LEASAN 59
Le Cinnt Is Urrainn Dhut Seasamh an Aghaidh Geur-leanmhainn
Luaithe no maille, bidh daoine an aghaidh gach Crìostaidh, fiù ’s a’ dèanamh geur-leanmhainn oirnn. Am bu chòir sin a cur eagal oirnn?
1. Carson a tha dùil againn gum faigh sinn geur-leanmhainn?
Tha Am Bìoball ag ràdh gu soilleir: “Bidh iadsan uile a tha ag iarraidh a bhith beò gu diadhaidh ann an Crìosd Ìosa air an geur-leanmhainn cuideachd.” (2 Timòteus 3:12) Bha Ìosa tighinn an aghaidh geur-leanmhainn oir cha robh e pàirt den t-saoghal Sàtain. San aon dhòigh chan eil sinne pàirt den t-saoghal, mar sin chan eil iongnadh oirnn nuair a tha sinn a’ faighinn geur-leanmhainn bhon riaghaltasan an t-saoghail seo no buidhnean cràbhach.—Eòin 15:18, 19.
2. Ciamar as urrainn dhuinn ag ullachadh airson geur-leanmhainn?
Feumaidh sinn earbsa ann an Iehòbha a neartachadh an-dràsta. A h-uile latha, lorg ùine airson ùrnaigh dha agus leughadh pàirt den Fhacal-sa. Fritheil coinneamhan co-thionail gu cunbhalach. Bidh na gnìomhan seo a’ toirt an neart a tha feum ort airson a seasamh an aghaidh geur-leanmhainn le misneachd, fiù ’s ma tha e a’ tighinn bho do theaghlach. Sgrìobh an Abstol Pòl, a fhuair geur-leanmhainn gu tric: “’S e an Tighearna m’ fhear-cuideachaidh; cha bhi eagal orm.”—Eabhraich 13:6.
Cuideachd, faodaidh sinn ar misneachd a thogail le bhith searmonachadh gu cunbhalach. Nuair a tha sinn a’ searmonachadh tha sinn ag ionnsachadh ar misneachd a chur ann an Iehòbha agus a’ ceannsachadh eagal duine. (Gnàth-fhacal 29:25) Ma leasaicheas tu misneachd a searmonachadh an-dràsta, bidh thu gu math deiseil airson a chumail searmonachadh fiù ’s ma tha an riaghaltas a bacadh ar obair.—1 Tesalònianaich 2:2.
3. Ciamar a tha sinn a’ buannachadh le seasamh an aghaidh geur-leanmhainn?
Gu dearbh, chan eil tlachdmhor a th’ ann nuair a gheibheadh sinn geur-leanmhainn, ach nuair a seasamh sinn an aghaidh geur-leanmhainn gu soirbheachail, bidh ar creideamh a’ fas nas làidire. Bidh sinn a’ fas nas dlùithe ri Iehòbha oir bidh sinn a’ faireachdainn an cuideachas aige nuair a tha sinn a’ faireachdainn nach eil neart againn air fhàgail. (Leugh Sheumais 1:2-4.) Tha e a’ goirteachadh nan faireachdainnean Iehòbha nuair a tha e a’ faicinn gu bheil sinn ann an strì, ach tha e toilichte nuair a tha e a’ faicinn gu bheil sinn a’ seasamh na h-aghaidh. Tha Am Bìobaill ag ràdh: “Ach ma dh’fhulaingeas sibh le foighidinn airson maith a dhèanamh, tha seo ri mholadh mu choinneamh Dhè.” (1 Peadar 2:20) ’S e beatha shìorraidh ann an saoghal saor bho neach sam bith an aghaidh adhraidh fìor an duais a bheir Iehòbha don a h-uile duine a tha seasamh le dìlseachd.—Mata 24:13.
IONNSAICH TUILLEADH
Ionnsaich carson a tha e comasach agus fochlasach a chumail dìleas do Iehòbha a dh’aindeoin geur-leanmhainn.
4. Faodaidh tu fulang dùbhlain bho theaglach
Ann an dòigh gu math pragtaigeach dh’aithnich Ìosa ’s dòcha nach biodh ar teaghlach a’ toirt taic ri ar co-dhùnaidhean gus Iehòbha a fhrithealadh. Leugh Mata 10:34-36, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:
-
Dè dh’fhaodadh a tachairt nuair a tha cuideigin san teaghlach ag iarraidh a frithealadh Iehòbha?
Faic eisimpleir de seo, cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist a leanas.
-
Dè nì thu nan robh cuideigin san teaghlach no caraid a feuchainn ri stad a chur ort bho Iehòbha a frithealadh?
Leugh Salm 27:10 agus Marcas 10:29,30. Às dèidh gach sgriobtar a leughadh, bruidhinn mun a’ cheist seo:
-
Ciamar as urrainn an gealladh seo gad chuideachadh a seasamh an aghaidh dùbhlain bho teaghlach no caraidean?
5. Cùm ort ann an Iehòbha ag adhradh a dh’aindeoin geur-leanmhainn
Tha feum oirnn air misneachd airson Iehòbha a frithealadh nuair a tha feadhainn eile a’ feuchainn bacadh a chur oirnn bho sin a dhèanamh. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.
-
Ciamar a tha na h-eisimpleirean anns a’ bhidio seo a’ toirt misneachd dhut?
Leugh Gnìomhan 5:27-29 agus Eabhraich 10:24, 25. Às dèidh gach sgriobtar a leughadh, bruidhinn mun a’ cheist seo:
-
Carson a tha e cho cudromach gun cùmadh sinn oirnn Iehòbha ag adhradh, fiù ’s ma tha an riaghaltas air bacadh ar n-obair shearmonachaidh no coinneamhan?
6. Cuidichidh Iehòbha thu geur-leanmhainn a ghiùlain
Tha Fianaisean Iehòbha de iomadh dòigh beatha agus aois air a bhith dìleas do Iehòbha a dh’aindeoin geur-leanmhainn. Airson faicinn dè chuidich iad, cluich am BHIDIO. An uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.
-
Sa bhidio, dè chuidich na Fianaisean seo duilgheadasan a ghiùlain?
Leugh Ròmanaich 8:35, 37-39 agus Philipianaich 4:13. Às dèidh gach sgriobtar a leughadh, bruidhinn mun a’ cheist seo:
-
Ciamar a tha an sgriobtar seo a’ sealltainn gun urrainn dhut seasamh an aghaidh duilgheadais sam bith?
Leugh Mata 5:10-12, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
-
Carson as urrainn dhut a bhith sona a dh’aindeoin geur-leanmhainn?
THA FEADHAINN AG RÀDH: “Cha b’ urrainn dhomh seasamh an aghaidh geur-leanmhainn.”
-
Dè sgriobtaran a tha dhìth orra airson misneachd a bhith aca?
GEÀRR-IOMRADH
Airson ga frithealadh, bidh Iehòbha a’ cur luach air an oidhirp againn a dh’aindeoin geur-leanmhainn. Leis an cuideachadh aige, faodaidh sinn seasamh gu soirbheachail!
Ath-sgrùdadh
-
Carson am bu chòir dùil a bhith aig Crìostaidhean air geur-leanmhainn?
-
Dè as urrainn dhut a dhèanamh airson a bhith deiseil nuair a tha geur-leanmhainn a’ tighinn ort?
-
Dè as urrainn gad chuideachadh a bhith faireachdainn misneachail Iehòbha a frithealadh a dh’aindeoin duilgheadais sam bith?
RANNSAICH
Faic bràthair òg a’ mìneachadh ciamar an do chuidich Iehòbha e nuair a bha e anns a’ phrìosan oir bha e neodrail.
Saoil dè chuidich aon chàraid phòsta Iehòbha a fhrithealadh airson iomadh bliadhna a dh’aindeoin dùbhlain.
Ionnsaich ciamar is urrainn dhut seasamh an aghaidh geur-leanmhainn le misneachd.
Dè am beachd am bu chòir a bhith againn mu dhùbhlain teaghlaich, agus ciamar as urrainn dhuinn dèiligeadh gu soirbheachail le seo?
“The Truth Brings, ‘Not Peace, But a Sword’” (The Watchtower, October 2017)