Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 13

Dè an Deagh-naidheachd mu Chreideamh?

Dè an Deagh-naidheachd mu Chreideamh?

1. A bheil a h-uile creideamh math?

Tha daoine onarach anns a h-uile creideamh. ’S e deagh-naidheachd a th’ann gu bheil Dia a’ faicinn na daoine sin agus tha cùram aige dhaibh. Ach gu mì-fhortanach, tha creideamh air a bhith a chleachdadh airson iomadh droch-rudan. (2 Corintianaich 4:3, 4; 11:13-15) S’ truagh air na luchd-creididh onarach nuair a chì iad creideamh anns na naidheachdan a tha an sàs ann an ceannairceachd, sgrìos-cinnidh, cogaidhean agus droch-dhìol chloinne.—Leugh Mata 24:3-5, 11, 12.

Ged a tha am fìor chreideamh a thoirt glòir do Dhia, cha toil leis creideamh fallsa idir. Tha creideamh fallsa a’ teagaisg smuaintean nach eil anns a’ Bhìoball, mar na teagasgan fallsa mu Dhia agus nam mairbh. Ach tha Iehòbha ag iarraidh daoine ag ionnsachadh an fhìrinn ma dheidhinn.—Leugh Eseciel 18:4; 1 Timòteus 2:3-5.

2. Dè an deagh-naidheachd mu chreideamh?

Gu dòigheil, chan eil Dia air mhealladh le creideamhan a tha ag ràdh gu bheil gràdh aca air a shon, ach a tha’ ad caraid dhan t-saoghal aig Sàtan. (Sheumais 4:4) Tha Am Facal Dhè ag innse dhuinn gur e “Babilon Mhòr” a tha a h-uile creideamh fallsa air ainmichear. Bha Babilon baile mòr aosda far an do thòisich creideamh fallsa as dèidh na Tuile anns na làithean Noah. A dh’aithgheàrr, bheir Dia gach creideamh a tha mealladh agus a bruideadh mac an duine gu crìoch.—Leugh Taisbeanadh 17:1, 2, 5, 16, 17; 18:8.

Tha barrachd deagh-naidheachd ann. Chan eil Iehòbha air dhìochuimhneachadh na daoine onarach a tha sgaoilte am measg nan creideamhan fallsa air feadh an t-saoghal. Tha Iehòbha a dh’aonachadh daoine mar seo le teagaisg an fhìrinn dhaibh.—Leugh Micah 4:2, 5.

3. Dè bu chor daoine onarach a dhèanamh?

Tha am fìor chreideamh ag aonachadh daoine

Tha cùram aig Iehòbha airson daoine aig a bheil gràdh airson rudan fìrinneach agus math. Tha e ag iarraidh orra a fàgail creideamh fallsa air a’ chùlaibh. Tha daoine deònach atharrachaidhean a’ dhèanamh nuair a tha gràdh aca airson Iehòbha.—Leugh Taisbeanadh 18:4.

’S a’ chiad linn, dhèilig na daoine onarach le aoibhneas nuair a chuala iad an deagh-naidheachd bho na h-abstolan. Ionnsaich iad dòigh beatha ùr bho Iehòbha, dòigh nas fhèarr, nas thoilichte le adhbhar agus dòchas. Tha iadsan eisimpleir math dhuinn air sgàth ’s gun dhèilig iad dhan deagh-naidheachd nuair a chuir iad Iehòbha anns a phrìomh àite ’sa bheatha aca.—Leugh 1 Tesalonianaich 1:8, 9; 2:13.

Tha Iehòbha a’ cur fàilte air a h-uile duine a tha tionndadh gu Dia bho creideamh fallsa. Ma tha thu a’ gabhail an cuireadh cridheil aig Iehòbha, bheir thu càirdeas, teaghlach ùr gràdhach de luchd-adhraidh Iehòbha, agus beatha mhaireannach.—Leugh Marcus 10:29, 30; 2 Corintianaich 6:17, 18.

4. Ciamar a bheir Dia aoibhneas dhan a h-uile tìr?

Tha an sgrios a tha tighinn airson creideimh fallsa deagh-naidheachd gu dearbh. Bheir e cobhair bho brùidealachd air feadh an t-saoghal. An uair sin, cha b’urrainn creideamh fallsa a mì-stiùireadh is sgaradh mac an duine a-rithist. Bidh a h-uile duine beò aonaichte san adhradh an t-aon Dia fìor.—Leugh Taisbeanadh 18:20, 21; 21:3, 4.