LEASAN 58
Fan Dìleas do Iehòbha
Tha fìor-Chrìostaidhean dìcheallach nach bi dad no duine sam bith a’ cur stad air an adhradh aca do Iehòbha. ’S ann a tha thusa a’ faireachdainn, gun teagamh. Agus tha Iehòbha a’ cur luach air do dhìlseachd. (Leugh 1 Eachdraidh 28:9.) Dè suidheachaidhean as urrainn deuchainnean a dhèanamh air do dhilseachd, agus dè as urrainn dhut a dèanamh man deidhinn?
1. Ciamar as urrainn feadhainn eile deuchainn a chur air ar dìlseachd do Iehòbha?
Bidh cuid de dhaoine a’ feuchainn ri stad a chur air ar adhradh do Iehòbha. Cò dhèanadh a leithid sin? Tha cuid ann a tha an fhìrinn air fhàgail a tha ag innse breugan mun buidheann Iehòbha airson ar creideamh a sgriosadh. Tha iad air ainmeachadh taodhairean. Cuideachd, aig amannan bidh ceannardan cràbhach a’ sgaoileadh fiosrachaidh fallsa mar deidhinn agus tha am fiosrachadh seo as coireach airson feadhainn an fhìrinn fhàgail. ’S e rud cunnartach a th’ ann ag argamaid leotha a tha gu tur nar aghaidh, no a’ leughadh na leabhraichean agus blogaichean aca, no a’ tadhal air nan làraichean-lìn, no a’ coimhead air na bhidioan aca. A rèir iad a tha a’ feuchainn a chur feadhainn eile às Iehòbha a’ frithealadh, thuirt Ìosa: “Leigibh leotha, is e luchd-treòrachaidh dhall dhe na doill a th’ annta. Agus ma threòraicheas dall dall eile, tuitidh an dithis aca a-steach do chlais.”—Mata 15:14.
2. Dè co-dhùnaidhean pearsanta as urrainn deuchainn a chur air ar dìlseachd do Iehòbha?
Bidh ar gràdh airson Iehòbha gar gluasad a seachnadh dad sam bith a tha an sàs le creideamh fallsa. Cha bu chòir ar n-obair no na buidhnean a tha sinn pàirt dheth no gnìomh sam bith a bhith ceangailte ri creideamh fallsa. Tha Iehòbha a’ toirt an rabhadh seo dhuinn: “Thigibh a-mach uaipe [Bàbilon Mhòr], mo shluagh.”—Taisbeanadh 18:2, 4.
IONNSAICH TUILLEADH
Ionnsaich ciamar is urrainn dhut stad a chur air duine sam bith a feuchainn do dhìlseachd do Iehòbha a lagachadh. Cuideachd, faic ciamar is urrainn dhut do dhìlseachd a sealltainn le bhith tighinn a-mach à Bàbilon Mhòr.
3. Thoir an aire air tidsearan fallsa
Dè bu chòir dhuinn a dhèanamh ma chluinneas sinn droch rudan mun buidheann Iehòbha? Leugh Gnàth-fhacal 14:15, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
-
Carson a tha sinn faiceallach nach bi sinn a’ creidsinn a h-uile sìon a chluinneas sinn?
Leugh 2 Eòin 9-11, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:
-
Ciamar am bu chòir dhuinn dèiligeadh ri taodhairean?
-
Ged nach bi sinn a’ bruidhinn gu dìreach ri taodhairean, ciamar as urrainn na teagaisgean aca a toirt buaidh oirnn?
-
Nad bheachdsa, ciamar a bhios Iehòbha a’ faireachdainn nan robh sinn ag èisteachd ri droch rudan ma dheidhinn no am buidheann aige?
4. Fan dìleas do Iehòbha nuair a tha bràthair a’ peacadh
Ma gheibheadh sinn a-mach gun do rinn cuideigin san co-thionail peacadh trom, dè am bu chòir dhuinn a dhèanamh? Saoil air am prionnsabal seo mun Lagh Dhè gu Israel aosmhor. Leugh Lebhiticus 5:1.
Mar a dh’iarr an rann seo, ma dh’ionnsaicheas sinn gu bheil cuideigin peacadh mòr air dèanamh, bu chòir dhuinn ag innse dhan èildearan na tha fios againn. Ach ro sin a dhèanamh, ’s e rud coibhneil a th’ ann an duine a pheacaich a bhrosnachadh gun tèid e, e fhèin, dhan èildearan agus a pheacadh ag aideachadh. Mura h-eil e seo a dhèanamh, bidh ar dìlseachd do Iehòbha gar gluasad a dhol dhan èildearan agus innse dhaibh dè am fios a th’ againn. Ciamar a tha seo a’ sealltainn gràdh dìleas airson . . .
-
Dia Iehòbha?
-
an neach a tha air dèanamh peacadh trom?
-
feadhainn eile san co-thional?
5. Cùm a-mach bho Bàbilon Mhòr
Leugh Lùcas 4:8 agus Taisbeanadh 18:4, 5, agus an uairsin freagair na ceistean seo:
-
A bheil m’ ainm fhathast air clàr de chreideamh fallsa?
-
A bheil mi nam phàirt de bhuidheann a tha ceangailte ri creideamh eile?
-
A bheil m’ obair a’ toirt taic ri creideamh fallsa ann an dòigh sam bith?
-
A bheil àiteachan eile nam bheatha far a bheil dhìth orm a sgaradh bho chreideamh fallsa?
-
Ma dh’fhreagair mi gu dearbh gu ceist sam bith, dè atharraidhean am bu chòir dhomh a dhèanamh?
Sa h-uile chùis, dèan co-dhùnadh a tha gad fhàgail le cogais glan agus a sealltainn do dhìlseachd do Iehòbha.
THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha feum orm faighinn a-mach na tha taodhairean ag ràdh mu Fhianaisean Iehòbha gus urrainn dhomh an fhìrinn a dhìon.”
-
A bheil seo glic? Carson, no carson nach eil?
GEÀRR-IOMRADH
Airson a’ fanadh dìleas do Iehòbha, feumaidh sinn seachnadh ùine a cur seachad ri iad a tha a’ feuchainn gar mealladh.
Ath-sgrùdadh
-
Carson nach bu chòir dhuinn ag èisteachd ri na beachdan aig taodhairean?
-
Ma gheibheadh sinn a-mach gu bheil ar bràthair air dèanamh peacadh trom, dè am bu chòir dhuinn a dhèanamh?
-
Ciamar as urrainn dhuinn ag èisteachd ris an rabhadh airson teicheadh bho chreideamh fallsa?
RANNSAICH
Ionnsaich dè bu chòir dhut a dhèanamh nuair a tha feadhainn eile a’ sgaoileadh fiosrachaidh fallsa mu dheidhinn Fhianaisean Iehòbha.
Ciamar a dh’aithneachas tu buidhnean no gnìomhan a tha toirt taic do Bhàbilon Mhòr?
“Keep Busy During the Last of ‘the Last Days’” (The Watchtower, October 2019, paragraphs 16-18)
Dè tha cuid a tha ar n-aghaidh air dèanamh gus ar creideimh a lagachadh?
San sgeulachd “I Had Been Looking for God Since Childhood,” leugh mu shagairt Shinto a bhris air falbh bho chreideamh fallsa.