Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 56

Glèidh Aonachd san Co-thional

Glèidh Aonachd san Co-thional

Nuair a tha sinn am measg ar co luchd-adhraidh, bidh sinn a’ faireachdainn mar Rìgh Dhaibhidh nuair a thuirt e: “Feuch, cia math agus cia taitneach an nì do bhràithrean còmhnaidh a ghabhail cuideachd ann an aonachd!” (Salm 133:1) Chan eil ar aonachd a’ tighinn le tuiteamas. Tha feum oirnn uile a cur ris an aonachd seo.

1. Dè tha iongantach mun mhuinntir Dhè?

Ma tha thu a’ frithealadh coinneimh co-thionail ann an dùthaich eile, ’s dòcha nach bi thu a’ tuigsinn a’ chànain, ach ann an iomadh dòigh, bidh thu a’ faireachdainn cofhurtail. Carson? Oir bidh sinn a’ sgrùdadh a’ Bhiobaill le cleachdadh a h-aon fhoillseachan sa h-uile àite. Agus bidh sinn a’ feuchainn gràdh a shealltainn ri càch a chèile. Ge be sinn a’ fuireach, bidh sinn uile “gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn.”​—Sephaniah 3:9.

2. Ciamar as urrainn dhut aonachd ag àrdachadh?

“Gràdhaichibh a chèile dha-rìribh, à cridhe glan.” (1 Peadar 1:​22) Ciamar as urrainn dhuinn a’ chomhairle seo a chur ann an gnìomh? A dh’aindeoin a bhith a’ smaoineachadh air na laigsinnean aig feadhainn èile, coimhead a-mach airson nan deagh-bhuadhan aca. An àite a bhith a’ cur seachad ùine a-mhàin le iad aig a bheil a h-aon ùidh a th’ agadsa, feuch a fàs eòlach air bràithrean is peathraichean a tha eadar-dhealaichte bhuat. Cuideachd, ’s dòcha gum bi feum againn a geàrradh às faireachdainnean de chlaoin-bhreithe sam bith.​—Leugh 1 Peadar 2:​17. a

3. Dè nì thu ma tha eas-aonta agad le Crìostaidh eile?

Tha sinn aonaichte, ach cuideachd, tha sinn neo-fhoirfe. Aig amannan bidh sinn a‘ briseadh an dùil aig feadhainn eile agus a’ gortachadh nan faireachdainnean aig feadhainn eile. Mar sin, tha Am Facal Dhè ag innse “ma mhathas sibh am peacaidhean do dhaoine eile, mathaidh ur n-Athair nèamhaidh sibhse cuideachd.” (Leugh Mata 6:​14.) Tha sinn air goirteachadh nan faireachdainnean Iehòbha amannan gun àireamh, ach fhathast bidh e a’ toirt mathanas dhuinn. Mar sin, tha dùil aige gum bi sinn a’ toirt seachad mathanas gu ar bràithrean. Ma tha thusa air goirteachadh cuideigin eile, gabh ort fhèin cùisean a’ rèiteachadh.​—Leugh Mata 5:​23, 24. b

IONNSAICH TUILLEADH

Coimhead a-mach airson dòighean is urrainn dhut a cur ris dhan aonachd agus sìth den cho-thionail.

Dè nì thu gus sìth a dhèanamh?

4. Ceannsaich claoin-bhreith

Tha sinn uile ag iarraidh gràdh a sealltainn do bràithrean. Ach ’s dòcha aig amannan bidh strì againn a’ gabhail ri cuideigin a tha eadar-dhealaichte bhuainn. Dè as urrainn gar cuideachadh? Leugh Gnìomhan 10:​34, 35, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Bidh Iehòbha a’ gabhail ris mar Fhianaisean aige iomadh seòrsa dhaoine. Dè seòrsa buaidh as urrainn dhut a dhèanamh air do bheachd a thaobh feadhainn eile a tha eadar-dhealaichte bhuat?

  • Dè seòrsa claoin-bhreith a tha cumanta far a bheil thu a’ fuireach agus tha thusa ag iarraidh a seachnadh?

Leugh 2 Corintianaich 6:​11-​13, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Nad bheachdsa, ciamar as urrainn dhut a’ fàs nas teinne ri bràithrean agus peathraichean a tha eadar-dhealaichte bhuat?

5. Thoir mathanas dha chèile agus dèan sìth

Bidh Iehòbha a’ toirt seachad mathanas dhuinn ann an dòigh fosgailte ged nach eil feum aige air ar mathanas a-riamh. Leugh Isaiah 55:​7, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè cho mòr ’s a tha mathanas Iehòbha?

  • Carson a tha thusa taingeil airson a’ mhathanais aige?

  • Ann an dè suidheachaidhean an urrainn dha a bhith duilich dhuinn a’ fanadh aonaichte le feadhainn eile?

Ciamar as urrainn dhuinn a bhith mar Iehòbha agus a bhith aonaichte le ar bràithrean agus peathraichean? Leugh Gnàth-fhacal 19:​11, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Nuair a tha cuideigin a’ cur dragh ort, dè as urrainn dhut a dhèanamh gus an suidheachadh a dhèanamh nas fheàrr?

Uaireannan bidh sinn a’ cur dragh air feadhainn eile. Ma tha seo a’ tachairt, dè am bu chòir dhuinn a dhèanamh? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Anns a’ bhidio, dè rinn a’ phiuthar gus sìth a dhèanamh?

6. Coimhead a-mach airson maith anns do bhràithrean is pheathraichean

Nuair a tha sinn a’ fàs nas dlùithe ri ar bràithrean is peathraichean, bidh sinn a fàs eòlach air na neartan agus na laigsinnean aca. Ciamar as urrainn dhuinn a cur ar fòcas air na neartan aca? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Dè as urrainn gad chuideachadh na buadhan matha aig na bràithrean is peathraichean fhaicinn?

Bidh Iehòbha a’ cur am fòcas air na buadhan matha againne. Leugh 2 Eachdraidh 16:9a, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn leis an fhios gu bheil Iehòbha a’ cur am fòcas aige air na buadhan matha agadsa?

Tha fiù ’s lochdan aig daoimean brèagha, ach tha e fhathast luachmhor. San aon dhòigh, tha a h-uile bràthair is piuthar neo-fhoirfe, ach tha iad luachmhor do Iehòbha

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Feumaidh cuideigin ag obair airson mo mhathanas.”

  • Carson am bu chòir dhuinn a bhith deònach mathanas a toirt seachad do fheadhainn eile?

GEÀRR-IOMRADH

Faodaidh tu a cur ris an aonachd anns a cho-thional le mathanas a toirt seachad agus gràdh a sealltainn airson do bhràithrean is pheathraichean uile.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar as urrainn dhut a cheannsachadh claoin-bhreith?

  • Dè nì thu ma tha thu a’ tuiteam a-mach le co-Chrìostaidh eile?

  • Carson a tha thusa ag iarraidh a bhith mar Iehòbha le mathanas a thoirt seachad?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich ciamar is urrainn aon dè na dealbhan aig Ìosa gar cuideachadh a seachnadh breith a thoirt air feadhainn eile.

Remove the Rafter (6:​56)

Am bu chòir dhuinn leisgeul a dhèanamh fiù ’s ma bhios sinn a’ faireachdainn nach do rinn sinn dad sam bith ceàrr?

“Apologizing​—A Key to Making Peace” (The Watchtower, November 1, 2002)

Faic ciamar an do dh’ionnsaich cuid a dèiligeadh le feadhainn eile ann an dòigh gun leth-bhreith.

Do Not Judge by Outward Appearance (5:​06)

Saoil air dòighean is urrainn dhut a dèiligeadh le strìthean pearsanta mus cuireadh iad dragh air sìth a’ cho-thionail.

“Settle Differences in a Spirit of Love” (The Watchtower, May 2016)

a Tha Nòta-deiridh 6 a’ meòrachadh air ciamar a tha gràdh a’ gluasad Crìostaidhean gu seachnadh galaran gabhaltach a sgaoileadh .

b Tha Nòta-deiridh 7 a’ bruidhinn air ciamar a rèiticheas sinn cùisean gnìomhachais agus lagh.