Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 52

Carson a tha ar Aodach agus Coltas Cudromach?

Carson a tha ar Aodach agus Coltas Cudromach?

Tha beachdan againn uile a rèir ar coltas agus aodach. Ma tha sinn a’ leantainn prionnsabalan simplidh a’ Bhìobaill, faodaidh sinn taghadh dè bu toil leinn agus cuideachd, Iehòbha a thoileachadh. Saoil air cuid de na prionnsabalan seo.

1. Dè prionnsabalan am bu chòir gar stiùireadh ann an taghaidhean a rèir aodach agus coltas?

Bu chòir dhuinn a taghadh “èideadh  . . . gu beusach  . . . le modhalachd agus le measarrachd” agus coltas glan a chumail a tha a’ sealltainn “aideachadh diadhaidheachd.” (1 Timòteus 2:​9, 10) Saoil air na ceithir prionnsabalan seo: (1) Bu chòir ar aodach a bhith “gu beusach.” Ma tha thu air faicinn aig coinneamhan co-thional, bidh muinntir Iehòbha a’ cosg aodach eadar-dhealaichte. Ach bidh ar aodach agus stoidhlean-fuilt a’ sealltainn urram do Dhia. (2) Tha aodach a’ cosg “le modhalachd” a’ ciallachadh nach bi ar coltas a’ brosnachadh feisealachd. A bharrachd air seo, cha bu chòir ar aodach tarraing cus aire oirnn. (3) Bidh sinn a’ sealltainn “measarrachd” nuair nach bi sinn a’ gabhail ris a h-uile fasan a tha a’ nochdadh. (4) Feumaidh ar coltas daonnan a sealltainn “aideachadh diadhaidheachd” gus nochdadh gu feadhainn eile gu bheil sinn a’ dèanamh adhradh don Dia fìor.​—1 Corintianaich 10:31.

2. Dè buaidh as urrainn ar aodach a bheireas air co-luchd-adhraidh?

Ged a tha an saorsa againn a’ taghadh dè aodach a bhios sinn a’ cur oirnn, bu chòir dhuinn a smaoineachadh air a’ bhuaidh is urrainn ar coltas a bheir air feadhainn eile. Bidh sinn a’ dèanamh ar dìcheall nach bi sinn a’ toirt oilbheum do feadhainn eile. Ach feuch sinn “Toilicheadh gach aon againn a choimhearsnach airson a mhaith, gus a thogail suas.”​—Leugh Ròmanaich 15:​1, 2.

3. Ciamar as urrainn ar coltas a’ tarraing feadhainn eile don adhradh fìor?

Tha sinn a’ feuchainn aodach freagarrach a chur oirnn sa h-uile suidheachadh, ach gu h-àraidh bidh ar aire air ar coltas nuair a tha sinn a’ frithealadh coinneamhan co-thionalan agus a’ gabhail pàirt sa mhinistrealachd. Chan eil sinn ag iarraidh gum bi ar aodach a’ toirt air falbh bho ar teachdaireachd chudromach. An àite sin, bu chòir ar aodach a tarraing feadhainn eile dhan fhìrinn agus “teagasg Dhè ar Slànaigheir maiseach.”​—Tìtus 2:​10.

IONNSAICH TUILLEADH

Meòraich air ciamar is urrainn dhuinn a dèanamh cinnteach gu bheil ar aodach agus coltas freagarrach dhuinn mar Chrìostaidhean.

Faodaidh ar coltas a sealltainn ma tha urram againn airson daoine le ùghdarras. Ged a tha Iehòbha a’ faicinn dè tha nar cridhe, bu chòir ar coltas a shealltainn urram dha

4. Tha deagh-choltas a’ sealltainn urram airson Iehòbha

Dè tha an adhbhar as cudromaiche gus dèanamh cinnteach gu bheil ar coltas sgiobalta? Leugh Salm 47:​2, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè co-dhùnaidhean a nì sinn a rèir coltas nuair a tha cuimhne againn gu bheil seo a’ dèanamh buaidh air ciamar a tha daoine eile a’ smaoineachadh air Iehòbha?

  • A bheil thu a’ smaoineachadh gu bheil e reusanta gum bi sinn a’ smaoineachadh mu ar coltas nuair a tha sinn a’ frithealadh coinneamhan agus a’ gabhail pàirt sa mhinistrealachd? Carson, no carson nach eil?

5. Ciamar as urrainn dhuinn co-dhùnaidhean matha a dhèanamh a rèir aodach is coltas?

Cluich am BHIDIO.

Chan eil e gu diofar ma chosgas ar aodach mòran no beagan, bu chòir dha a bhith glan agus freagarrach ann an gach suidheachadh. Leugh 1 Corintianaich 10:24 agus 1 Timòteus 2:​9, 10. An uairsin, bruidhinn air carson am bu chòir dhuinn a seachnadh aodach a tha . . .

  • mì-sgiobalta no ro neo-fhoirmeil.

  • ro teann, ro nochdadh, no ro bhrosnachail ann an dòigh feiseil.

Ged nach eil Crìostaidhean fo lagh Maois, tha e a’ sealltainn dhuinn fhathast nan smuaintean Iehòbha. Leugh Deuteronomi 22:​5, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Carson am bu chòir dhuinn aodach agus stoidhlean a sheachnadh a tha a’ ciallachadh gum bi fear a’ coimhead mar boireannach agus gum bi boireannach a’ coimhead mar fear?

Leugh 1 Corintianaich 10:​32, 33 agus 1 Eòin 2:​15, 16, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Carson am bu chòir ùidh a bhith againn ma bhios ar coltas a’ toirt oilbheum do feadhainn sa choimhearsnachd no sa cho-thional?

  • Dè seòrsa aodach is stoidhlean a tha cumanta far a bheil thusa a’ fuireach?

  • A bheil thusa a’ smaoineachadh gun urrainn cuid de na stoidhlean seo a bhith mì-fhreagarrach airson Crìostaidhean? Carson, no carson nach eil?

Faodaidh sinn a cur oirnn iomadh aodach is stoidhle agus fhathast Iehòbha a thoileachadh

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha an cead agam a’ cur orm aodach sam bith.”

  • A bheil thu ag aontachadh? Carson, no carson nach eil?

GEÀRR-IOMRADH

Nuair a tha sinn a’ dèanamh co-dhùnaidhean matha a rèir ar coltas, bidh sinn a’ sealltainn urram do Iehòbha agus do feadhainn eile.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha ar aodach is coltas cudromach do Iehòbha?

  • Dè na prionnsabalan gum bu chòir sinn a leantainn ann an co-dhùnaidhean a rèir coltas?

  • Dè seòrsa buaidh as urrainn ar coltas a bheir air beachdan aig feadhainn eile a rèir fìor-adhradh?

Amas

RANNSAICH

Faic dè seòrsa teachdaireachd is urrainn an t-aodach agad a cur a-mach.

“How Do I Look?” (Artaigil-lìn)

Ionnsaich carson a tha e glic a bhith a’ smaoineachadh mus faigh sibh tatù.

“What Does the Bible Say About Tattoos?” (Artaigil-lìn)

Meòraich air prionnsabalan eile is urrainn ar co-dhùnaidhean a stiùireadh.

“Does Your Style of Dress Glorify God?” (The Watchtower, September 2016)

Faic ciamar a leasaich na beachdan de aon bhoireannach a thaobh nan co-dhùnaidhean pearsanta aig feadhainn eile.

“Dress and Grooming Was My Stumbling Block” (Awake!, December 22, 2003)