Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 12

Ciamar a Dh’fhàsas Sinn Faisg ri Dia?

Ciamar a Dh’fhàsas Sinn Faisg ri Dia?

1. A Bheil Dia ag èisteachd ris a h-uile ùrnaigh?

Tha Dia ag iarraidh daoine de gach seòrsa a dlùthachadh ris ann an ùrnaigh. (Salm 65:2) Ach, chan eil e ag èisteachd ri, no a gabhail, a h-uile ùrnaigh. Mar eisimpleir, bidh na h-ùrnaighean aig duine a tha droch-laimhseachadh a bhean aige air bacadh. (1 Peadar 3:7) Cuideachd, nuair a bha na h-Eabhraidhich an còmhnaidh a dèanamh droch-rudan, cha robh Dia a’ cluinntinn na h-ùrnaighean aca idir. ’S e phribhleid a tha dèanamh ùrnaigh. Co-dhiù, gabhaidh Dia ùrnaighean aig daoine a tha fìor mhì-ghiùlan air dèanamh ma nì iad aithreachas.—Leugh Isaiah 1:15; 55:7.

Seall air a’ bhideo A Bheil Dia ag Èisteachd ris a h-uile Ùrnaigh?

2. Ciamar am bu chòir sinn a dèanamh ùrnaigh?

Tha ùrnaigh pàirt den adhradh againn. Air sgàth sin, bu chòir sinn a dèanamh ùrnaigh ri ar Cruithear, Iehòbha. (Mata 4:10; 6:9) Cuideachd, a chor ’s gu bheil sinn neo-iomlan, bu chòir dhuinn a bhith ag ùrnaigh san t-ainm Ìosa oir bhàsaich e airson ar peacaidhean. Chan eil Iehòbha ag iarraidh sinn ag ràdh an aon ùrnaigh a tha air ar teangaidh a rithist sa rithist. Tha e ag iarraidh ùrnaigh o ghrunnd ar chridhe.—Leugh Mata 6:7; Philipianaich 4:6, 7.

Faodaidh ar Cruithear a chluinntinn ùrnaighean sàmhach a tha nan inntinn againn fhìn. (1 Samuel 1:12, 13) Tha e ag iarraidh sinn a dèanamh ùrnaigh aig a h-uile àm, mar aig an toiseach agus deireadh gach là, aig àm dinneir agus nuair a tha trioblaid againn.—Leugh Salm 55:22; Mata 15:36.

3. Carson a tha Crìostaidhean a cruinneachadh ri chèile?

Chan eil a’ fàs dlùth ri Dia furasta air sgath ’s gu bheil sinn a’ fuireach ann an saoghal làn dhaoine aig nach eil creideamh agus bidh iad uaireannan a’ magadh an dòchas a th’ againn mu sìth air na talmhainn. (2 Timòteus 3:1, 4; 2 Peadar 3:3, 13) A dh’aindeoin sin tha feum againn air caraidean brosnachail agus tha feum aca airson caraidean mar sin cuideachd.—Leugh Eabhraidhich 10:24, 25.

Nuair a tha sinn am measg dhaoine aig a bheil gràdh air Dia, tha sin a’ cuideachadh sinn a fàs dlùth ri Dia. Tha na coinneamhan aig Fianaisean Iehòbha cothrom glè mhath airson brosnachadh fhaighinn bhon chreideamh aig feadhainn eile.—Leugh Ròmanaich 1:11, 12.

4. Ciamar a dh’fhàsas sinn faisg ri Dia?

Faodaidh thu fhèin a fàs faisg ri Iehòbha nuair a leughadh tu le beachd-smaoinichidh na rudan a dh’ionnsaich thu bho Am Facal-sa. Smaoinich mu dè ionnsaich thu bhon obair, gnìomhan, comhairle is na geallaidhean aige. Bidh thu a’ togail taing nad chridhe airson an gràdh Dhè le ùrnaigh agus meòrachadh.—Leugh Iosua 1:8; Salm 1:1-3.

Faodaidh tu bhith faisg air Dia ma tha earbsa agus creideas agad annta. Ach tha an creideas agad mar rudeigin beò, feumaidh tu a thoirt biadh dha gus am fàs e nas làidire. Feumaidh tu a biadhadh an chreideas agad le ath-sgrùdadh is meòrachadh air do chreideas.—Leugh Mata 4:4; Eabhraidhich 11:1, 6.

5. Nuair a dh’fhàsas tu nas fhaisge ri Dia, dè na beannachdan a gheibh thu?

Tha cùram aig Iehòbha airson an fheadhainn aig a bheil gràdh air a shon. Faodaidh e a dìonadh iad bhon a h-uile cunnart a th’ann airson an creideis agus an dòchais a th’aca airson beatha mhaireannach. (Salm 91:1, 2, 7-10) Thoirt e dhuinn rabhadh mun a h-uile càil a tha a’ bhagairt ar toilleachas agus slàinte. Tha Iehòbha a’ teagaisg dhuinn an dòigh beatha as fheàrr a th’ann.—Leugh Salm 73:27, 28; Seumas 4:4, 8.