Skip to content

Skip to table of contents

Nòtaichean-deiridh

Nòtaichean-deiridh
  1.  Ag Aithneachadh Bàbilon Mhòr

  2.  Cuin a Thigeadh am Mesiah?

  3.  Modhan-obrach Meidigeach Far a Bheil Fuil air a Cleachdadh

  4.  Sgaradh-pòsaidh

  5.  Fèillean is Tachartasan Sònraichte

  6.    Galaran Gabhaltach

  7.  Cùisean Laghail agus Gnìomhachail

1. Ag Aithneachadh Bàbilon Mhòr

Ciamar a tha fios againn gu bheil “Bàbilon Mhòr” a’ ciallachadh creideamh fallsa? (Taisbeanadh 17:5) Smaoinich mu na puingean seo:

  • Tha i ag obrachadh air feadh an t-saoghail. Tha Am Bìoball ag ràdh gu bheil Bàbilon Mhòr na suidhe air “daoine is slòigh is nàiseanan.” Agus tha i “a’ riaghladh thairis air rìghrean na talmhainn.”—Taisbeanadh 17:15, 18.

  • Chan urrainn i a bhith na cumhachd poileataigeach no coimeirsealta. Seasaidh “rìghrean na talmhainn” agus an “luchd-reic” beò a dh’aindeoin an sgriosa aice.—Taisbeanadh 18:9, 15.

  •   Bidh i mì-riochdachadh Dhia. Tha i na strìopach air sgàth ’s gu bheil i a’ dèanamh caidreachasan còmhla ri riaghaltasan airson airgead no fàbhairean. (Taisbeanadh 17:1, 2) Bidh i mì-stiùireadh dhaoine bhon a h-uile nàisean. Agus tha i as coireach airson am bàis aig mòran.—Taisbeanadh 18:23, 24.

Till gu leasan 13 puing 6

2. Cuin a Thigeadh am Mesiah?

Ro-dh’innis Am Bìoball gum bi 69 seachdainean gun tigeadh am Mesiah.—Leugh Daniel 9:25.

  • Cuin a thòisich na 69 seachdainean? Anns a’ bhliadhna 455 R.C. Aig an àm sin, aiseag an Neach-riaghlaidh Nehemiah gu Ierusalem airson “a thogail suas” am baile.—Daniel 9:25; Nehemiah 2:1, 5-8.

  • Dè cho fad ’s a bha na 69 seachdainean? Uaireannan sa Bhìoball, tha latha a’ ciallachadh aon bhliadhna. (Àireamhan 14:34; Eseciel 4:6) Tha gach seachdain a’ ciallachadh, ma-thà, seachd bliadhnaichean. Anns an fhàidheadaireachd seo, tha 69 seachdainean a’ tighinn gu 483 bliadhnaichean (69 seachdainean x 7 làithean).

  •  Cuin a chrìochnaich na 69 seachdainean? A’ cunntadh 483 bliadhnaichean bho 455 R.C ruigidh sinn am bliadhna 29 A.C. a Seo am bliadhna gu mionaideach a chaidh Ìosa bhaisteadh agus thàinig e gu bith am Mesiah!—Lùcas 3:1, 2, 21, 22.

Till gu leasan 15 puing 5

3. Modhan-obrach Meidigeach Far a Bheil Fuil air a Cleachdadh

Tha modhan-obrach meidigeach ann a tha cleachdadh fala aig euslainteach fhèin. Tha cuid dhaibh—mar eisimpleir tabhartas fala no stòradh am fala aige fhèin airson lannsaireachd—nach gabhar Crìostaidhean ris.—Deuteronomi 15:23.

Tha modhan-obrach meidigeach eile ann gun urrainn Crìostaidhean a gabhail ris ge-tà. An lùib tha deuchainn-fhala, “hemodialysis”, “hemodilution,” no cleachdadh inneal “cell-salvage” no inneal “heart-lung bypass”. Feumaidh gach Crìostaidh a co-dhùnadh dha fhèin ciamar a bhios an fhuil aca air cleachdadh mar phàirt de lannsaireachd, deuchainn-meidigeach, no leigheasadh eile. Uaireannan bidh gach dotair a’ dèanamh leigheasadh ann an dòighean eadar-dhealaichte. Mar sin, ro lannsaireachd, deuchainn-meidigeach, no leigheasadh, feumaidh gach Crìostaidh faighinn a-mach gun teagamh ciamar a bhios an fhuil aige air a cleachdadh. Smaoinich air na ceistean seo:

  • Dè ma tha cuid den fala agam a’ gluasad a-mach às mo chorp agus tha an sruth air bhriseadh airson ùine? A bheil mo chogais a’ faireachdainn gu bheil an fhuil fhathast pàirt dhomh, mar sin chan eil feum “air an talamh dòirtidh tu i (an fhuil) mar uisge”?—Deuteronomi 12:23, 24.

  •   Ach dè ma tha cuid den fala agam fhèin air a tarraing às mo chorp mar pàirt de obair-leighis, a’ dol tro mion-atharrachadh, agus às dèidh sin a chuir air ais na (no air) mo chorp? A bheil seo a’ cur dragh air mo chogais a tha stiùirichte leis a’ Bhìoball, no a bheil mi toilichte a’ gabhail ris?

Till gu leasan 39 puing 3

4. Sgaradh-pòsaidh

Tha Am Bìoball mì-mhisneachadh sgaradh-pòsaidh agus tha e ag innse dhuinn ann an dòigh soilleir nach eil sgaradh-posaidh a’ toirt cead do chèile a pòsadh a-rithist. (1 Corintianaich 7:10, 11) Tha suidheachaidhean ann ge-tà, far a bheil Crìostaidhean air beachdaich sgaradh-pòsaidh.

  • A’ bacadh taice: Tha fear a’ diùltadh an dleastanas a coimhead às dèidh an teaghlaich gu fiosaigeach, gu ìre a tha an teaghlach ann an èiginn, às aonais feumalachdan bunaiteach.—1 Timòteus 5:8.

  • Fòirneart fiosaigeach: Droch-dhìol far a bheil slàinte fiosaigeach no fiù ’s beatha ann an cunnart.—Galàtianaich 5:19-21.

  •   A’ cur ann am fìor-chunnart dàimh le Iehòbha aig cuideigin: Tha cèile a’ giùlain gu bheil e neo-chomasach airson a’ chèile-pòsta eile Iehòbha a frithealadh.—Gnìomhan 5:29.

Till gu leasan 42 puing 3

5. Fèillean is Tachartasan Sònraichte

Cha bhi Crìostaidhean a’ gabhail pàirt ann an fèillean nach eil Iehòbha toilichte ris. Feumaidh gach Crìostaidh a’ cleachdadh a chogais a tha bunaichte air a’ Bhìoball airson co-dhùnadh ciamar a dèiligeas e le suidheachaidhean a thaobh fèillean a leithid. Meòraich air na h-eisimpleirean seo.

  • Tha cuideigin a’ toirt dhut dùrachd airson fèille sona. Faodaidh tu ràdh “Tapadh leibh.” Ma tha an duine airson tuilleadh ag ionnsachadh, faodaidh tu mìneachadh carson nach eil thu a’ comharrachadh na fèille seo.

  • Ma tha do chèile-pòsta, nach eil aon de Fianaisean Iehòbha, a’ toirt cuireadh dhut airson biadh a ghabhail le teaghlach aig àm fèille. Ma tha do chogais gad leigeil a dol ann, faodaidh tu a mìneachadh do chèile ro-làimh ma tha cleachdaidhean pàganta ann, cha bhi thu a’ gabhail pàirt.

  • Tha do neach-fastaidh a’ tabhainn duais airgid dhut aig àm fèille. Am bu chòir dhut diùltadh duais airgid? Chan fheum. Anns na shùilean do neach-fastaidh, a bheil an duais airgid pàirt den fèille, no a bheil e a’ sealltainn gu bheil e taingeil airson obair mhath a rinn thu?

  • Ma tha cuideigin a’ toirt dhut prèasant aig àm fèille. ’S dòcha gun chanas e: “Tha fios agam nach bi thu a’ cumail na fèille seo, ach bu toil leam seo a bhith agad.” ’S dòcha gu bheil e dìreach coibhneil. Air an làimh eile ge-tà, a bheil adhbhar ann airson smaoineachadh gu bheil e a’ feuchainn a chur do chreideamh fo dheuchainn no cur cuideam ort a gabhail pàirt ann? Às dèidh smaoineachadh air na rudan seo, tha e suas dhut fhèin a co-dhùnadh ma ghabhas tu am prèasant. Ann an gach co-dhùnadh, tha sinn ag iarraidh gum bi cogais glan againn agus gum bi sinn dìleas do Iehòbha.—Gnìomhan 23:1.

Till gu leasan 44 puing 1

 6. Galaran Gabhaltach

O chionn ’s gu bheil gràdh againn air daoine, tha sinn faiceallach gu dearbh nach bi sinn a’ sgaoileadh galaran gabhaltach do fheadhainn eile. Tha sin fìor ge be sinn a’ fulang le galar gabhaltach no a’ creidsinn gu bheil galar gabhaltach againn. Tha sinn a’ dèanamh mar seo oir tha aithne a’ Bhìobaill ag ràdh: “Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.”—Ròmanaich 13:​8-​10.

Ciamar as urrainn cuideigin le galar a sealltainn gràdh airson feadhainn eile? Cha bu chòir cuideigin aig a tha galar a sealltainn gràdh ann an dòigh fiosaigeach, mar eisimpleir le glacadh teann no pògadh. Cha bu chòir dha dragh a ghabhail, mura h-eil cuideigin eile ag iarraidh a cur fàilte air san dachaigh aige oir tha e ag iarraidh a theaghlach a dhìon bho galaran. Agus mus gheibh e baisteadh bu chòir dha ag innse dhan co-òrdanaiche buidhinn nan èildearan mun suidheachadh aige gus urrainn dhaibh a chur an sàs gnìomhan gus feadhainn eile a’ faighinn baisteadh a dhìon. Ro suirgheadh a tòiseachadh, bu chòir cuideigin a bha fosgailte ri galaran gabhaltach, ’s dòcha, deuchainn-fhala a dhèanamh gu deònach. Le seo a dhèanamh, bidh thu a’ sealltainn cùram agad air càch agus “na sealladh gach neach air na rudan a bhuineas dha fhèin, ach cuideachd air na rudan a bhuineas do dhaoine eile.”—Philipianaich 2:4.

Till gu leasan 56 puing 2

 7. Cùisean Laghail agus Gnìomhachail

Is urrainn dhuinn mòran duilgheadasan a bhacadh le bhith sgrìobhadh sìos cùmhnantan ionmhais—fiù ’s ged a tha an cùmhnant ri Crìostaidh eile. (Ieremiah 32:​9-​12) Ach, uaireannan, bidh eadar-dhealachaidhean beaga ann eadar Crìostaidhean a thaobh airgid no cùisean eile. Bu chòir dhaibh a bhith a’ rèiteachadh duilgheadasan a leithid ann an dòigh sgiobalta, gu sìtheil, agus gu prìobhaideach.

Ciamar am bu chòir dhuinn cùisean troma a leithid foill no cùl-chainnt a rèiteachadh, ge-tà? (Leugh Mata 18:​15-​17.) Thug Ìosa dhuinn trì ceuman ri leantainn:

  1. Feuch a’ chùis a rèiteachadh eadaraibh a-mhàin.—Faic rann 15.

  2. Mura dh’obraicheas sin, iarr air fear no dithis glic anns a’ cho-thional a dol còmhla riut.​—Faic rann 16.

  3. Ma bhios a’ chùis gun rèiteach, ’s ann dìreach an uairsin gum bu chòir dhut bruidhinn ri na h-èildearan.​—Faic rann 17.

Anns a’ mhòr chuid, cha bu chòir dhuinn a dol an aghaidh ar bràithrean ann an cùirt o chionn ’s gum bi feadhainn a’ smaoineachadh gu dona air Iehòbha agus a’ cho-thional. (1 Corintianaich 6:​1-8) Tha suidheachaidhean ann ge-tà, a dh’fhaodadh a bhith dèiligeadh ris ann an dòigh laghail, a leithid: cùisean-lagha briseadh-pòsaidh, cùram-laghail cloinne, airgead-sgaraidh, tagairtean àrachais, bristeachas, no pròbaid. Cha bhi Crìostaidh a tha a’ cleachdadh cùirt gus cùisean a rèiteachadh cho sìtheil ’s a ghabhas a’ dol an aghaidh comhairle ­a’ Bhìobaill.

Ma tha a’ chùis an lùib eucorach trom—a leithid èignich, droch-dhìol chloinne, droch-ionnsaigh, goid mhòr, no murt​—cha bhi Chrìostaidh a tha bruidhinn ri na h-ùghdarrasan mu rudan a leithid a’ dol an aghaidh comhairle a’ Bhìobaill.

Till gu leasan 56 puing 3

a Tha 455 R.C. gu 1 R.C. 454 bliadhnaichean. Tha 1 R.C. gu 1 A.C. dìreach aon bhliadhna (cha robh bliadhna neoni ann). Agus tha 1 A.C. gu 29 A.C. 28 bliadhnaichean. Tha seo a’ toirt dhuinn 483 bliadhnaichean gu lèir.