Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 60

Cùm Ort Air an t-Slighe Air Adhart

Cùm Ort Air an t-Slighe Air Adhart

Tha thu air moran ag ionnsachadh mu dheidhinn Iehòbha air feadh a’ chùrsa Bhìobaill seo. Air sgàth na rudan a dh’ionnsaich tu, tha gràdh mòr agad air. ’S dòcha gun do rinn thu coisrig dha agus fhuair thu baisteadh. Mura h-eil, ’s dòcha gu bheil thu a’ smaoineachadh mu seo a dhèanamh a dh’aithgheàrr. Ach chan eil do adhartas a’ crìochnachadh aig baisteadh. Faodaidh tu teann nas dlùithe ri Iehòbha gu bràth. Ach, ciamar?

1. Carson am bu chòir dhut a cumail ort do chàirdeas ri Iehòbha a neartachadh?

Feumaidh sinn ag obair gu cruaidh gus ar càirdeas ri Iehòbha a neartachadh. Carson? “Air eagal ’s gun èalaidh sinn air falbh” bhuaithe. (Eabhraich 2:1) Dè as urrain gar cuideachadh gus cumail oirnn Iehòbha a frithealadh gu dìleas? Faodaidh sinn a bhith ag obair trang anns an obair shearmonachaidh agus a coimhead a-mach airson doighean eile ar Dia a fhrithealadh gu dòigheil. (Leugh Philipianaich 3:​16.) ’S e an doigh-beatha as fhèarr a th’ ann nuair a tha sinn a’ frithealadh Iehòbha!​—Salm 84:10.

2. Dè eile am bu chòir dhut a dhèanamh?

Ged a tha an cùrsa Bhìobaill seo a’ tighinn gu crìoch, tha do bheatha mar Chrìostaidh a’ dol air adhart. Tha am Bìoball ag ràdh gu bheil feum ann “an duine ùr” a chur oirnn. (Ephèsianaich 4:​23,24) Le bhith a’ leantainn air adhart Am Bìoball a sgrùdadh agus coinneamhan co-thionail a fhrithealadh, bidh thu ag ionnsachadh rudan ùra mu Iehòbha agus na buadhan aige. Coimhead a-mach airson dòighean gus am pearsanta aige ag atharrais nas dlùithe nad bheatha fhèin. Dèan atharraidhean sam bith gus Iehòbha a thoileachadh.

3. Ciamar a bhios Iehòbha gad chuideachadh airson adhartais a dhèanamh?

Tha Am Bìoball ag ràdh: “nì Dia nan uile ghràs . . . ur coileanadh, ur suidheachadh, ur neartachadh agus ur stèidheachadh.” (1 Peadar 5:​10) Bidh sinn uile a’ tighinn an aghaidh buairinn bho àm gu àm, ach bidh Iehòbha a’ toirt dhuinn dè tha dhìth oirnn gus seasamh nan aghaidh. (Salm 139:​23, 24) Tha e a’ gealladh gum bi e a’ toirt dhuinn a’ mhiann agus a’ chumhachd gus a bhith dìleas dha.​—Leugh Philipianaich 2:​13.

IONNSAICH TUILLEADH

Meòraich air an dòigh a leanas tu air adhart agus ciamar a bhios Iehòbha gad bheannachadh.

4. Cùm ann an èisteachd agus a’ bruidhinn ri do Chàraid as fhèarr

Tha ùrnaigh agus sgrùdadh a’ Bhìobaill air do chuideachadh a bhith nad chàraid Iehòbha. Ciamar as urrainn na gnìomhan sin gad chuideachadh a fàs nas dlùithe ris?

Leugh Salm 62:​8, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Airson do chàirdeas le Iehòbha a neartachadh, ciamar as urrainn dhut do ùrnaighean a leasachadh?

Leugh Salm 1:​2, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  • Airson do chàirdeas le Iehòbha a neartachadh, ciamar as urrainn dhut do leughadh a’ Bhìobaill a leasachadh?

Ciamar as urrainn dhut an cuid as motha fhaighinn às an sgrùdadh pearsanta agad? Airson molaidhean, cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn air na ceistean a leanas.

  •   Dè de na molaidhean as urrainn dhut a cur ann an gnìomh?

  • Dè cuspairean am bu toil leat a sgrùdadh?

5. Suidhich amasan spioradail

Bidh amasan spioradail gad chuideachadh gus adhartas ann am frithealadh Iehòbha a dhèanamh. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist a leanas.

  •   Sa bhidio, ciamar an do bhuannaich Chamshron le bhith stèidheachadh amasan spioradail?

Chan urrainn a h-uile duine a gluasad gu duthaich eile airson shearmonachaidh. Faodaidh sinn uile a stèidheachadh amasan reusanta, ge-tà. Leugh Gnàth-fhacal 21:​5, agus an uairsin smaoinich air dè na h-amasan am bu toil leat a stèidheachadh . . .

  • sa co-thional.

  • sa mhinistrealachd.

Ciamar as urrainn am prionnsabal a tha ri lorg anns an rann seo gad chuideachadh na h-amasan agad a ruigsinn?

Amasan a bhith a’ beachdachadh air

  • Leasaich na h-ùrnaighean agad.

  • Leugh Am Bìoball air fad.

  • Fàs eòlach air a h-uile duine sa co-thional agad.

  • Tòisich agus stiùirich sgrùdadh a’ Bhìobaill.

  • Fritheil mar tùsaire taiceil no tùsaire bitheanta?

  • Ma tha thu nad bhràthair, obair gu dìcheallach gus a bhith nad chò-làmhaiche ministreil.

6. Meal beatha gu bràth!

Leugh Salm 22:​26, agus an uairsin bruidhinn air a’ cheist seo:

  •   Dè as urrainn dhut a dhèanamh airson beatha shona fhaighinn an-dràsta agus gu bràth?

GEÀRR-IOMRADH

Cùm ort do chàirdeas a neartachadh le Iehòbha gus amasan spioradail a stèidheadh. An uairsin, faodaidh tu beatha gu bràth a mhealadh!

Ath-sgrùdadh

  •   Carson as urrainn misneachd a bhith agad gun cuidich Iehòbha thu ga fhrithealadh le dìlseachd?

  •   Ciamar as urrainn dhut do chàirdeas ri Iehòbha a neartachadh?

  •   Ciamar as urrainn amasan spioradail gad chuideachadh adhartas a dhèanamh?

Amas Ùine Fhada

RANNSAICH

Dè bhios Iehòbha a’ cur barrachd luach air, aon ghnìomh mòr crabhach, no a bhith bèo ann an dìlseachd fad do bheatha?

Be Faithful Like Abraham (9:​20)

Fiù ’s bidh seirbheiseach dìleas do Iehòbha a chall aoibhneas aig amannan. Faic ciamar is urrainn dhut ga lorg a-rithist.

Regain Joy Through Study and Meditation (5:​25)

Ciamar as urrainn dhut amasan spioradail a stèidheadh agus gan ruigsinn?

“Use Spiritual Goals to Glorify Your Creator” (The Watchtower, July 15, 2004)

Carson a tha inbheas Crìosdail riatanach, agus ciamar as urrainn dhut ga bhuannachadh?

“Press On to Maturity​—‘The Great Day of Jehovah Is Near’” (The Watchtower, May 15, 2009)