Skip to content

Dè Do Bheachd Air an t-Àm Ri Teachd?

Dè Do Bheachd Air an t-Àm Ri Teachd?

Am bi ar saoghal . . .

  • a’ fuireach mar a tha e?

  • a’ fàs nas miosa?

  • a’ fàs nas fheàrr?

THA AM BÌOBALL AG RÀDH

“Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.”—Taisbeanadh 21:3, 4, Am Bìoball Gàidhlig 1992.

THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT

Obair a tha tuigseach agus taitneach.—Isaiah 65:21-23.

Cha bhi an còrr tinneas no fulangas sam bith.—Isaiah 25:8; 33:24.

Beatha gun chrìoch, toilichte, còmhla ri teaghlach agus caraidean.—Salm 37:11, 29.

AN CREID SIN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?

Creididh, airson co-dhiù dà adhbhar:

  • Tha làn-chomas aig Dia airson coileanadh a gheallaidh. Anns a’ Bhìoball chan eil an t-ainm “Uile-chumhachdach” ach air Iehòbha Dia fhèin, oir tha a neart gun chrìoch. (Taisbeanadh 15:3) Air sgàth sin, tha e glè chomasach dhasan a ghealladh a chumail, agus ar saoghal atharrachadh gus a’ dhèanadh nas fheàrr. Mar a tha Am Bìoball ag radh, “ach do Dhia tha a h-uile sìon comasach.”—Mata 19:26. An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr 2017.

  • Is e miann Dhè an ghealladh a’ choileanadh. Mar eisimpleir, tha “dèidh” aig Iehòbha air beatha thoirt air ais do dhaoine a bhàsaich.—Iob 14:14, 15.

    Cuideachd, tha Am Bìoball a’ sealltainn gun do leighis a Mhac Dhè, Ìosa, daoine a bha tinn. Carson a rinn e sin? Air sgàth ’s gum b’e sin a mhiann aige. (Marcus 1:40, 41) Sheall Ìosa gu foirfe am pearsantachd Athair, leis a mhiann fhèin an fheadhainn a bha nan èiginn a chuideachadh.—Eòin 14:9.

    Mar sin, faodaidh sinn a bhi cinnteach gu bheil Iehòbha agus Ìosa airson sinne a’ chuideachadh a bhi toilichte san àm ri teachd!—Salm 72:12-14; 145:16; 2 Peadar 3:9.

SMAOINICH AIR

Ciamar a dh’atharraicheas Dia ar saoghal airson a dhèanamh e nas fheàrr?

Tha Am Bìoball a’ freagairt sin aig MATA 6:9, 10 agus DANIEL 2:44.