Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 57

Dè ma Nì Thu Peacadh Trom?

Dè ma Nì Thu Peacadh Trom?

Ged a tha gràdh mòr agad air Iehòbha agus a’ dèanamh do dhìcheall gus seachnadh rudan a tha a’ goirteachadh nan faireachdainnean aige, bho àm gu àm nì thu mearachdan. Tha cuid de pheacaidhean nas truime na feadhainn eile, ge-tà. (1 Corintianaich 6:​9, 10) Ma nì thu peacadh mòr, cùm nad chuimhne gu bheil gràdh aig Iehòbha fhathast ort; tha e deònach mathanas agus cuideachas a toirt seachad dhut.

1. Dè dh’fheumas sinn a dhèanamh gus mathanas Iehòbha fhaighinn?

Nuair a dh’aithneachas daoine aig a tha gràdh airson Iehòbha gun do rinn iad peacadh trom, tha iad làn bhròn. Ach, bidh iad a’ lorg cofhuirt ann an gealladh Iehòbha don mhuinntir aige: “Ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd.” (Isaiah 1:​18) Ma nì sinn aithreachas bho ar cridhe, bheir Iehòbha mathanas seachad gu tur. Ciamar a nì sinn aithreachas, ge-tà? Nuair a tha sinn fìor dhuilich mu na tha sinn air dèanamh, bidh sinn a’ cur stad air na tha dona, a’ guidhe mathanais air Iehòbha. Às dèidh seo, bidh sinn ag obair gu cruaidh gus atharrachadh nan smaointean no beusan a bha leantainn gu ar peacadh agus a’ feuchainn a bhith beò a rèir ìrean glana Iehòbha.​—Leugh Isaiah 55:​6, 7.

2. Ciamar a bhios Iehòbha a’ cleachdadh na h-èildearan airson gar cuideachadh às dèidh peacaidh?

Ma nì sinn peacadh trom, tha Iehòbha ag innse dhuinn “cuireadh e fios air èildearan na h-eaglaise.” (Leugh Sheumais 5:​14, 15.) Tha gràdh aig na fir seo airson Iehòbha agus nan caoraich aige. Tha iad comasach air teagaisg agus bidh iad gar cuideachadh ar dàimh a chàradh le Iehòbha.​—Galàtianaich 6:1.

Ciamar a bhios na h-èildearan gar cuideachadh ma nì sinn peacadh trom? Bidh dithis no triùir èildearan gar ceartachadh le comhairle a’ Bhìobaill. Cuideachd, bidh iad a’ toirt dhuinn molaidhean pragtaigeach agus brosnachadh a bhios gar cuideachadh, airson seachnadh peacadh a-rithist. Airson an co-thional a dhìon bho buadhan cronail, bidh na h-èildearan a’ cur air falbh neach sam bith a tha air dèanamh peacadh trom agus a tha neo-aithreachail.

IONNSAICH TUILLEADH

Feuch ri thuigsinn nas fheàrr agus a bhith taingeil airson a’ chuideachais a tha Iehòbha a’ toirt dhuinn ma nì sinn peacadh mòr.

3. Bidh aideachadh gar cuideachadh a fàs slàn ann an dòigh spioradail

Tha peacadh sam bith a’ gortachadh nan faireachdainnean Iehòbha, mar sin, bidh sinn ag aideachadh dha. Leugh Salm 32:​1-5, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Carson a tha e math dhuinn a bhith ag aideachadh ar peacaidhean do Iehòbha a dh’aindeoin a feuchainn gan cumail falaichte?

Nuair a tha sinn a’ faighneachd nan èildearan airson chuideachais, às dèidh aideachaidh ar peacaidhean do Iehòbha, bidh sinn a’ faireachdainn fada nas fheàrr. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist a leanas.

  • Sa bhidio, ciamar an do chuidich na h-èildearan Canon ri thilleadh do Iehòbha?

Feumaidh sinn a bhith onarach agus fosgailte ris na h-èildearan; tha iad ag iarraidh gar cuideachadh. Leugh Sheumais 5:16, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Carson a tha e nas fhasa do na h-èildearan cuideachas a thoirt seachad dhuinn nuair a tha sinn onarach?

Aidich do pheacadh, bidh onarach ris na h-èildearan, agus gabh ris an cuideachadh gràdhach bho Iehòbha

4. Bidh Iehòbha a’ sealltainn tròcair do pheacaich

Ma tha cuideigin air a dèanamh peacadh trom, agus chan eil e ag iarraidh a leantainn ìrean Iehòbha le ceann làidir, tha e air cur air falbh bhon co-thional. Cha bhi sinn ann an comann leis gu sòisealta. Leugh 1 Corintianaich 5:​6, 11, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Dìreach mar a tha beagan de thaois a’ toirt buaidh air a’ chnap gu lèir, dè seòrsa buaidh air a’ cho-thional a bheireas ùine sòisealta a chur seachad le peacach neo-aithreachail?

Dìreach mar a tha Iehòbha a’ sealltainn tròcair do pheacaich neo-fhoirfe, bidh èildearan a dlùthachadh is cuideachadh iad a bha air cur air falbh bhon co-thional. Tha mòran a bha air an cur air falbh bhon co-thional air tilleadh oir ged a bha an ceartachadh duilich aig an àm, chuidich e iad ag aithneachadh dè bha ceàrr.​—Salm 141:5

Ciamar a tha an dòigh a tha Iehòbha a’ dèiligeadh ri pheacaich a sealltainn gu bheil e reusanta, tròcaireach agus gràdhach?

5. Bidh Iehòbha a’ toirt mathanais dhuinn nuair a nì sinn aithreachas

Chleachd Ìosa dealbh a tha gar cuideachadh a thuigsinn ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn nuair a dh’aithreachas cuideigin. Leugh Lùcas 15:​1-7, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Dè tha seo ag innse dhut mu dheidhinn Iehòbha?

Leugh Eseciel 33:​11, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Carson a tha e cudromach a sealltainn gu bheil sinn fìor dhuilich?

Mar bhuachaille, tha gràdh mòr aig Iehòbha airson nan caoraich

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha eagal orm ma dh’innis mi dhan h-èildearan mu dheidhinn mo mhearachd gun cuir iad mi air falbh bhon co-thional.”

  • Dè chanas tu ri cuideigin a tha a’ faireachdainn mar seo?

GEÀRR-IOMRADH

Ma nì sinn peacadh trom agus tha sinn duilich o chridhe agus a’ dèanamh ar dìcheall a sgur na tha dona, bidh Iehòbha a’ toirt mathanais dhuinn.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha e math dhuinn a bhith ag aideachadh ar peacaidhean do Iehòbha?

  • Dè dh’fheumas sinn a dhèanamh gus mathanas fhaighinn airson ar peacaidhean?

  • Ma nì sinn peacadh trom, carson am bu chòir dhuinn cuideachas fhaighinn bho na h-èildearan?

Amas

RANNSAICH

Faic ciamar an do sheall Iehòbha an sèorsa tròcair a tha ri lorg ann an Isaiah 1:​18 gu fir.

Never Doubt Jehovah’s Mercy (5:​02)

Ciamar a tha na h-èildearan a’ feuchainn gus cuideachadh a thoirt do iad a tha a’ dèanamh peacadh trom?

“Responding to Sin With Love and Mercy” (The Watchtower, August 2024)

Saoil air ciamar a tha gràdh agus tròcair air an sealltainn do pheacaich neo-aithreachail.

“Help for Those Who Are Removed From the Congregation” (The Watchtower, August 2024)

San sgeulachd “I needed to Return to Jehovah,” ionnsaich carson a bha duine, a chaidh air falbh bhon fhìrinn, a’ faireachdainn gun do tharraing Iehòbha air ais e.

“The Bible Changes Lives” (The Watchtower, April 1, 2012)