Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 53

Tagh Cur-Seachadan a tha Iehòbha Toilichte Leis

Tagh Cur-Seachadan a tha Iehòbha Toilichte Leis

’S e Iehòbha “an Dia sona.” (1 Timòteus 1:​11 NWT) Tha e ag iarraidh gum bi sinn toilichte agus gun còrdadh ar beatha rinn. Tha e toilichte nuair a tha sinn a’ cur seachad ùine bhon obair gus fois a ghabhail. San leasan seo chì sinn ciamar is urrainn dhuinn ar saor-ùine a chleachdadh ann an dòigh tlachdmhor agus riaraichte​—cuideachd ann an dòigh a bhios Iehòbha toilichte leis.

1. Dè am bu chòir dhuinn cuimhneachadh nuair a tha sinn a’ taghadh cur-seachadan?

Dè am bu toil leat a dhèanamh nuair a tha thu a’ gabhail fois? B’ fheàrr cuid a’ cur seachad an saor-ùine aca aig an taigh​—a’ leughadh leabhar, ag èisteachd ri ceòl, a’ coimhead air film, no a’ brabhsadh air an eadar-lìon. B’ fheàrr cuid eile a bhith trang le caraidean​—a’ sreap, a’ snàmh, no geamaichean a’ cluich. Ge be na rudan a b’ fheàrr leinn a bhith a’ dèanamh, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil ar co-dhùnaidhean a thaobh ar cur-seachadan “tlachdmhor dhan Tighearna.” (Ephèsianaich 5:​10) Tha e cudromach gu bheil sinn a’ tuigsinn seo, oir an lùib mòran de na rudan a bhios daoine a’ coimhead air no ag èisteachd ris, a leithid fòirneart, feis mì-mhoralta agus diabhlaidheachd, rudan a tha gràin aig Iehòbha air. (Leugh Salm 11:5.) Dè is urrainn gar cuideachadh co-dhùnaidhean glic a dhèanamh a thaobh chur-seachadan?

Ma bhios sinn a’ taghadh caraidean aig a tha gràdh airson Iehòbha, faodaidh iad buaidh math a toirt oirnn agus air ar co-dhùnaidhean a thaobh chur-seachadan. Mar a dh’ionnsaich sinn mar-tha, “an tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic.” Air an làimh eile, ma tha sinn a’ cur seachad ùine gu tric le iad aig nach eil gràdh airson ìrean Iehòbha, faodaidh an companach seo gar “sgriosar.”​—Gnàth-fhacal 13:20.

2. Carson a tha e cudromach gu bheil sinn a’ cumail smachd air an ùine a tha sinn a’ cosg air cur-seachadan?

Fiù ’s ma tha ar co-dhùnaidhean a thaobh chur-seachadan glan, feumaidh sinn a bhith faiceallach nach eil sinn a’ cosg cus ùine air. No, ’s dòcha cha bhi ùine againn air fhàgail airson rudan nas cudromaiche. Tha Am Bìoball gar brosnachadh “ath-cheannach an ama.”​—Leugh Ephèsianaich 5:​15, 16.

IONNSAICH TUILLEADH

Ionnsaich ciamar is urrainn dhut co-dhùnaidhean matha a dhèanamh a thaobh chur-seachadan.

3. Seachnaich cur-seachadan neòghlan

Carson am bu chòir dhuinn a bhith faiceallach a thaobh chur-seachadan? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Ann an dè dòighean an robh na geamaichean gladair dhen t-seòrsa ann An Ròimh aosmhor coltach ri cuid cleasachd san latha an-diugh?

  • Sa bhidio, dè dh’ionnsaich Dànaidh mu cur-seachadan?

Leugh Ròmanaich 12:​9, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar is urrainn an rann seo gad chuideachadh co-dhùnaidhean matha a thaghadh?

Dè tha cuid den rudan aig a tha gràin Iehòbha air? Leugh Gnàth-fhacal 6:​16, 17 agus Galàtianaich 5:​19-​21. Às dèidh gach sgriobtar a leughadh, bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè na rudan a tha ri lorg san rann seo a tha cumanta anns na meadhanan san latha an-diugh?

 Ceistean a Thaobh Chur-seachadan

Faighnich dhut fhèin:

  • Dè? An sàs ann, a bheil dad sam bith aig a bheil gràin Iehòbha air?

  • Cuin? A bheil e a’ toirt ùine air falbh bho rudan a tha nas cudromaiche?

  • Cò? A bheil an cur-seachad seo a’ ciallachadh gu bheil mi a’ cosg tòrr ùine le iad aig nach eil gràdh airson Iehòbha?

Tha e nas sàbhailte a bhith fuireach fada air falbh bho cunnartan. Tha seo an adhbhar am bu chòir dhuinn a fuireach fada air falbh bho cur-seachadan a tha sinn a’ faireachdainn nach eil math dhuinn

4. Cleachd an ùine agad ann an dòigh glic

Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ged nach robh am bràthair sa bhidio a coimhead air dad sam bith dona, dè bhuaidh an robh na cur-seachadan aige a’ toirt air?

Leugh Philipianaich 1:​10, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar is urrainn an rann seo gar cuideachadh co-dhùnaidhean a dhèanamh mu dè cho mhòr ùine is a tha sinn a’ cosg air cur-seachadan?

5. Tagh cur-seachadan glana

Ged a tha cur-seachadan ann nach eil Iehòbha toilichte leis, tha mòran rudan tlachdmhor ann is urrainn dhuinn a’ dhèanamh. Leugh Eclesiastes 8:​15 agus Philipianaich 4:​8, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Dè seòrsa cur-seachadan glana a tha thusa measail air?

Faodaidh cur-seachadan glana a bhith tlachdmhor

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil dad sam bith ceàrr le coimhead air meadhanan a tha nochdadh fòirneart, mì-mhoraltachd, no diabhlaidheachd cho fad ’s nach eil mise a’ dèanamh na rudan seo.”

  • Dè chanas tu?

GEÀRR-IOMRADH

Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi sinn a’ taghadh agus a’ còrdadh cur-seachadan glana.

Ath-sgrùdadh

  • Dè seòrsa cur-seachadan am bu chòir Crìostaidhean a seachnadh?

  • Carson am bu chòir dhuinn a bhith faiceallach mun ùine a tha sinn a’ cosg air ar cur-seachadan?

  • Carson a tha thusa ag iarraidh co-dhùnaidhean a dèanamh a bhios Iehòbha a’ toileachadh?

Amas

RANNSAICH

Saoil air cò aig a tha an dleastanas ar cur-seachadan a thaghadh.

“Do Jehovah’s Witnesses Ban Certain Movies, Books, or Songs?” (Artaigil-lìn)

Faic ciamar is urrainn dhut co-dhùnaidhean matha a dhèanamh a thaobh do chur-seachadan.

“Is Your Recreation Beneficial?” (The Watchtower, October 15, 2011)

San sgeulachd “I Even Overcame My Prejudice,” faic carson a dh’atharraich aon fhear na cur-seachadan aige.

“The Bible Changes Lives” (The Watchtower, February 1, 2010)

Faic ciamar a tha aon mhàthair a’ dèanamh co-dhùnadh glic a rèir prògraman a tha nochdadh sgeulachdan mun saoghal spioradail.

Avoid Entertainment That Features Spiritism (2:​02)