèis agus tha iad umhail ri am pàrantan, bidh Iehòbha agus na pàrantan aca toilichte. (Gnàth-fhacal 23:​22-​25) Bha Ìosa eisimpleir math de seo nuair a bha e òg. Ged a bha e foirfe, bha e fhathast umhail agus a sealltainn spèis do na pàrantan aige.​—Lùcas 2:​51, 52.

3. Ciamar is urrainn dhut a teann dlùth ri Dia mar teaghlach?

Ma tha thu na phàrant, gun teagamh sam bith tha thu ag iarraidh gum bi an aon gràdh aig do chlann do Iehòbha mar a tha agadsa. Ciamar is urrainn dhut an amas seo a ruigsinn? Le dèanamh na tha Am Bìoball ag ràdh: “Teagaisgidh tu iad [facal Iehòbha] dod chloinn, agus labhraidh tu orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t-slighe.” (Deuteronomi 6:7) Mar a tha fhios agad, uaireannan tha feum ort ag ràdh aon rud gu tric gus a bhith do chlann a chuimhneachadh. Tha an sgriobtar seo a’ ciallachadh gum bu chòir dhut a coimhead a-mach airson cothroman a bhruidhinn ri do chlann mu Iehòbha gu tric. ’S e deagh-bheachd a th’ ann a gabhail ùine shònraichte gach seachdain gus adhradh a dhèanamh mar teaghlach. Mura h-eil clann agad, faodaidh tu fhathast a bhuannachadh le bhith stèidheadh ùine gach seachdain far am bidh thu a sgrùdadh Am Facal Dhè.

IONNSAICH TUILLEADH

Meòraich air na molaidhean pragtaigeach is urrainn gad chuideachadh beatha teaghlaich sona agus tèarainte fhaighinn.

4. Teagaisg do chlann le gaol

Faodaidh e a bhith doirbh do chlann a theagaisg. Ciamar is urrainn Am Bìoball gad chuideachadh? Leugh Sheumais 1:​19, 20, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar is urrainn pàrantan a sealltainn gaol nuair a tha iad a’ bruidhinn ris a’ chlann aca?

  • Carson nach bu chòir pàrant a smachdachadh a’ chlann nuair a tha e feargach? a

5. Dìon do chlann

Airson do chlann a dhìon, tha e riatanach gum bi thu a’ bruidhinn ris a’ chlann agad mu feise. ’S dòcha ge-tà gum bi thu a’ faireachdainn mì-chofhurtail seo a dhèanamh. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Carson a tha e doirbh airson cuid de phàrantan a bhruidhinn ris a’ chlann aca mu dheidhinn feise?

  • Ann an dè dòighean tha cuid pàrantan air a mìneachadh feise ris a’ chlann aca?

Mar a chaidh fàidheadaireachd, tha an saoghal Sàtain a’ fàs nas miosa is nas miosa. Leugh 2 Timòteus 3:​1, 13, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Bidh cuid dè na daoine olc ann an rann 13 a’ dèanamh droch-dhìol do clann ann an dòigh feiseil. Mar sin, carson a tha e fìor-chudromach gum bi pàrantan a’ teagaisg clann mu dheidhinn feise agus ciamar is urrainn dhaibh a dìon iad fhèin bho drabastairean?

A bheil fhios agad?

Tha Fianaisean Iehòbha air toirt seachad iomadh goireasan airson pàrantan a chuideachadh gus a’ chlann aca a theagaisg mu dheidhinn feise agus gus an dìon iad bho droch-dhìol. Mar eisimpleir, faic:

6. Seall spèis ri do phàrantan

Faodaidh clann agus deugairean spèis a sealltainn do na pàrantan aca ann an dòigh a tha iad a’ bruidhinn riutha. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Carson a tha e math gum bi duine òg a’ bruidhinn ann an dòigh spèiseil ri na phàrantan aige?

  • Ciamar is urrainn duine òg a bruidhinn ri na pàrantan aige ann an dòigh a tha a’ sealltainn onair dhaibh?

Leugh Gnàth-Fhacal 1:​8, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar am bu chòir duine òg a freagairt nuair a tha na pàrantan aige a’ toirt stiùireadh dha?

7. Dèan adhradh do Iehòbha mar teaghlach

Bidh teaghlaichean Fianaisean Iehòbha a stèidheadh ùine shònraichte gach seachdain airson adhradh a dhèanamh ri chèile. Dè is urrainn dhut a dhèanamh aig adhradh teaghlaich? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Ciamar is urrainn teaghlach Adhradh-Teaghlaich a dhèanamh gu tric?

  • Dè is urrainn pàrantan a dhèanamh airson ’s gum bi adhradh-teaghlaich pragtaigeach agus tlachdail?​—Faic an dealbh aig toiseach an leasan seo.

  • Dè na rudan a nì cùisean doirbh airson do theaghlach a sgrùdadh ri chèile?

Ann an Israeil aosmhor, bha dùil aig Iehòbha gum bi teaghlaichean a bruidhinn mu dheidhinn nan Sgriobtaran gu tric. Leugh Deuteronomi 6:​6, 7, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar is urrainn dhut a cur an gnìomh am prionnsabal seo?

Beachdan airson adhradh-teaghlaich:

  • Ullaich airson coinneamhan co-thional.

  • Leugh agus bruidhinn cunntas a’ Bhìobaill a tha còrdadh ri do theaghlach.

  • Ma tha clann òga agad, leig a-nuas no clò-bhuail gnìomh airson cloinne bho jw.org.

  • Ma tha deugairean agad, bruidhinn air aon de na h-artaigilean airson deugairean a tha air jw.org.

  • Dèan cleas de aon chunntas a’ Bhìobaill còmhla ri do chlann.

  • Coimhead agus bruidhinn air bhidio a tha air jw.org.

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha Am Bìoball ro doirbh airson clann a thuigsinn.”

  • Dè chanas tu?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi pàrantan a’ sealltainn gaol, a’ trèanadh, agus a’ dìon na cloinne aca; agus tha e ag iarraidh gum bi clann a’ sealltainn spèis agus umhail do na pàrantan aca; agus gum bi teaghlaichean a’ dèanamh adhradh dha ri chèile.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar is urrainn pàrantan a trèanadh agus dìon na cloinne aca?

  • Ciamar is urrainn clann a sealltainn onair do na pàrantan aca?

  • Dè na buannachdan le bhith cur seachad ùine shònraichte gach seachdain airson adhradh a dhèanamh mar teaghlach?

Amas

RANNSAICH

Dè na leasanan is urrainn ag ullachadh do chlann airson inbheach?

“Six Lessons Children Need to Learn” (Awake! No. 2 2019)

Ionnsaich comhairle phragtaigeach a tha Am Bìoball a’ toirt seachad airson luchd-cùram.

“What Does the Bible Say About Caregiving for Elderly Parents?” (Artaigil-lìn)

Cha robh fios aig aon fhear ciamar a bhios e clann a thogail ach faic ciamar a dh’fhàs e mar athair soirbheachail.

Taught by Jehovah to Raise Our Family (5:​58)

Saoil air ciamar is urrainn athraichean neartachadh an dàimh leis a’ mhic aca.

“How Can Fathers Stay Close to Their Sons?” (The Watchtower, November 1, 2011)

a Anns a’ Bhìoball, tha “smachdachadh” a’ ciallachadh teagaisg, stiùireadh, agus ceartachadh. Chan eil e idir a’ ciallachadh droch-dhìol no fòirneart.​—Gnàth-fhacal 4:1.