Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 54

An Ròl “na Sheirbheiseach Dìleas agus Glic”

An Ròl “na Sheirbheiseach Dìleas agus Glic”

’S e Ìosa na Cheannard a’ cho-thionail Crìostail. (Ephèsianaich 5:​23) An-diugh, bhon suidheachadh ann an nèamh, bidh Ìosa a’ stiùireadh an luchd-leantainn aige tro “na sheirbheiseach dìleas agus glic.” (Leugh Mata 24:45.) Tha Ìosa air a thoirt an dreuchd seo dhan “sheirbheiseach”, a’ ciallachadh gum bi ìre ùghdarrais aige ach bidh iad fhathast na sheirbheiseach de Chrìost agus bidh e a’ frithealadh bràithrean Crìost. Cò th’ ann an seirbheiseach seo? Agus ciamar a bhios e a’ coimhead às ar dèidh?

1. Cò th’ ann “na sheirbheiseach dìleas agus glic”?

Tha Iehòbha an-còmhnaidh air cleachdadh fear no buidheann beag de fir gus an daoine aige a threòrachadh. (Malachi 2:7; Eabhraich 1:1) Às dèidh a’ bhàis Ìosa, ghabh na h-abstolan is na h-èildearan an stiùir. (Gnìomhan 15:2) A’ leantainn a’ phàtrain sin, an-diugh bidh buidheann beag de h-eildearan​—am Bòrd-Stiùiridh de Fianaisean Iehòbha​—a’ toirt seachad biadh spioradail agus an obair searmonachaidh a stiùireadh. ’S e am buidheann seo “na sheirbheiseach dìleas agus glic a chuir a mhaighstir [Ìosa] os cionn seirbheisich a thaighe.” (Mata 24:45a) Tha a h-uile ball a’ Bhùird-Stiùiridh air a bhith ungte leis an spiorad naomh, agus tha iad a’ coimhead air adhart ris a bhith còmhla ri Crìost san Rìoghachd nèimh nuair a tha am beatha aca air an t-saoghal crìochnaichte.

2. Dè am biadh spioradail a bhios an seirbheiseach dìleas a’ toirt seachad?

Thuirt Ìosa gum bi na sheirbheiseach dìleas “a thoirt am bìdh dhaibh [co-Chrìostaidean] aig an àm cheart.” (Mata 24:45b) Dìreach mar a tha am biadh a tha sinn ag ithe gar cuideachadh a bhith slàn agus làidir ann an dòigh fiosaigeach, bidh biadh spioradail​—teagasg bho Facal Dhè​—a’ toirt dhuinn an neart a dhìth oirnn gus a bhith umhail do Iehòbha agus a’ dèanamh na h-obrach a thug Ìosa dhuinn. (1 Timòteus 4:6) Bidh sinn a’ faighinn am biadh spioradail seo tro ar coinneamhan, mòr-chruinneachaidhean, agus co-chruinneachaidhean, cuideachd tro foillseachain a tha bunaichte air a’ Bhìoball agus bhidioan a tha gar cuideachadh miann Dhè a thuigsinn gus ar càirdeas leis a neartachadh.

IONNSAICH TUILLEADH

Faic carson a tha feum oirnn airson “na sheirbheiseach dìleas agus glic”​—am Bòrd-Stiùiridh.

Bidh am Bòrd-Stiùiridh a’ toirt bìdh spioradail, stiùiridh, agus cuideachais pragtaigeach airson Fianaisean Iehòbha air feadh an t-saoghail

3. Feumaidh muinntir Iehòbha a bhith eagraichte

Bhon stiùireadh Ìosa, bidh am Bòrd-Stiùiridh a’ cur air dòigh an obair aig Fianaisean Iehòbha. Bha rèite coltach ri seo aig na Crìostaidhean air tùs. Cluich am BHIDIO.

Leugh 1 Corintianaich 14:​33, 40, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a bhios na rannan seo a’ sealltainn gu bheil Iehòbha ag iarraidh gum bi na Fianaisean aige eagraichte?

4. Bidh an seirbheiseach dìleas a’ cur na h-obrach searmonachaidh air dòigh

Bha searmonachadh an obair as cudromaiche a rinn na Crìostaidhean air tùs. Leugh Gnìomhan 8:​14, 25, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Am measg nan Crìostaidhean air tùs, cò bha a’ stiùireadh na h-obrach searmonachaidh?

  • Ciamar an do fhreagair Peadar agus Eòin don stiùireadh a fhuair iad bhon co-abstolan?

’S e searmonachadh an obair as cudromaiche a tha am Bòrd-Stiùiridh a’ cur air dòigh. Cluich am BHIDIO.

Chuir Ìosa cuideam air dè cho cudromach is a tha an obair searmonachaidh. Leugh Marcas 13:​10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Carson a tha an obair searmonachaidh cho cudromach do am Bòrd-Stiùiridh?

  • Carson a tha feum oirnn airson “na sheirbheiseach dìleas agus glic” gus an obair chruinneil seo a chur air dòigh?

5. Bidh an seirbheiseach dìleas gar stiùireadh

Bidh am Bòrd-Stiùiridh a’ toirt seachad stiùireadh airson Crìostaidhean air feadh an t-saoghail. Ciamar a bhios e co-dhùnadh dè stiùireadh a tha e a’ toirt seachad? Saoil air ciamar an do rinn am bòrd-stiùiridh sa chiad linn mar seo. Leugh Gnìomhan 15:​1, 2, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè an cuspair a bha adhbhar airson deasbad am measg nan Crìostaidhean air tùs?

  • Càit an deach Pòl, Barnabas, agus feadhainn eile, gus an deasbad seo a rèiteachadh?

Leugh Gnìomhan 15:​12-​18, 23-​29, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Mus co-dhùnadh a dhèanamh, dè rinn am bòrd-stiùiridh air tùs gus comhairle Dhè fhaighinn air an deasbad seo? ​—Faic rannan 1215, agus 28.

Leugh Gnìomhan 15:​30, 31 agus 16:​4, 5, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar an do fhreagair na Crìostaidhean air tùs dhan stiùireadh a fhuair iad bho am bòrd-stiùiridh?

  • Ciamar an do bheannaich Iehòbha an ùmhlachd aca?

Leugh 2 Timòteus 3:​16 agus Sheumais 1:​5, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Càit am bi am Bòrd-Stiùiridh a’ coimhead airson stiùiridh san latha an-diugh?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Ma tha thu ag èisteachd ris am Bòrd-Stiùiridh, tha thu dìreach a’ leantainn dhaoine.”

  • Dè tha a’ dearbhadh dhutsa gu bheil Ìosa a’ stiùireadh a’ Bhùird-Stiùiridh?

GEÀRR-IOMRADH

’S e am Bòrd-Stiùiridh a th’ ann “na sheirbheiseach dìleas agus glic” tha Ìosa air a chur san dreuchd seo. Bidh e a’ toirt seachad stiùiridh agus biadh spioradail gu Crìostaidhean air feadh an t-saoghail.

Ath-sgrùdadh

  • Cò chuir “na sheirbheiseach dìleas agus glic” anns an ròl seo?

  • Ciamar a bhios am Bòrd-Stiùiridh a’ coimhead às ar dèidh?

  • A bheil thusa a’ creidsinn gu bheil am Bòrd-Stiùiridh “na sheirbheiseach dìleas agus glic”?

Amas

RANNSAICH

Faic ciamar a tha am Bòrd-Stiùiridh eagraichte gus an obair aige a dhèanamh.

“What Is the Governing Body of Jehovah’s Witnesses?” (Artaigil-lìn)

Ionnsaich ciamar a tha am Bòrd-Stiùiridh a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ faighinn biadh spioradail a tha earbsach.

Producing Accurate Publications (17:18)

Ciamar a bhios na buill a’ Bhùird-Stiùiridh a’ faireachdainn mun obair a thug Ìosa dhaibh?

A Cherished Privilege (7:​04)

Ciamar a bhios ar coinneamhan agus co-chruinneachaidhean a’ dearbhadh gu bheil Iehòbha a’ stiùireadh a’ Bhùird-Stiùiridh?

Jehovah Is Teaching His People (9:​39)